Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 12 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Anns an àm sin, nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd.

2 Oir chan eil nì air bith falaichte, nach foillsichear: no uaigneach, air nach faighear fios.

3 Air an adhbhar sin, ge bè nì a labhair sibh anns an dorchadas, cluinnear e anns an t‑solas: agus an nì a labhair sibh anns a’ chluais ann an seòmraichean uaigneach, èighear e air mullach nan taighean.

4 Agus tha mi ag ràdh ribhse, mo chàirdean, Na biodh eagal oirbh ron mhuinntir sin a mharbhas an corp, agus na dhèidh sin aig nach eil nì tuilleadh a dh’fhaodas iad a dhèanamh.

5 Ach nochdaidh mi dhuibh cò e ron còir dhuibh eagal a bhith oirbh: Biodh eagal an Tì ud oirbh aig a bheil cumhachd, an dèidh neach a mharbhadh, a thilgeadh do ifrinn; seadh, tha mi ag ràdh ribh, Biodh eagal an Tì seo oirbh.

6 Nach eil còig gealbhain air an reic air dà fheòirling, agus chan eil aon dhiubh air a dhearmad am fianais Dhè?

7 Ach tha eadhon fuilteinean ur cinn uile air an àireamh. Uime sin na biodh eagal oirbh: is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan.

8 Agus tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a dh’aidicheas mise am fianais dhaoine, aidichidh Mac an Duine esan mar an ceudna an làthair ainglean Dhè.

9 Ach ge bè neach a dh’àicheas mise am fianais dhaoine, àichear esan am fianais ainglean Dhè.

10 Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach don tì a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha toirear maitheanas.

11 Agus nuair a bheir iad sibh a‑chum nan sionagog, agus nan uachdaran, agus nan daoine cumhachdach, na biodh e na ro‑chùram oirbh cionnas no ciod a fhreagras sibh, no ciod a their sibh:

12 Oir teagaisgidh an Spiorad Naomh dhuibh, anns an uair sin fhèin, na nithean as còir dhuibh a ràdh.

13 Agus thubhairt neach àraidh den t‑sluagh ris, A Mhaighistir, abair rim bhràthair an oighreachd a roinn rium.

14 Agus thubhairt e ris, A dhuine, cò a chuir mise am bhritheamh no am fhear-roinn os ur cionn?

15 Agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o shannt: oir chan ann am mòr-phailteas nan nithean a tha e a’ sealbhachadh a tha beatha an duine.

16 Agus labhair e cosamhlachd riu, ag ràdh, Thug fearann duine shaoibhir àraidh bàrr pailt uaithe:

17 Agus smaoinich e ann fhèin, ag ràdh, Ciod a nì mi, a chionn nach eil agam àit anns an cruinnich mi mo thoradh?

18 Agus thubhairt e, Nì mi seo: leagaidh mi mo shaibhlean, agus togaidh mi saibhlean as mò; agus cruinnichidh mi annta sin mo thoradh uile, agus mo mhaoin.

19 Agus their mi rim anam, Anam, tha agad mòran de nithean matha air an tasgadh fa chomhair mòran bhliadhnachan; gabh fois, ith, òl, agus bi subhach.

20 Ach thubhairt Dia ris, Amadain, air an oidhche seo fhèin iarrar d’anam uat: an sin cò dha a bhuineas na nithean sin a dh’ullaich thu?

21 Is ann mar sin a tha an tì a thaisgeas ionmhas dha fhèin, agus nach eil saoibhir a‑thaobh Dhè.

22 Agus thubhairt e ra dheisciobail, Uime sin tha mise ag ràdh ribh, na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh.

23 Is mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach.

24 Thugaibh fa‑near na fithich: oir chan eil iadsan a’ cur no a’ buain; chan eil aca taigh-tasgaidh no sabhal; agus tha Dia gam beathachadh: cia mòr as fheàrr sibhse na an eunlaith?

25 Agus cò agaibhse, le ro‑chùram, as urrainn aon làmh-choille a chur ra àirde fhèin?

26 Mura eil sibh uime sin comasach air an nì as lugha a dhèanamh, carson a tha sibh ro‑chùramach mu nithean eile?

27 Thugaibh fa‑near na lilidhean, cionnas a tha iad a’ fàs: chan eil iad a’ saothrachadh, no a’ snìomh: gidheadh tha mi ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na ghlòir uile air a sgeadachadh mar aon dhiubh seo.

28 Agus ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh an fheòir, a tha an‑diugh anns a’ mhachair, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mòr as mò a sgeadaicheas e sibhse, O dhaoine air bheag creidimh?

29 Uime sin na iarraibh-se ciod a dh’itheas sibh, no ciod a dh’òlas sibh, agus na bithibh amharasach.

30 Oir na nithean seo uile tha cinnich an t‑saoghail ag iarraidh: ach tha fhios aig ur n‑Athair-se gu bheil feum agaibh air na nithean sin.

31 Ach iarraibh-se rìoghachd Dhè, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

32 Na biodh eagal ort, a threud bhig; oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh.

33 Reicibh na bheil agaibh, agus thugaibh dèirc uaibh: dèanaibh dhuibh fhèin sporain nach fàs sean, ionmhas nach teirig, anns na nèamhan, far nach tig gadaiche am fagas, agus nach truaill an reudan.

34 Oir ge bè àite anns a bheil ur n‑ionmhas, an sin bidh ur cridhe mar an ceudna.

35 Biodh ur leasraidh crioslaichte mun cuairt, agus ur lòchrain air an lasadh;

36 Agus sibh fhèin cosmhail ri daoine a tha a’ feitheamh ris an Tighearna, nuair a thilleas e on phòsadh; a‑chum air dha teachd agus bualadh, gun grad-fhosgail iad dha.

37 Is beannaichte na seirbhisich sin a gheibh an Tighearna, nuair a thig e, ri faire: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun crioslaich e e fhèin mun cuairt, agus gun cuir e nan suidhe iad a‑chum bìdh, agus gun tig e a‑mach agus gun dèan e frithealadh dhaibh.

38 Agus ma thig e anns an dara faire, no ma thig e anns an treas faire, agus gum faigh e iad mar sin, is beannaichte na seirbhisich sin.

39 Agus biodh cinnt agaibh air a seo, nam biodh fhios aig fear an taighe cia an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e a thaigh a bhith air a tholladh troimhe.

40 Bithibh-se uime sin deas mar an ceudna: oir thig Mac an Duine nuair nach saoil sibh.

41 Agus thubhairt Peadar ris, A Thighearna, an ann rinne a tha thu a’ labhairt a’ chosamhlachd seo, no ris na h‑uile?

42 Agus thubhairt an Tighearna, Cò e uime sin an stiùbhard fìrinneach agus glic sin, a chuireas a thighearna os cionn a theaghlaich, a thoirt dhaibh an cuibhreann bìdh na àm fhèin?

43 Is beannaichte an seirbhiseach sin a gheibh a thighearna, nuair a thig e, a’ dèanamh mar sin.

44 Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun cuir e e os cionn na bheil aige.

45 Ach ma their an seirbhiseach sin na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàile na theachd; agus ma thòisicheas e air na h‑òglaich agus na banoglaich a bhualadh, agus ithe, agus òl, agus a bhith air mhisg:

46 Thig tighearna an t‑seirbhisich sin ann an là nach eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios dha, agus gearraidh e na bhloighdean e, agus bheir e a chuibhreann dha maille ris na mì‑chreidmhich.

47 Agus an seirbhiseach sin dom b’aithne toil a mhaighistir, agus nach d’ullaich e fhèin, agus nach do rinn a rèir a thoile, buailear e le mòran bhuillean.

48 Ach an tì do nach b’aithne, agus a rinn nithean a b’airidh air buillean, buailear esan le beagan bhuillean. Oir gach neach don tugadh mòran, iarrar mòran uaithe: agus ge bè rin d’earbadh mòran, iarrar an tuilleadh air.

49 Thàinig mise a chur teine air an talamh, agus ciod as àill leam, ma tha e cheana air fhadadh.

50 Ach tha baisteadh agam ri bhith air mo bhaisteadh leis, agus cionnas a tha mi air mo theannachadh gus an coileanar e!

51 A bheil sibh a’ saoilsinn gun tàinig mise a thoirt sìth air an talamh? Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh, ach aimhreit.

52 Oir bidh à seo suas còignear ann an aon taigh air an roinn, triùir an aghaidh dithis, agus dithis an aghaidh triùir.

53 Bidh an t‑athair air a roinn an aghaidh a’ mhic, agus am mac an aghaidh an athar; a’ mhàthair an aghaidh na nighinn, agus an nighean an aghaidh na màthar; a’ mhàthair-chèile an aghaidh bean a mic, agus bean a’ mhic an aghaidh a màthar-chèile.

54 Agus thubhairt e mar an ceudna ris an t‑sluagh, Nuair a chì sibh neul ag èirigh anns an àird an iar, air ball their sibh, Tha fras a’ teachd; agus tha e mar sin.

55 Agus nuair a chì sibh a’ ghaoth a deas a’ sèideadh, their sibh, Bidh teas ann; agus tha e a’ tachairt.

56 A chealgairean, is aithne dhuibh breith a thoirt air aghaidh nan speur agus na talmhainn; ach cionnas nach eil sibh a’ toirt breith air an aimsir seo?

57 Agus carson nach eil sibh eadhon uaibh fhèin a’ breithneachadh an nì sin a tha ceart?

58 Nuair a thèid thu maille rid eascaraid a‑chum an uachdarain, dèan dìcheall anns an t‑slighe air a bhith air do shaoradh uaithe; air eagal gun tarraing e a‑chum a’ bhritheimh thu, agus gun toir am britheamh thairis don mhaor thu, agus gun tilg am maor am prìosan thu.

59 Tha mi ag ràdh riut nach tèid thu a‑mach as a sin, gus an ìoc thu eadhon a’ phèighinn dheireannach.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan