Marcus 10 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus air èirigh dha as a sin, thàinig e gu crìochan Iudèa tron dùthaich a tha air an taobh thall de Iòrdan: agus thàinig slòigh da ionnsaigh a‑rìs; agus mar bu ghnàth leis, theagaisg e iad a‑rìs. 2 Agus thàinig na Pharasaich da ionnsaigh, agus dh’fheòraich iad dheth ga dhearbhadh, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur air falbh? 3 Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Ciod a dh’àithn Maois dhuibh? 4 Agus thubhairt iadsan, Thug Maois cead dhuinn litir-dhealachaidh a sgrìobhadh, agus a cur air falbh. 5 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Airson cruas ur cridhe, sgrìobh e an àithne seo dhuibh. 6 Gidheadh o thoiseach na cruitheachd, rinn Dia iad fear agus bean. 7 Air an adhbhar seo, fàgaidh duine a athair agus a mhàthair, agus dlùth-leanaidh e ra mhnaoi-phòsda; 8 Agus bidh iad araon nan aon fheòil: ionnas nach dithis iad o sin suas, ach aon fheòil. 9 Air an adhbhar sin, an nì a chuir Dia cuideachd, na cuireadh duine o chèile. 10 Agus anns an taigh, dh’fheòraich a dheisciobail dheth a‑rìs mu thimcheall an nì cheudna. 11 Agus thubhairt e riu, Ge bè neach a chuireas air falbh a bhean fhèin, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais na h‑aghaidh. 12 Agus ma chuireas bean air falbh a fear fhèin, agus ma bhios i air a pòsadh ri fear eile, tha i a’ dèanamh adhaltranais. 13 Agus thug iad leanaban da ionnsaigh, a‑chum gum beanadh e riu; agus chronaich a dheisciobail a’ mhuinntir a thug leo iad. 14 Ach nuair a chunnaic Iosa sin, bha e ro‑dhiombach, agus thubhairt e riu, Leigibh do na leanaban teachd am ionnsaigh, agus na bacaibh iad: oir is ann dan leithidean a tha rìoghachd Dhè. 15 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè neach nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag, nach tèid e gu bràth a‑steach innte. 16 Agus ghlac e na uchd iad, agus chuir e a làmhan orra, agus bheannaich e iad. 17 Agus nuair a chaidh e a‑mach air an t‑slighe, thàinig neach na ruith, agus leig e e fhèin air a ghlùinean dha, agus dh’fheòraich e dheth, A Mhaighistir mhaith, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach? 18 Agus thubhairt Iosa ris, Carson a ghoireas tu math dhìomsa? Chan eil neach sam bith math ach a h‑aon, is e sin Dia. 19 Is aithne dhut na h‑àitheantan, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Na dèan eucoir, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair. 20 Ach fhreagair esan agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, choimhead mi iad sin uile om òige. 21 Agus air amharc do Iosa air, ghràdhaich e e, agus thubhairt e ris, Tha aon nì a dh’uireasbhaidh ort: imich, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, tog an crann-ceusaidh, agus lean mise. 22 Agus bha doilgheas airsan airson nam briathran sin, agus dh’fhalbh e gu tùirseach; oir bha mòran saoibhreis aige. 23 Agus air amharc do Iosa mun cuairt, thubhairt e ra dheisciobail, Cia deacair don mhuinntir sin aig a bheil mòr-shaoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè! 24 Agus bha mòr-uamhas air na deisciobail airson a bhriathran. Ach fhreagair Iosa a‑rìs, agus thubhairt e riu, A chlann, cia deacair dhaibhsan a chuireas an dòigh ann an saoibhreas, dol a‑steach do rìoghachd Dhè! 25 Is fhasa do chàmhal dol tro chrò na snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè. 26 Ach bha uamhas orrasan thar tomhas, ag ràdh eatorra fhèin, Cò mas eadh a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh? 27 Agus air do Iosa amharc orra, thubhairt e, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach chan eil do Dhia: oir do Dhia tha na h‑uile nithean comasach. 28 Agus thòisich Peadar air a ràdh ris, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa. 29 Ach fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil neach sam bith a dh’fhàg taigh, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean-phòsda, no clann, no fearann, air mo shon-sa agus airson an t‑soisgeil, 30 Nach faigh a cheud uiread anns an aimsir seo fhèin, taighean, agus bràithrean, agus peathraichean, agus màthraichean, agus clann, agus fearann, maille ri geur-leanmhainn; agus anns an t‑saoghal a tha ri teachd, a’ bheatha mhaireannach. 31 Ach tha mòran air thoiseach a bhios air dheireadh; agus air dheireadh a bhios air thoiseach. 32 Agus bha iad air an t‑slighe a’ dol suas gu Ierusalem: agus bha Iosa ag imeachd romhpa, agus ghlac uamhas iad, agus nuair a bha iad ga leantainn, bha eagal orra. Agus thug e an dà‑fhear-dheug air leth a‑rìs, agus thòisich e air na nithean a bha gu tachairt dha innse dhaibh; 33 Ag ràdh, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis do na h‑àrd-shagartan, agus do na sgrìobhaichean: agus dìtidh iad a‑chum bàis e, agus bheir iad thairis e do na Cinnich; 34 Agus nì iad fanaid air, agus sgiùrsaidh iad e, agus tilgidh iad smugaid air, agus cuiridh iad gu bàs e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs. 35 Agus thàinig da ionnsaigh Seumas agus Eòin, mic Shebede, ag ràdh, A Mhaighistir, is àill leinn gun dèan thu dhuinne ge bè nì a dh’iarras sinn. 36 Agus thubhairt esan riu, Ciod as àill leibh mise a dhèanamh dhuibh? 37 Agus thubhairt iadsan ris, Deònaich dhuinne gun suidheamaid, a h‑aon air do làimh dheis, agus am fear eile air do làimh chlì, ann ad ghlòir. 38 Agus thubhairt Iosa riu, Chan aithne dhuibh ciod a tha sibh ag iarraidh: a bheil sibh comasach air a’ chupan òl a dh’òlas mise? Agus a bhith air ur baisteadh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise? 39 Thubhairt iadsan ris, Tha sinn comasach. Ach thubhairt Iosa riu, Olaidh sibhse gu deimhinn an cupan a dh’òlas mise; agus baistear sibh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise: 40 Ach suidhe air mo làimh dheis, agus air mo làimh chlì, cha leamsa sin ra thabhairt, ach dhaibhsan don d’ullaicheadh e. 41 Agus air cluinntinn seo don deichnear, thòisich iad air mòr-chorraich a ghabhail ri Seumas agus Eòin. 42 Ach ghairm Iosa iad da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Tha fhios agaibh gu bheil acasan a tha air am meas mar uachdarain air na Cinnich àrd-thighearnas orra; agus gu bheil aig an daoine mòra làn-ùghdarras orra. 43 Ach cha bhi e mar sin nur measg-se: ach ge bè neach len àill a bhith mòr nur measg, bidh e na òglach agaibh: 44 Agus ge bè neach agaibh len àill toiseach a bhith aige, bidh e na sheirbhiseach do na h‑uile. 45 Oir cha tàinig eadhon Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thoirt a anama fhèin mar èirig airson mhòran. 46 Agus thàinig iad gu Iericho: agus air imeachd dhàsan agus da dheisciobail, agus do shluagh mòr, a‑mach à Iericho, bha Bartimèus an dall, mac Thimèuis, na shuidhe ri taobh na slighe, ag iarraidh dèirce. 47 Agus nuair a chuala e gum b’e Iosa o Nàsaret a bha ann, thòisich e ri glaodhaich agus a ràdh, Iosa, a Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm. 48 Agus chronaich mòran e, a‑chum gum biodh e na thosd: ach bu ro‑mhò a ghlaodh esan, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm. 49 Agus sheas Iosa, agus dh’àithn e esan a ghairm da ionnsaigh: agus ghairm iad an dall, ag ràdh ris, Biodh misneach agad, èirich; tha e gad ghairm. 50 Agus air dhàsan a fhallaing a thilgeadh uaithe, dh’èirich e, agus thàinig e gu Iosa. 51 Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, Ciod as àill leat mise a dhèanamh dhut? Thubhairt an dall ris, A Thighearna, mi a dh’fhaotainn mo fhradhairc. 52 Agus thubhairt Iosa ris, Imich; shlànaich do chreideamh thu. Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa anns an t‑slighe. |