Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Philipianach 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Uime sin, ma tha comhfhurtachd air bith ann an Crìosd, ma tha sòlas air bith gràidh, ma tha co‑chomann air bith an Spioraid, ma tha truas air bith agus tròcair;

2 Coileanaibh mo ghàirdeachas, gum bi sibh a dh’aon inntinn, a dh’aon ghràdh, a dh’aon toil, a dh’aon bhreithneachadh.

3 Na dèanar aon nì tre chonnspaid, no tre ghlòir dhìomhain, ach ann an irioslachd inntinn measadh gach aon gur fheàrr neach eile na e fhèin.

4 Na seallaibh gach aon air na nithean sin a bhuineas dha fhèin, ach gach aon air na nithean a bhuineas do dhaoine eile mar an ceudna.

5 Uime sin biodh an inntinn cheudna annaibhse, a bha ann an Iosa Crìosd:

6 Neach air a bhith dha ann an cruth Dhè, nach do mheas e na reubainn e fhèin a bhith co‑ionann ri Dia:

7 Ach chuir e e fhèin ann an dìmeas, a’ gabhail air fhèin cruth seirbhisich, air a dhèanamh ann an coslas dhaoine:

8 Agus air dha a bhith air fhaghail ann an cruth mar dhuine, dh’irioslaich e e fhèin, agus bha e umhail gu bàs, eadhon bàs a’ chroinn-cheusaidh.

9 Air an adhbhar sin dh’àrdaich Dia e gu ro‑àrd mar an ceudna, agus thug e dha ainm os cionn gach uile ainme:

10 A‑chum do ainm Iosa gun lùbadh gach glùin, de nithean a tha air nèamh, agus de nithean a tha air thalamh, agus de nithean a tha fon talamh;

11 Agus gun aidicheadh gach teanga gur e Iosa Crìosd an Tighearna, a‑chum glòir Dhè an t‑Athair.

12 Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, mar a bha sibh umhail a‑ghnàth, chan ann a‑mhàin am làthair-sa, ach nas ro‑mhò as mo làthair, làn-obraichibh ur slàinte fhèin le eagal agus ball-chrith:

13 Oir is e Dia a dh’obraicheas annaibh, araon an toil agus an gnìomh, a rèir a dheagh-ghean fhèin.

14 Dèanaibh na h‑uile nithean gun ghearan, agus gun deasbaireachd:

15 A‑chum gum bi sibh neo-choireach, agus neo-chronail, nur cloinn do Dhia, neo-lochdach, am meadhon ginealaich fhiair agus chrosda, am measg a bheil sibhse a’ dealrachadh mar lòchrain-sholais an t‑saoghail;

16 A’ cumail a‑mach facal na beatha; a‑chum gun dèan mise uaill ann an là Chrìosd, do bhrìgh nach do ruith mi gu dìomhain, agus nach do shaothraich mi gu dìomhain.

17 Seadh agus ma dh’ìobrar mi air ìobairt agus seirbhis fhollaiseach ur creidimh-se, tha aoibhneas orm, agus tha mi a’ dèanamh gàirdeachais maille ribhse uile.

18 Air an dòigh cheudna biodh aoibhneas oirbhse, agus dèanaibh gàirdeachas maille riumsa.

19 Ach tha dòchas agam anns an Tighearna Iosa, Timòteus a chur gu goirid dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi mise mar an ceudna ann an deagh mhisnich, air dhomh fios fhaotainn ciod as cor dhuibhse.

20 Oir chan eil duine air bith agam co‑ionnan inntinn ris-san, air am bi cùram nan nithean a bhuineas dhuibhse gu dùrachdach.

21 Oir tha na h‑uile ag iarraidh nan nithean a bhuineas dhaibh fhèin, chan iad na nithean a bhuineas do Iosa Crìosd.

22 Ach is aithne dhuibh a dhearbhadh-san, mar mhac da athair, gun do rinn e seirbhis maille riumsa anns an t‑soisgeul.

23 Uime sin tha dùil agam esan a chur dur n‑ionnsaigh air ball, cho luath is a chì mi ciod as cor dhomh fhèin.

24 Ach tha earbsa agam anns an Tighearna gun tig mi fhèin dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr mar an ceudna.

25 Gidheadh mheas mi gum b’fheumail Epaphroditus mo bhràthair, agus mo cho-obraiche, agus mo cho-shaighdear, ach ur teachdaire-se, agus an tì a fhritheil dom uireasbhaidh, a chur dur n‑ionnsaigh.

26 Oir bha dèidh mhòr aige oirbh uile, agus bha e làn tùirse, do bhrìgh gun cuala sibh gu robh e tinn.

27 Agus gu deimhinn bha e tinn fagas don bhàs: gidheadh rinn Dia tròcair air; agus cha b’ann airsan a‑mhàin, ach ormsa mar an ceudna, a‑chum nach biodh doilgheas air muin doilgheis orm.

28 Uime sin bu togarraiche a chuir mi dur n‑ionnsaigh e, a‑chum air dhuibh fhaicinn a‑rìs, gum biodh aoibhneas oirbh, agus gum bu lugha mo dhoilgheas-sa.

29 Air an adhbhar sin, gabhaibh ris anns an Tighearna leis an uile aoibhneas, agus biodh meas mòr agaibh air an leithidean sin:

30 Do bhrìgh, airson obair Chrìosd, gu robh e dlùth don bhàs, agus nach robh suim aige de a bheatha fhèin, a‑chum gun dèanadh e suas uireasbhaidh ur seirbhis-se dom thaobh-sa.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan