Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Eabhraidhich 3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Uime sin, a bhràithrean naomha, a tha nur luchd-compàirt den ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near Iosa Crìosd, Abstol agus Àrd-shagart ar n‑aidmheil;

2 A bha dìleas dhàsan a dh’òrdaich e, amhail a bha Maois mar an ceudna na thaigh-san uile.

3 Oir mheasadh gum b’airidh an Tì seo air glòir a bu mhò na Maois, a mheud is gu bheil tuilleadh urraim aig an neach a thog an taigh, na aig an taigh fhèin.

4 Oir tha gach uile thaigh air a thogail le aon-eigin; ach an tì a thog na h‑uile nithean, is e Dia.

5 Agus gu deimhinn bha Maois dìleas na thaigh-san uile mar sheirbhiseach, a‑chum fianais air na nithean sin a bha gu bhith air an labhairt an dèidh sin;

6 Ach Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe fhèin: agus is sinne a thaigh-san, ma chumas sinn dànachd, agus gàirdeachas an dòchais, gu daingeann gus a’ chrìoch.

7 Uime sin, mar a tha an Spiorad Naomh ag ràdh, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth,

8 Na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh, ann an là a’ bhuairidh anns an fhàsach:

9 Far an do bhuair ur n‑athraichean mi, agus dhearbh iad mi, agus a chunnaic iad m’obraichean rè dà‑fhichead bliadhna.

10 Uime sin bha diomb orm ris a’ ghinealach sin, agus thubhairt mi, Tha iad a‑ghnàth air seachran nan cridhe; agus cha do ghabh iad eòlas air mo shlighean-sa.

11 Ionnas gun tug mi mo mhionnan am fheirg, nach tèid iad a‑steach dom shuaimhneas.

12 Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal gum bi ann an aon neach agaibh droch cridhe mì‑chreidimh, ann an trèigsinn an Dè bheò.

13 Ach earalaichibh a chèile gach là, am feadh a ghoirear An Là‑an‑diugh dheth; air eagal gun cruadhaichear neach air bith agaibh tre mhealltaireachd a’ pheacaidh.

14 Oir rinneadh sinn nar luchd-compàirt de Chrìosd, ma chumas sinn toiseach ar muinghinn gu daingeann gus a’ chrìoch;

15 Am feadh a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh.

16 Oir air do dhream àraidh cluinntinn, bhrosnaich iad: ach cha b’iadsan uile a thàinig a‑mach as an Eiphit le Maois.

17 Ach cò ris a bha diomb air rè dà‑fhichead bliadhna? Nach ann riùsan a pheacaich, muinntir don do thuit an colainnean anns an fhàsach?

18 Agus cò iad don tug e a mhionnan nach rachadh iad a‑steach da shuaimhneas, ach dhaibhsan nach do chreid?

19 Mar seo chì sinn nach b’urrainn iad dol a‑steach airson mì‑chreidimh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan