Earrannan Bìoball

Sanasan


Fo-roinn

149 Rannan Crìosdail do Chomhfhurtachd


Mata 11:28-30

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.

Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman.

Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?

Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.

Salm 34:18

Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad.

Salm 147:3

Lèighsidh e iadsan aig a bheil cridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leòntan.

Isaiah 41:10

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Salm 23:4

Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.

2 Corintianach 1:3-4

Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd;

A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.

Salm 46:1

Is e Dia ar tèarmann agus ar neart, ar cobhair ro‑dheas ann an teanntachdan.

Eòin 14:27

Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.

Isaiah 40:31

Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.

Salm 55:22

Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu; cha leig e am feasd don fhìrean a bhith air a ghluasad.

1 Peadar 5:7

A’ tilgeadh ur n‑uile chùraim air-san: oir tha cùram aige dhibh.

Ròmanaich 8:18

Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn.

Philipianach 4:6-7

Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.

Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Salm 62:1-2

Air Dia a‑mhàin tha m’anam a’ feitheamh; uaithesan thig mo shlàinte.

Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air.

Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd.

Mar an ceudna dhutsa, a Thighearna, buinidh tròcair, oir bheir thu luigheachd do dhuine a rèir a obrach.

Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear gu mòr mi.

Isaiah 43:2

Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

Eòin 16:33

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.

Ròmanaich 15:13

A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.

Salm 121:1-2

Togaidh mi mo shùilean a‑chum nam beann, on tig mo chobhair.

Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.

Salm 27:1

Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?

Deuteronomi 31:6

Bithibh làidir, agus biodh deagh mhisneach agaibh, na biodh eagal oirbh, agus na gabhaibh geilt romhpa: oir is e an Tighearna do Dhia e fhèin a thèid leat; cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu.

Salm 61:2

O iomall na talmhainn èighidh mi riut, nuair a bhios mo chridhe lag; a‑chum na carraig as àirde na mi fhèin, treòraich thusa mi,

Salm 119:50

Is e seo mo chomhfhurtachd ann am àmhghar, oir bheòthaich d’fhacal mi.

Isaiah 66:13

Mar neach don toir a mhàthair comhfhurtachd, mar sin bheir mise comhfhurtachd dhuibhse; agus ann an Ierusalem gheibh sibh sòlas.

Ròmanaich 8:28

Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.

Salm 37:5

Tabhair suas do shlighe don Tighearna, agus earb as, agus nì e e;

Isaiah 51:12

Is mise, eadhon mise, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; cò thusa gum biodh eagal ort ro dhuine a gheibh bàs, agus ro mhac an duine a nìthear mar am feur?

Salm 31:24

Bithibh-se misneachail, agus neartaichidh esan ur cridhe, sibhse uile a chuir ur dòchas anns an Tighearna.

Eabhraidhich 4:16

Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.

Salm 91:1-2

Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile-chumhachdaich.

Chan èirich olc air bith dhut, agus cha tig plàigh am fagas dod fhàrdaich;

Oir bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, a‑chum do ghleidheadh ann ad shlighean uile.

Nan làmhan togaidh iad suas thu, air eagal gum buail thu do chas air cloich.

Air an leòmhann agus an nathair-nimhe saltraidh tu; pronnaidh tu fod chois an leòmhann òg agus an dràgon.

A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm.

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

Le fad làithean sàsaichidh mi e, agus nochdaidh mi dha mo shlàinte.

Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh.

Gnàth-fhacal 3:5-6

Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic.

Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.

Salm 27:14

Feith air an Tighearna; glac misneach, agus neartaichidh esan do chridhe. Feith, tha mi ag ràdh, air an Tighearna.

Eabhraidhich 13:5

Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.

Salm 25:16-17

Amhairc orm, agus gabh truas dhìom, oir tha mi am aonar agus fo àmhghar.

Tha teinn mo chridhe a’ dol am meud; om àmhgharan saor thusa mi.

Isaiah 12:2

Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.

Tuireadh Ieremiah 3:22-23

Is ann de thròcairean an Tighearna nach eil sinn air ar caitheamh, a chionn nach eil fàiling air a thròcairean.

Tha iad nuadh gach aon mhadainn; is mòr do dhìlseachd!

Salm 16:8

Chuir mi an Tighearna romham a‑ghnàth; a chionn gu bheil e air mo dheaslàimh, cha ghluaisear mi.

Isaiah 57:15

Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.

Salm 30:5

Oir chan eil ach tiota na fheirg; tha beatha na dheagh-ghean; rè oidhche mairidh bròn, ach air madainn thig gàirdeachas.

Salm 139:11-12

Ma their mi, Gu deimhinn falaichidh an dorchadas mi, bidh an oidhche fhèin mar sholas mun cuairt orm.

Chan fhalaich eadhon an dorchadas uatsa, ach dealraichidh an oidhche mar an là; is ionann an dorchadas agus an solas dhutsa.

Ròmanaich 8:31

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Eòin 14:18

Chan fhàg mi sibh nur dìlleachdain: thig mi dur n‑ionnsaigh.

Salm 126:5-6

Iadsan a chuireas sìol le deòir, buainidh iad le gàirdeachas.

Esan a thèid a‑mach agus a ghuileas, ag iomchar rogha sìl, gu cinnteach thig e a‑rìs le gàirdeachas, ag iomchar a sguab.

2 Corintianach 4:16-18

Uime sin chan eil sinn a’ fannachadh, ach ged thruaillear ar duine on leth a‑muigh, gidheadh tha an duine on leth a‑staigh air ath-nuadhachadh o là gu là.

Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach;

Air dhuinne a bhith ag amharc chan ann air na nithean a tha rim faicinn, ach air na nithean nach eil rim faicinn: oir tha na nithean a chìthear aimsireil; ach tha na nithean nach faicear sìorraidh.

Salm 34:4

Dh’iarr mi an Tighearna, agus dh’èisd e rium, agus shaor e mi o gach adhbhar eagail a bha agam.

Eabhraidhich 10:23

Cumamaid gu daingeann aidmheil ar dòchais gun chlaonadh (oir is fìrinneach an tì a gheall):

1 Eòin 3:20

Oir ma dhìteas ar cridhe sinn, is mò Dia na ar cridhe, agus is aithne dha na h‑uile nithean.

Salm 86:17

Thoir dhomh comharradh air math, a‑chum gum faic iadsan e aig a bheil fuath dhomh, agus gun gabh iad nàire, a chionn, a Thighearna, gun do chuidich thusa leam agus gun tug thu comhfhurtachd dhomh.

Isaiah 25:8

Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e.

Salm 40:1-2

Dh’fheith mi le foighidinn ris an Tighearna, agus chrom e thugam, agus chuala e mo ghlaodh.

Cha d’fhalaich mi d’fhìreantachd ann am meadhon mo chridhe; chuir mi an cèill d’fhìrinn agus do shlàinte; cha do cheil mi do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn on choitheanal mhòr.

A Thighearna, na cùm-sa do chaomh-thròcairean uam; gleidheadh do choibhneas gràdhach agus d’fhìrinn a‑ghnàth mi.

Oir dh’iadh uilc gun àireamh mun cuairt orm; ghlac m’euceartan mi, agus chan eil e an comas dhomh sealltainn suas; nas lìonmhoire tha iad na falt mo chinn, agus thrèig mo chridhe mi.

Guma toil leat, a Thighearna, mo theasairginn; greas, a Thighearna, a‑chum mo chuideachaidh.

Nàire agus amhluadh gu robh orrasan le chèile a tha ag iarraidh m’anama ga sgrios; ruaigear air an ais agus nàraichear iadsan a tha a’ guidhe uilc dhomh.

Aonaranach gu robh iadsan mar thuarasdal an nàire, a their riumsa, Ahà, ahà!

Dèanadh iadsan uile a dh’iarras thusa gàirdeachas agus aoibhneas annad; abradh iadsan an còmhnaidh a ghràdhaicheas do shlàinte, Mòr-mholadh gu robh don Tighearna.

Tha mise bochd agus uireasbhaidheach, ach smaoinichidh an Tighearna orm. Is tusa m’fhear-cobhair agus m’fhear-saoraidh; a Dhè, na dèan moille.

Agus thug e a‑nìos à sloc uamhainn mi, à clàbar làthaich, agus chuir e mo chasan air carraig; shocraich e mo cheuman.

Philipianach 4:13

Is urrainn mi na h‑uile nithean a dhèanamh tre Chrìosd a neartaicheas mi.

Salm 56:8

Rinn thu mo sheachrain àireamh; cuir mo dheòir ann ad shearraig; nach eil iad ann ad leabhar?

Isaiah 49:13

Seinnibh gu h‑àrd, O nèamhan, agus dèan gàirdeachas, O thalamh; agus togaibh iolach, O shlèibhtean; oir thug an Tighearna comhfhurtachd da shluagh, agus gabhaidh e truas da mhuinntir a tha fo àmhghar.

Ròmanaich 5:3-5

Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn;

Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas:

Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.

Salm 138:7

Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair, ath-bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi.

Isaiah 26:3-4

Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig a bheil a inntinn suidhichte ort, a chionn gun do chuir e a dhòchas annad.

Cuiribh-se ur dòchas anns an Tighearna a‑ghnàth, oir anns an Tighearna Iehòbhah tha neart sìorraidh.

Salm 119:76-77

Bidh a‑nis do thròcair chaomh a‑chum comhfhurtachd dhomh, a rèir d’fhacail rid òglach.

Thigeadh do chaomh-thròcairean am ionnsaigh, a‑chum gum bi mi beò, oir is e do lagh mo thlachd.

Eòin 11:25-26

Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò:

Agus ge bè neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs am feasd. A bheil thu a’ creidsinn seo?

Ròmanaich 12:12

A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas; foighidinneach ann an trioblaid; maireannach ann an ùrnaigh:

2 Corintianach 1:5

Oir mar a tha fulangasan Chrìosd pailt annainn, is amhail sin a tha ar comhfhurtachd mar an ceudna pailt tre Chrìosd.

Salm 73:26

Tha m’fheòil agus mo chridhe air fàilneachadh; is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhreann gu sìorraidh.

Isaiah 40:1

Thugaibh comhfhurtachd, thugaibh comhfhurtachd dom shluagh-sa, deir ur Dia.

Salm 23:1-2

Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dìth.

Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi.

Eabhraidhich 11:1

A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.

1 Tesalònianaich 4:13-14

Ach cha b’àill leam, a bhràithrean, sibh a bhith aineolach a‑thaobh na muinntir sin a tha nan cadal, a‑chum nach dèan sibh bròn, eadhon mar dhaoine eile aig nach eil dòchas.

Oir ma chreideas sinn gun d’fhuair Iosa bàs, agus gun d’èirich e a‑rìs, amhail sin mar an ceudna an dream a chaidil ann an Iosa, bheir Dia maille ris.

Isaiah 43:1

Ach a‑nis mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, O Iàcoib, agus a dhealbh thu, O Israeil; Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu; ghairm mi thu air d’ainm; is leamsa thu.

Salm 121:5-6

Is e an Tighearna d’fhear-coimhead; is e an Tighearna do sgàil air do làimh dheis.

Anns an là cha bhuail a’ ghrian thu, no a’ ghealach anns an oidhche.

1 Peadar 1:6-7

Nì anns a bheil sibh a’ dèanamh mòr-ghàirdeachas, ged tha sibh a‑nis rè ùine bhig (mas feumail e) fo thùirse tre iomadh buaireadh;

A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:

Salm 68:19-20

Beannaichte gu robh an Tighearna, a tha gach là gar cumail suas, Dia ar slàinte! Selah.

Mar a dh’fhuadaichear deatach, fuadaichear iad; mar a leaghar cèir fa chomhair an teine, sgriosar droch dhaoine am fianais Dhè.

Is e ar Dia-ne Dia na slàinte, agus don Tighearna Dia buinidh an t‑slighe on bhàs.

Salm 27:5

Oir falaichidh e mi na sgàth-thaigh ann an là an uilc; falaichidh e mi ann an diamhaireachd a phàillein; air carraig togaidh e suas mi.

Isaiah 60:20

Cha tèid do ghrian tuilleadh sìos, cha mhò a dhorchaichear do ghealach: oir bidh an Tighearna na sholas sìorraidh dhut, agus crìochnaichear làithean do bhròin.

Gnàth-fhacal 18:10

Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.

Salm 139:5

Am dhèidh agus romham chuartaich thu mi, agus chuir thu do làmh orm.

2 Corintianach 5:1

Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan.

Ròmanaich 8:35-37

Cò a sgaras sinn o ghràdh Chrìosd? An dèan trioblaid, no àmhghar, no geur-leanmhainn, no gorta, no lomnochdaidh, no cunnart, no claidheamh?

(A rèir mar a tha e sgrìobhte, Air do shon-sa mharbhadh sinn rè an là; mheasadh sinn mar chaoraich a‑chum marbhaidh.)

Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn.

Salm 94:19

Ann an lìonmhorachd mo smuaintean an taobh a‑staigh dhìom, thug do chomhfhurtachd sòlas dom anam.

Ieremiah 29:11

Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.

Isaiah 41:13

Oir tha mise, an Tighearna do Dhia, gad chumail suas air do làimh dheis; tha mi ag ràdh riut, Na biodh eagal ort, nì mise cobhair ort.

Eabhraidhich 6:19

Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn.

Eòin 14:1

Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.

Ròmanaich 15:4

Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.

Salm 145:18

Tha an Tighearna ceart na uile shlighean, agus naomh na uile ghnìomharan.

Isaiah 51:11

Mar seo tillidh muinntir shaorte an Tighearna, agus thig iad gu Sion le iolaich; agus bidh aoibhneas bith-bhuan air an ceann; gheibh iad aoibhneas agus subhachas, agus teichidh mulad agus caoidh air falbh.

Gnàth-fhacal 3:24

Nuair a laigheas tu sìos, cha bhi eagal ort: seadh, laighidh tu sìos, agus bidh do chadal milis.

Salm 63:7-8

A chionn gu robh thu ad chobhair agam, uime sin fo sgàil do sgiathan nì mi gàirdeachas.

Tha m’anam a’ dlùth-leantainn riut; cumaidh do dheaslàmh suas mi.

1 Tesalònianaich 5:11

Uime sin thugaibh comhfhurtachd da chèile, agus togaibh suas gach aon a chèile, eadhon mar tha sibh a’ dèanamh.

Salm 42:11

Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.

Ephèsianach 6:10

Fa‑dheòidh, mo bhràithrean, bithibh làidir anns an Tighearna, agus ann an neart a chumhachd-san.

2 Timòteus 1:7

Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain.

Salm 118:6

Tha an Tighearna leam, chan eagal leam ciod a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.

Salm 103:13-14

Mar a ghabhas athair truas da chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan don eagal e;

Oir is aithne dha ar dealbh; is cuimhne leis gur duslach sinn.

Isaiah 46:4

Eadhon gu ur seann aois, agus gu ur falt liath, is mise fhèin an tì a ghiùlaineas sibh; is mi a rinn, agus giùlainidh mi; iomchairidh mi, agus tèarnaidh mi.

Eabhraidhich 12:2

Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

Salm 28:7

Is e an Tighearna mo neart agus mo sgiath; annsan chuir mo chridhe a dhòchas, agus chuidicheadh leam; uime sin rinn mo chridhe gàirdeachas, agus lem laoidh molaidh mi e.

Salm 37:24

Ged thuit e, cha tilgear gu tur sìos e, oir cumaidh an Tighearna suas air làimh e.

Isaiah 44:3

Oir dòirtidh mi a‑mach uisge air an tartmhor, agus sruthan air an fhearann chruaidh; dòirtidh mi a‑mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil.

Ròmanaich 14:8

Oir mas beò dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn beò: agus mas bàs dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearna sinn.

Salm 40:17

Tha mise bochd agus uireasbhaidheach, ach smaoinichidh an Tighearna orm. Is tusa m’fhear-cobhair agus m’fhear-saoraidh; a Dhè, na dèan moille.

1 Corintianach 10:13

Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.

Salm 119:92

Mura biodh gum b’e do lagh mo thlachd, an sin gheibhinn bàs ann am àmhghar.

Isaiah 40:29

Bheir esan neart don anfhann, agus dhaibhsan a tha gun lùth meudaichidh e treise.

1 Corintianach 15:58

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.

Salm 42:8

Anns an là àithnidh an Tighearna a thròcair, agus anns an oidhche bidh a laoidh maille rium, agus m’ùrnaigh ri Dia mo bheatha.

Ròmanaich 8:1

Air an adhbhar sin chan eil a‑nis dìteadh sam bith don dream sin a tha ann an Iosa Crìosd, a tha a’ gluasad chan ann a rèir na feòla, ach a rèir an Spioraid.

Salm 116:1-2

Is toigh leam an Tighearna, oir dh’èisd e ri guth m’athchuingean.

Chreid mi, uime sin labhair mi; chlaoidheadh mi gu mòr.

Thubhairt mi am dheifir, Tha gach duine breugach.

Ciod a dh’ìocas mi don Tighearna airson a uile thìodhlacan dhomh?

Glacaidh mi cupan na slàinte, agus gairmidh mi air ainm an Tighearna.

Iocaidh mi mo bhòidean don Tighearna a‑nis an làthair a shluaigh uile.

Is luachmhor ann an sealladh an Tighearna bàs a naomh.

O a Thighearna, gu deimhinn is mi d’òglach, mac do bhanoglaich; sgaoil thu mo chuibhreach.

Dhutsa ìobraidh mi ìobairt mholaidh, agus air ainm an Tighearna gairmidh mi.

Iocaidh mi mo bhòidean don Tighearna a‑nis an làthair a shluaigh uile,

Ann an cùirtean taigh an Tighearna ann ad mheadhon-sa, O Ierusalem. Molaibh-se an Tighearna.

A chionn gun d’aom e a chluas rium, uime sin rim bheò èighidh mi ris.

Salm 33:18-19

Feuch, tha sùil an Tighearna orrasan don eagal e, orrasan a chuireas an dòchas na thròcair,

A‑chum an anam a theasairginn on bhàs, agus an cumail beò anns a’ ghorta.

1 Peadar 5:10

Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:

Salm 146:8

Fosglaidh an Tighearna sùilean nan dall; togaidh an Tighearna suas iadsan a tha air an cromadh sìos; is ionmhainn leis an Tighearna na fìreanan.

Isaiah 45:22

Seallaibh riumsa, agus bithibh air ur tèarnadh, uile iomallan na talmhainn; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann.

Ròmanaich 5:8

Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.

Salm 139:13-14

Oir ghabh thu sealbh air m’àirnean; dh’fhalaich thu mi ann am broinn mo mhàthar.

Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean-sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin.

Salm 5:11-12

Ach dèanadh iadsan uile aoibhneas a chuireas an dòigh annad; gu bràth dèanadh iad iolach, a chionn gun dìon thu iad; agus dèanadh iadsan luath-ghaire annad, leis an ionmhainn d’ainm.

Oir beannaichidh tusa am fìrean, a Thighearna; le deagh-ghean cuartaichidh tu e, mar le sgèith.

Ròmanaich 8:14-15

Oir a mheud is a tha air an treòrachadh le Spiorad Dhè, is iad mic Dhè.

Oir cha d’fhuair sibh spiorad na daorsa a‑rìs a‑chum eagail; ach fhuair sibh Spiorad na h‑uchd-mhacachd, tre an glaodh sinn, Abba, Athair.

Isaiah 35:4

Abraibh riùsan a tha lag-chridheach, Bithibh làidir, na biodh eagal oirbh; feuch, thig ur Dia le dìoghaltas, is e Dia le ath-dhìoladh; thig e fhèin, agus saoraidh e sibh.

Philipianach 1:6

Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:

Salm 94:14

Oir cha tilg Dia dheth a shluagh, agus cha trèig e a oighreachd fhèin;

Isaiah 63:9

Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad, rè nan uile làithean o shean.

Eabhraidhich 13:8

Iosa Crìosd an‑dè, agus an‑diugh, agus gu sìorraidh an Tì ceudna.

Salm 145:14

Tha an Tighearna fìrinneach na uile bhriathran, agus naomh na uile ghnìomharan.

Salm 138:3

Anns an là air an do ghlaodh mi riut, fhreagair thu mi; neartaich thu mi le treòir am anam.

Salm 138:8

Coileanaidh an Tighearna air mo shon; mairidh do thròcair, a Thighearna, gu bràth; na trèig obraichean do làmh.

2 Corintianach 4:8-9

Tha sinn fo thrioblaid air gach taobh, gidheadh chan eil sinn ann an teanntachd; tha sinn ann an ioma-chomhairle, gidheadh gun sinn a bhith ann an eu‑dòchas;

Air ar geur-leanmhainn, gidheadh gun a bhith air ar trèigsinn; air ar tilgeadh sìos, gidheadh gun a bhith air ar sgrios;

Eòin 16:22

Agus tha a‑nis uime sin doilgheas oirbhse: ach chì mise a‑rìs sibh, agus nì ur cridhe gàirdeachas, agus ur gàirdeachas cha bhuin neach air bith uaibh.

Salm 33:22

Gu robh do thròcair, a Thighearna, oirnn, a rèir mar a chuir sinn ar dòchas annad.

Mata 5:4

Is beannaichte iadsan a tha ri bròn: oir gheibh iad sòlas.

Salm 62:8

Cuiribh air gach àm ur dòigh ann, O a shluagh; dòirtibh a‑mach ur cridhe na fhianais; tha Dia na thèarmann dhuinn. Selah.

Philipianach 4:19

Ach leasaichidh mo Dhia-sa ur n‑uireasbhaidh uile, a rèir a shaoibhreis ann an glòir, tre Iosa Crìosd.

2 Timòteus 4:17-18

Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn-fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn.

Agus saoraidh an Tighearna mi o gach uile dhroch obair, agus gleidhidh e mi a‑chum a rìoghachd nèamhaidh fhèin: dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.

Eabhraidhich 13:16

Ach na dìochuimhnichibh math a dhèanamh, agus co‑roinn a thoirt uaibh: oir tha an leithidean sin de ìobairtean taitneach do Dhia.

Salm 63:1-3

A Dhia, is tu mo Dhia-sa; gu moch iarraidh mi thu; tha tart air m’anam ad dhèidh, tha m’fheòil a’ togradh ad ionnsaigh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge;

Tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh; mar chuibhreann do na sionnaich bidh iad.

Ach bidh an rìgh aoibhneach ann an Dia; nì gach neach a mhionnaicheas airsan uaill, nuair a dhruidear beul na dream a labhras breug.

A‑chum, mar a chunnaic mi thu ann ad ionad naomh, gum faicinn do chumhachd agus do ghlòir.

A chionn gur fheàrr do choibhneas gràidh na beatha, bheir mo bhilean cliù dhut.

Isaiah 30:18

Agus air an adhbhar seo feithidh an Tighearna, a‑chum gun nochd e deagh-ghean dhuibh; agus air an adhbhar seo àrdaichear e, a‑chum gun nochd e tròcair dhuibh; oir is Dia ceart-bhreitheach an Tighearna; is beannaichte iadsan uile a tha a’ feitheamh ris-san.

Ròmanaich 8:39

No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.

Salm 3:5

Laigh mi sìos agus chaidil mi: dhùisg mi, oir chùm an Tighearna suas mi.

1 Eòin 5:14-15

Agus is e seo an dòchas a tha againn annsan, ma dh’iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gun èisd e rinn.

Agus ma tha fhios againn gun èisd e rinn, ge bè nì a dh’iarras sinn, tha fhios againn gu bheil ar n‑iarrtais, a dh’iarr sinn air, againn.

Salm 91:14-15

A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm.

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

1 Tesalònianaich 3:13

A‑chum gun daingnich e ur cridheachan neo-choireach ann an naomhachd am fianais Dhè, eadhon ar n‑Athar-ne, aig teachd ar Tighearna Iosa Crìosd maille ra naoimh uile.

Salm 50:15

Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.

Ròmanaich 11:33

O, doimhne saoibhreas araon gliocas agus eòlas Dhè! Cia do‑rannsachaidh a bhreitheanais, agus do‑lorgachaidh a shlighean!

Gnàth-fhacal 14:32

Na aingidheachd fuadaichear air falbh an t‑aingidh; ach bidh dòchas aig an fhìrean na bhàs.

Salm 13:5

Ach dh’earb mise as do thròcair; nì mo chridhe gàirdeachas ann ad shlàinte.

Salm 27:10

Nuair a thrèigeas m’athair agus mo mhàthair mi, an sin togaidh an Tighearna suas mi.

Lùcas 12:32

Na biodh eagal ort, a threud bhig; oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh.

Eòin 17:13

Agus a‑nis tha mi a’ teachd ad ionnsaigh-sa; agus tha mi a’ labhairt nan nithean seo anns an t‑saoghal, a‑chum gum biodh mo ghàirdeachas aca air a choileanadh annta.