2 Eòin 1 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An seanair a‑chum na ban-tighearna thaghte, agus a‑chum a cloinne, as ionmhainn leam anns an fhìrinn; agus chan ann leamsa a‑mhàin, ach leòsan uile mar an ceudna a ghabh eòlas air an fhìrinn; 2 Airson na fìrinn a tha na còmhnaidh annainne, agus a bhios maille rinn gu bràth: 3 Gràs, tròcair, agus sìth gu robh maille ribh o Dhia an t‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd, Mac an Athar, ann am fìrinn agus ann an gràdh. 4 Bha gàirdeachas mòr orm, do bhrìgh gun d’fhuair mi cuid ded chloinn-sa ag imeachd anns an fhìrinn, a rèir mar a fhuair sinne àithne on Athair. 5 Agus a‑nis guidheam ort, a bhan-tighearna, chan ann mar gun sgrìobhainn àithne nuadh ad ionnsaigh, ach an àithne a bha againn o thùs, gun gràdhaicheamaid a chèile. 6 Agus is e seo an gràdh, gun imicheamaid a rèir a àitheantan-san. Is i seo an àithne, mar a chuala sibh o thùs, gun imicheadh sibh innte. 7 Oir tha mòran mhealltairean air teachd a‑steach don t‑saoghal, nach eil ag aideachadh gu bheil Crìosd air teachd anns an fheòil. Is mealltair seo agus ana-crìosd. 8 Thugaibh aire dhuibh fhèin, nach caill sinn na nithean sin a shaothraich sinn, ach gum faigh sinn làn-duais. 9 Ge bè neach a bhriseas an lagh, agus nach fan ann an teagasg Chrìosd, chan eil Dia aige: an tì a dh’fhanas ann an teagasg Chrìosd, tha araon an t‑Athair agus am Mac aige. 10 Ma thig neach air bith dur n‑ionnsaigh, agus nach toir e an teagasg seo leis, na gabhaibh e a‑steach dur taigh, agus na abraibh ris, Guma subhach dhut: 11 Oir ge bè neach a their ris, Guma subhach dhut, tha compàirt aige de a dhroch obraichean. 12 Air dhomh mòran a bhith agam ri sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, cha b’àill leam sgrìobhadh le paipear agus dubh; ach tha dòchas agam teachd dur n‑ionnsaigh, agus labhairt beul ri beul, a‑chum gum bi ar gàirdeachas coileanta. 13 Tha clann do pheathar thaghte a’ cur fàilte ort. Amen. |