Mata 18 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Anns an àm sin fhèin thàinig na deisciobail a‑chum Iosa, ag ràdh, Cò as mò ann an rìoghachd nèimh? 2 Agus air do Iosa leanabh beag a ghairm da ionnsaigh, chuir e nam meadhon e. 3 Agus thubhairt e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, Mura iompaichear sibh, agus mura bi sibh mar leanabain, nach tèid sibh a‑steach do rìoghachd nèimh. 4 Air an adhbhar sin, ge bè a dh’ìslicheas e fhèin mar an leanaban seo, is e sin fhèin as mò ann an rìoghachd nèimh. 5 Agus ge bè a ghabhas aon leanaban de a leithid seo ann am ainm-sa, gabhaidh e mise. 6 Ach ge bè neach a bheir oilbheum do aon neach den mhuinntir bhig seo a tha a’ creidsinn annamsa, b’fheàrr dha gum biodh clach-mhuilinn air a crochadh ra mhuineal, agus gum biodh e air a bhàthadh ann an doimhne na fairge. 7 Is an‑aoibhinn don t‑saoghal airson oilbheuman: oir is èiginn do oilbheuman teachd; ach is an‑aoibhinn don duine sin tron tig an oilbheum. 8 Uime sin, ma bheir do làmh no do chas adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot iad, agus tilg uat iad: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth-chois no air leth-làimh, na dà làimh no dà chois a bhith agad, agus thu a bhith air do thilgeadh anns an teine shìorraidh. 9 Agus ma bheir do shùil adhbhar oilbheim dhut, spìon asad i, agus tilg uat i: is fheàrr dhut dol a‑steach a‑chum na beatha air leth-shùil, na dà shùil a bhith agad agus thu a bhith air do thilgeadh ann an teine ifrinn. 10 Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil-san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar-sa a tha air nèamh. 11 Oir thàinig Mac an Duine a shaoradh an nì sin a bha caillte. 12 Ciod as barail dhuibhse? Ma bhios aig duine ceud caora, agus gun tèid aon dhiubh air seachran, nach fàg e na naoi-caoraich-dheug agus ceithir-fichead air na beanntan, agus nach tèid e a dh’iarraidh na caorach a chaidh air seachran? 13 Agus ma thàrlas dha gum faigh e i, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun dèan e tuilleadh gàirdeachais airson na caorach sin na airson nan naoi-caorach-dheug agus ceithir-fichead, nach deachaidh air seachran. 14 Mar seo chan i toil ur n‑Athar-se a tha air nèamh gun rachadh aon neach den mhuinntir bhig seo a chall. 15 Uime sin ma pheacaicheas do bhràthair ad aghaidh, imich agus innis a lochd dha eadar thu fhèin agus esan a‑mhàin: ma dh’èisdeas e riut, choisinn thu do bhràthair. 16 Ach mura èisd e riut, thoir leat aon no dithis eile, a‑chum gum bi gach nì air a dhèanamh seasmhach ann am beul dithis no triùir fhianaisean. 17 Agus ma dhiùltas e iadsan èisdeachd, innis don eaglais e: ach ma dhiùltas e an eaglais èisdeachd, biodh e dhut mar Chinneach agus mar chìs-mhaor. 18 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè air bith nithean a cheanglas sibhse air thalamh, bidh iad ceangailte air nèamh: agus ge bè air bith nithean a dh’fhuasglas sibhse air thalamh, bidh iad fuasgailte air nèamh. 19 A‑rìs tha mi ag ràdh ribh, Ma chòrdas dithis agaibh air thalamh mu thimcheall aon nì a dh’iarras iad, nìthear seo dhaibh lem Athair-sa a tha air nèamh. 20 Oir ge bè àite anns a bheil dithis no triùir air an cruinneachadh an ceann a chèile ann am ainm-sa, tha mise an sin nam meadhon. 21 Air dol do Pheadar da ionnsaigh anns an àm sin, thubhairt e, A Thighearna, cia minig a pheacaicheas mo bhràthair am aghaidh, agus a mhaitheas mi dha? An ann gu ruig an seachdamh uair? 22 Thubhairt Iosa ris, Chan abair mi riut gus an seachdamh uair, ach gu deich agus trì-fichead seachd uairean. 23 Air an adhbhar sin is cosmhail rìoghachd nèimh ri rìgh àraidh lem b’àill cunntas a dhèanamh ra sheirbhisich. 24 Agus nuair a thòisich e air cunntas a dhèanamh, thugadh aon da ionnsaigh air an robh aige deich mìle tàlann: 25 Ach do bhrìgh nach robh aige nì leis an dìoladh e, dh’àithn a thighearna e fhèin, agus a bhean, agus a chlann, agus na h‑uile nithean a bha aige a reic, agus dìoladh a dhèanamh. 26 Air an adhbhar sin thuit an seirbhiseach sin sìos, agus rinn e ùmhlachd dha, ag ràdh, A thighearna, dèan foighidinn rium, agus ìocaidh mi dhut an t‑iomlan. 27 An sin air do thighearna an òglaich sin truas mòr a ghabhail dheth, leig e a chead dha, agus mhaith e na fiachan dha. 28 Ach nuair a chaidh an seirbhiseach sin fhèin a‑mach, fhuair e aon de a cho-sheirbhisich air an robh aige ceud pèighinn: agus chuir e làmh ann, agus rug e air sgòrnan air, ag ràdh, Ioc dhomh na bheil agam ort. 29 Agus thuit a cho-sheirbhiseach sìos aig a chasan, agus ghuidh e air, ag ràdh, Dèan foighidinn rium, agus ìocaidh mi dhut an t‑iomlan. 30 Agus cha b’àill leis-san sin: ach dh’imich e agus thilg e ann am prìosan e gus an ìocadh e na fiachan. 31 Agus nuair a chunnaic a cho-sheirbhisich na nithean a rinneadh, bha iad ro‑dhuilich, agus thàinig iad, agus dh’fhoillsich iad dan tighearna gach nì a rinneadh. 32 An sin ghairm a thighearna air, agus thubhairt e ris, A dhroch sheirbhisich, mhaith mi dhut na fiachan ud uile, do bhrìgh gun do chuir thu impidh orm; 33 Nach bu chòir dhutsa, mar an ceudna, tròcair a dhèanamh air do cho-sheirbhiseach fhèin, amhail a rinn mise tròcair ortsa? 34 Agus ghabh a thighearna fearg, agus thug e don luchd-pianaidh e gus an ìocadh e a fhiachan uile dha. 35 Agus mar sin nì m’Athair nèamhaidh ribhse, mura maith gach aon agaibh o ur cridheachan da bhràthair an cionta. |