Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 11 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàrladh air dha a bhith ann an ionad àraidh ri ùrnaigh, nuair a sguir e, gun dubhairt neach àraidh de a dheisciobail ris, A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh, mar a theagaisg Eòin da dheisciobail fhèin.

2 Agus thubhairt e riu, Nuair a nì sibh ùrnaigh, abraibh, Ar n‑Athair a tha air nèamh, gun naomhaichear d’ainm. Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil, mar air nèamh, guma h‑amhlaidh sin air thalamh.

3 Thoir dhuinn o là gu là ar n‑aran làitheil.

4 Agus maith dhuinn ar peacaidhean: oir tha sinne fhèin a’ maitheadh do gach aon air a bheil fiachan againn. Agus na leig ann am buaireadh sinn, ach saor sinn on olc.

5 Agus thubhairt e riu, Cò agaibhse aig am bi caraid, agus a thèid da ionnsaigh air mheadhon-oidhche, agus a their ris, A charaid, thoir dhomh trì buileannan an iasad;

6 Oir thàinig caraid dhomh am ionnsaigh as a shlighe, agus chan eil nì agam a chuireas mi na làthair?

7 Agus gum freagair esan on taobh a‑staigh agus gun abair e, Na cuir dragh orm: tha an doras a‑nis air a dhùnadh, agus tha mo chlann maille rium anns an leabaidh; chan fhaigh mi èirigh agus an toirt dhut.

8 Tha mi ag ràdh ribh, ged nach èirich e agus nach toir e dha, airson gur e a charaid e; gidheadh airson a liosdachd, èiridh e agus bheir e dha a mheud is a tha a dh’uireasbhaidh air.

9 Agus tha mise ag ràdh ribh, Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh; buailibh an doras, agus fosglar dhuibh.

10 Oir gach neach a dh’iarras, glacaidh e: agus an tì a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas, fosglar.

11 Ma dh’iarras mac aran air aon neach agaibhse a tha na athair, an toir e dha clach? No ma dh’iarras e iasg, an toir e nathair dha an àit èisg?

12 No ma dh’iarras e ubh, an toir e scorpion dha?

13 Air an adhbhar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thoirt dur cloinn, nach mòr as mò na sin a bheir ur n‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh’iarras air e?

14 Agus bha e a’ tilgeadh a‑mach deamhain, agus bha e balbh. Agus air dol don deamhan a‑mach, labhair am balbhan; agus ghabh an sluagh iongantas.

15 Ach thubhairt cuid dhiubh, Is ann tro Bheelsebub, ceannard nan deamhan, a tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.

16 Agus dh’iarr dream eile dhiubh, ga dhearbhadh, comharradh air o nèamh.

17 Ach air dhàsan an smuaintean a thuigsinn, thubhairt e riu, Gach rìoghachd a tha roinnte na h‑aghaidh fhèin, fàsaichear i; agus gach taigh a tha roinnte na aghaidh fhèin, tuitidh e.

18 Agus ma tha Sàtan mar an ceudna air a roinn na aghaidh fhèin, cionnas a sheasas a rìoghachd? Oir tha sibhse ag ràdh gu bheil mise tro Bheelsebub a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.

19 Agus mas ann tro Bheelsebub a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, cò e tro a bheil ur clann-se gan tilgeadh a‑mach? Uime sin bidh iadsan nam britheamhan oirbh.

20 Ach mas ann le meur Dhè a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, tha rìoghachd Dhè, gun teagamh, air teachd oirbhse.

21 Nuair a ghleidheas duine làidir fo airm a thalla fhèin, tha na bhuineas dha ann an sìth:

22 Ach nuair a thig duine as treasa na e, agus a bheir e buaidh air, bheir e uaithe a armachd uile anns an robh a dhòigh, agus roinnidh e a’ chreach.

23 An neach nach eil leamsa, tha e am aghaidh; agus an neach nach eil a’ cruinneachadh leam, tha e a’ sgapadh.

24 Nuair a thèid an spiorad neòghlan a‑mach à duine, imichidh e tro ionadan tioram, ag iarraidh foise: agus nuair nach faigh e sin, their e, Tillidh mi a dh’ionnsaigh mo thaighe as an tàinig mi.

25 Agus air dha teachd, gheibh e e air a sguabadh agus air a dhèanamh maiseach.

26 An sin imichidh e, agus bheir e leis seachd spioradan eile as miosa na e fhèin; agus air dhaibh dol a‑steach, gabhaidh iad còmhnaidh an sin: agus bidh crìoch an duine sin nas miosa na a thoiseach.

27 Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo, thog bean àraidh den t‑sluagh a guth, agus thubhairt i ris, Is beannaichte a’ bhrù a ghiùlain thu, agus na cìochan a dheoghail thu.

28 Ach thubhairt esan, Is mò gur beannaichte iadsan a dh’èisdeas ri facal Dhè, agus a choimheadas e.

29 Agus nuair a chruinnich an sluagh gu tiugh da ionnsaigh, thòisich e air a ràdh, Is droch ghinealach seo: tha iad ag iarraidh comharraidh; agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh Iònais am fàidh.

30 Oir mar a bha Iònas na chomharradh do mhuinntir Ninebheh, is ann mar sin mar an ceudna a bhios Mac an Duine don ghinealach seo.

31 Eiridh bànrighinn na h‑àird a deas suas anns a’ bhreitheanas maille ri daoine a’ ghinealaich seo, agus dìtidh i iad: oir thàinig ise o iomallan na talmhainn, a dh’èisdeachd ri gliocas Sholaimh; agus, feuch, tha nas mò na Solamh an seo.

32 Eiridh muinntir Ninebheh suas anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh iad e: oir rinn iadsan aithreachas le searmoin Iònais; agus, feuch, tha nas mò na Iònas an seo.

33 Chan eil neach sam bith, air dha coinneal a lasadh, a chuireas am falach i no fo shoitheach; ach ann an coinnleir, a‑chum gum faic an dream a thig a‑steach an solas.

34 Is i an t‑sùil solas a’ chuirp: uime sin nuair a bhios do shùil glan, bidh do chorp uile làn solais: ach nuair a bhios do shùil olc, bidh do chorp mar an ceudna dorcha.

35 Uime sin thoir an aire nach bi an solas a tha annad na dhorchadas.

36 Air an adhbhar sin, ma bhios do chorp uile soillseach, gun chuid sam bith dheth dorcha, bidh e soillseach gu h‑iomlan, mar nuair a shoillsicheas coinneal thu le a dealradh.

37 Agus a’ labhairt dhàsan, dh’iarr Pharasach àraidh air a dhìnnear a ghabhail maille ris: agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e a‑chum bìdh.

38 Agus nuair a chunnaic am Pharasach sin, b’ioghnadh leis nach d’ionnlaid e e fhèin ro a dhìnneir.

39 Agus thubhairt an Tighearna ris, A‑nis, Pharasacha, glanaidh sibhse an taobh a‑muigh den chupan agus den mhèis: ach tha an taobh a‑staigh dhibh làn reubainn agus aingidheachd.

40 Amadana, an tì a rinn an nì a tha an taobh a‑muigh, nach do rinn e an nì a tha an taobh a‑staigh mar an ceudna?

41 Ach thugaibh uaibh dèirc de na nithean a tha agaibh: agus, feuch, tha na h‑uile nithean glan dhuibh.

42 Ach is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha: oir tha sibh a’ toirt deichimh à mionnt, agus à rù, agus as gach uile ghnè luibhean, agus a’ gabhail thairis air breitheanas agus air gràdh Dhè: bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, agus gun iad siud fhàgail gun dèanamh.

43 Is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha: oir is ionmhainn leibh na ciad àitheachan-suidhe anns na sionagogan, agus fàilte fhaotainn air na margaidhean.

44 Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir tha sibh mar uaighean nach faicear, agus do nach toir na daoine a tha ag imeachd thairis orra an aire.

45 Agus fhreagair duine àraidh den luchd-lagha, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, le seo a labhairt tha thu a’ toirt maslaidh dhuinne mar an ceudna.

46 Agus thubhairt esan, Is an‑aoibhinn dhuibhse mar an ceudna, a luchd-lagha: oir tha sibh a’ cur uallaichean troma, do‑ghiùlan air daoine, agus cha bhean sibh fhèin ris na h‑uallaichean le aon de ur meuran.

47 Is an‑aoibhinn dhuibh: oir tha sibh a’ togail àitean-adhlaic nam fàidhean, agus is iad ur n‑athraichean a mharbh iad.

48 Gu deimhinn tha sibh a’ toirt fianais gu bheil sibh ag aontachadh le gnìomharan ur n‑athraichean: oir mharbh iadsan gu deimhinn iad, agus tha sibhse a’ togail an àitean-adhlaic.

49 Air an adhbhar sin thubhairt gliocas Dhè, Cuiridh mise fàidhean agus abstoil dan ionnsaigh, agus cuid dhiubh marbhaidh iad, agus cuid eile geur-leanaidh iad:

50 A‑chum gun agrar air a’ ghinealach seo fuil nam fàidhean uile a dhòirteadh o thoiseach an domhain;

51 O fhuil Abeil gu fuil Shachariais, a chaidh a mhilleadh eadar an altair agus an teampall: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun agrar i air a’ ghinealach seo.

52 Is an‑aoibhinn dhuibh, a luchd-lagha: oir thug sibh air falbh iuchair an eòlais: cha deachaidh sibh fhèin a‑steach, agus an dream a bha a’ dol a‑steach, bhac sibh iad.

53 Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air a chur thuige gu dian, agus a tharraing gu labhairt air mòran de nithean;

54 A’ dèanamh feall-aire air, agus ag iarraidh nì‑eigin a ghlacadh as a bheul, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan