Mata 10 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus air gairm a dhà-dheisciobal-dheug da ionnsaigh, thug e cumhachd dhaibh an aghaidh nan spiorad neòghlan, gu an tilgeadh a‑mach, agus a shlànachadh gach gnè easlaint, agus gach gnè eucail. 2 Agus is iad seo ainmean an dà‑abstol-dheug; an ciad fhear, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair; 3 Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs-mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus; 4 Sìmon an Canàanach, agus Iùdas Iscariot, an neach fòs a bhrath esan. 5 Chuir Iosa an dà‑fhear-dheug seo a‑mach a’ tabhairt àithne dhaibh, ag ràdh, Na gabhaibh gu slighe nan Cinneach, agus na rachaibh a‑steach do aon bhaile a bhuineas do na Samaritanaich: 6 Ach gum b’fheàrr leibh dol a dh’ionnsaigh caoraich chaillte taigh Israeil. 7 Agus air imeachd dhuibh, searmonaichibh, ag ràdh, Tha rìoghachd nèimh am fagas. 8 Lèighsibh an dream a tha tinn, glanaibh na lobhair, dùisgibh na mairbh, tilgibh a‑mach na deamhain: an asgaidh fhuair sibh, an asgaidh thugaibh uaibh. 9 Na solairibh òr, no airgead, no umha nur sporanan; 10 No màla a‑chum ur turais, no dà chòta, no brògan, no bataichean: (oir is airidh am fear-obrach air a lòn). 11 Agus ge bè air bith cathair no baile don tèid sibh a‑steach, feòraichibh cò a tha na dheagh-airidh innte; agus fanaibh an sin gus am fàg sibh an t‑àite sin. 12 Agus nuair a thig sibh a‑steach do thaigh, beannaichibh dha. 13 Agus mas airidh an taigh sin, thigeadh ur sìth air; ach mura airidh, tilleadh ur sìth dur n‑ionnsaigh fhèin a‑rìs. 14 Agus ge bè neach nach gabh ribh, agus nach èisd ri ur briathran; air dol a‑mach as an taigh, no as a’ bhaile sin dhuibh, crathaibh dhibh duslach ur cas. 15 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios staid fearann Shòdoim agus Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na staid a’ bhaile sin. 16 Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh-allaidh: air an adhbhar sin bithibh-se glic mar na nathraichean, agus neo-chronail mar na calamain. 17 Ach bithibh air ur faicill o dhaoine, oir bheir iad an làimh sibh do chomhairlean, agus sgiùrsaidh iad sibh nan sionagogan: 18 Agus bheirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo sgàth-sa, mar fhianais dhaibhsan agus do na Cinnich. 19 Ach nuair a bheir iad an làimh sibh, na biodh e na ro‑chàs oirbh cionnas no ciod a labhras sibh; oir bheirear dhuibh, anns an uair sin fhèin, an nì a labhras sibh. 20 Oir cha sibhse a labhras, ach Spiorad ur n‑Athar fhèin a labhras annaibh. 21 Agus bheir am bràthair a bhràthair fhèin suas a‑chum bàis, agus an t‑athair am mac; agus èiridh a’ chlann an aghaidh am pàrantan, agus bheir iad fa‑near gun cuirear gu bàs iad. 22 Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme-sa: ach, ge bè a bhuanaicheas gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar. 23 Agus nuair a nì iad geur-leanmhainn oirbh anns a’ bhaile seo, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach imich sibh air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine. 24 Chan eil an deisciobal os cionn a mhaighistir, no an seirbhiseach os cionn a thighearna. 25 Is leòr don deisciobal a bhith mar a mhaighistir, agus don t‑seirbhiseach a bhith mar a thighearna: ma ghoir iad Beelsebub de fhear an taighe, nach mò na sin a ghoireas iad e de a mhuinntir? 26 Uime sin na biodh eagal oirbh romhpa: oir chan eil nì sam bith falaichte nach foillsichear; agus an cleith nach dèanar aithnichte. 27 An nì a dh’innseas mise dhuibh anns an dorchadas, labhraibh e anns an t‑solas; agus an nì a chluinneas sibh anns a’ chluais, searmonaichibh e air mullach nan taighean. 28 Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn. 29 Nach eil dà ghealbhan air an reic air feòirling: agus cha tuit a h‑aon dhiubh air an talamh as eugmhais freasdal ur n‑Athar-se. 30 Ach tha eadhon fuilteanan ur cinn uile air an àireamh. 31 Air an adhbhar sin na biodh eagal oirbh; is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan. 32 Uime sin ge bè a dh’aidicheas mise am fianais dhaoine, aidichidh mise esan mar an ceudna am fianais m’Athar a tha air nèamh. 33 Ach ge bè a dh’àicheas mise am fianais dhaoine, àichidh mise esan am fianais m’Athar a tha air nèamh. 34 Na measaibh gun tàinig mise a chur sìthe air an talamh: chan ann a chur sìthe a thàinig mi, ach a chur claidheimh. 35 Oir thàinig mi a chur duine an aghaidh a athar, agus na nighinn an aghaidh a màthar, agus bean a’ mhic an aghaidh a màthar-chèile. 36 Agus is iad muinntir a theaghlaich fhèin a bhios nan naimhdean do dhuine. 37 An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn-sa, chan airidh orm e: 38 Agus an tì nach glac a chrann-ceusaidh, agus nach lean mise, chan airidh orm e. 39 An tì a gheibh a anam, caillidh e e: ach an tì a chailleas a anam air mo shon-sa, gheibh e e. 40 An tì a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi. 41 An tì a ghabhas ri fàidh ann an ainm fàidh, gheibh e duais fàidh; agus an tì a ghabhas ri fìrean ann an ainm fìrein, gheibh e duais fìrein. 42 Agus ge bè a bheir cupan de uisge fuar a‑mhàin ra òl do aon den mhuinntir bhig seo, an ainm deisciobail, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e air chor sam bith a dhuais. |