Mata 8 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus air teachd a‑nuas on bheinn dha, lean cuideachd mhòr e. 2 Agus, feuch, thàinig lobhar, agus rinn e adhradh dha, ag ràdh, A Thighearna, mas àill leat, is comasach thu air mise a ghlanadh. 3 Agus shìn Iosa a‑mach a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is àill leam; bi thusa glan. Agus air ball bha a luibhre air a glanadh. 4 Agus thubhairt Iosa ris, Feuch nach innis thu do dhuine sam bith, ach imich, taisbein thu fhèin don t‑sagart, agus thoir da ionnsaigh an tìodhlac a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh. 5 Agus air dol do Iosa a‑steach do Chapernàum, thàinig da ionnsaigh ceannard-ceud, a’ guidhe air, 6 Agus ag ràdh, A Thighearna, tha m’òglach na laighe a‑staigh ann am pairilis, agus air a phianadh gu h‑anabarrach. 7 Agus thubhairt Iosa ris, Thèid mise, agus slànaichidh mi e. 8 Agus air freagairt don cheannard-ceud, thubhairt e, A Thighearna, chan airidh mise air thusa a theachd a‑steach fom chlèith: ach a‑mhàin abair am facal, agus slànaichear m’òglach. 9 Oir is duine mise fhèin a tha fo ùghdarras, aig a bheil saighdearan fodham: agus their mi ris an fhear seo, Imich, agus imichidh e: agus ris an fhear seo eile, Thig, agus thig e: agus rim sheirbhiseach, Dèan seo, agus nì e e. 10 Nuair a chuala Iosa seo, ghabh e iongantas, agus thubhairt e ris a’ mhuinntir a lean e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ann an Israel fhèin nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo. 11 Agus tha mi ag ràdh ribh gun tig mòran on àird an ear agus on àird an iar, agus gun suidh iad maille ri Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, ann an rìoghachd nèimh: 12 Ach gun tilgear clann na rìoghachd ann an dorchadas a tha an leth a‑muigh; bidh an sin gul agus gìosgan fhiacal. 13 Agus thubhairt Iosa ris a’ cheannard-ceud, Imich romhad, agus biodh e dhut a rèir mar a chreid thu. Agus shlànaicheadh a òglach an uair sin fhèin. 14 Agus nuair a thàinig Iosa gu taigh Pheadair, chunnaic e màthair a mhnà na laighe, agus i ann am fiabhras. 15 Agus bhean e ra làimh, agus dh’fhàg am fiabhras i: agus dh’èirich i, agus rinn i frithealadh dha. 16 Agus nuair a bha am feasgar air teachd, thug iad da ionnsaigh mòran anns an robh deamhain; agus thilg e na spioradan a‑mach le a fhacal, agus shlànaich e iadsan uile a bha easlan: 17 A‑chum gun coileante an nì a labhradh le Esaias am fàidh, ag ràdh, Ghabh esan ar n‑anfhainneachdan air fhèin, agus ghiùlain e ar n‑easlaintean. 18 Agus nuair a chunnaic Iosa sluagh mòr ma thimcheall, dh’àithn e dol as a sin don taobh eile. 19 Agus thàinig sgrìobhaiche àraidh, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, leanaidh mise thu, ge bè taobh a thèid thu. 20 Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus neadan aig eunlaith an adhair; ach chan eil aig Mac an Duine ionad anns an cuir e a cheann fodha. 21 Agus thubhairt fear eile de a dheisciobail ris, A Thighearna, leig dhòmhsa imeachd air tùs agus m’athair adhlacadh. 22 Ach thubhairt Iosa ris, Lean mise, agus leig leis na mairbh am mairbh fhèin adhlacadh. 23 Agus air dol dhàsan a‑steach do luing, lean a dheisciobail e. 24 Agus, feuch, dh’èirich doineann mhòr air an fhairge, ionnas gun d’fhalaich na tuinn an long: ach bha esan na chadal. 25 Agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, agus dhùisg iad e, ag ràdh, A Thighearna, teasairg sinn: tha sinn caillte. 26 Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo eagal, sibhse air bheag creidimh? An sin dh’èirich e, agus chronaich e na gaothan agus an fhairge; agus bha ciùine mhòr ann. 27 Ach ghabh na daoine iongantas, ag ràdh, Ciod e a’ ghnè dhuine seo, gu bheil na gaothan fhèin agus an fhairge umhail dha? 28 Agus air teachd dha don taobh eile, gu tìr na Gergesèneach, thachair dithis dhaoine air anns an robh deamhain, a’ teachd a‑mach as na h‑àitean-adhlaic, agus iad ro‑gharg, ionnas nach faodadh duine sam bith an t‑slighe sin a ghabhail. 29 Agus, feuch, ghlaodh iad, ag ràdh, Ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo gar pianadh ron àm? 30 Agus bha treud mhòr mhuc am fad uapa, ag ionaltradh. 31 Agus dh’iarr na deamhain a dh’athchuinge airsan, ag ràdh, Ma thilgeas tu a‑mach sinn, leig dhuinn dol anns an treud mhuc ud. 32 Agus thubhairt e riu, Imichibh. Agus air dol a‑mach dhaibh, chaidh iad anns an treud mhuc: agus, feuch, ruith an treud mhuc uile gu dian sìos air ionad corrach don fhairge; agus chailleadh anns na h‑uisgeachan iad. 33 Agus theich na buachaillean, agus chaidh iad don bhaile, agus dh’innis iad na nithean seo uile, agus na thachair dhaibhsan anns an robh na deamhain. 34 Agus, feuch, chaidh am baile uile a‑mach a choinneachadh Iosa; agus nuair a chunnaic iad e, ghuidh iad air imeachd as an crìochan-san. |