2 Corintianach 1 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Pòl, abstol Iosa Crìosd tre thoil Dhè, agus Timòteus, ar bràthair, a‑chum eaglais Dhè a tha ann an Corintus, maille ris na h‑uile naoimh a tha ann an Achaia uile: 2 Gràs dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd. 3 Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd; 4 A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia. 5 Oir mar a tha fulangasan Chrìosd pailt annainn, is amhail sin a tha ar comhfhurtachd mar an ceudna pailt tre Chrìosd. 6 Agus ma tha sinn fo àmhghar, is ann airson ur comhfhurtachd agus ur slàinte-se, a tha air a h‑obrachadh le sibh a dh’fhulang nam fulangas ceudna, a tha sinne a’ fulang: no mas comhfhurtachd dhuinn is ann a‑chum ur comhfhurtachd agus ur slàinte-se. 7 Agus tha ar dòchas daingeann dur taobh-se, do bhrìgh gu bheil fhios againn, mar a tha sibh nur luchd-compàirt de na fulangasan, gum bi sibh mar an ceudna den chomhfhurtachd. 8 Oir cha b’àill leinn, a bhràithrean, sibhse a bhith an‑fhiosrach mu thimcheall ar n‑àmhghair a thachair dhuinn anns an Asia, gun do bhruthadh sinn gu ro‑mhòr thar ar neart ionnas gu robh sinn fo amharas eadhon mu ar beatha: 9 Ach bha againn binn ar bàis annainn fhèin a‑chum nach biodh againn dòigh annainn fhèin, ach ann an Dia a dhùisgeas na mairbh: 10 Neach a shaor sinn o bhàs cho mòr, agus a tha gar saoradh: anns a bheil ar dòchas gun saor e sinn fhathast; 11 Air dhuibhse a bhith a’ co‑obrachadh le chèile ann an ùrnaigh air ar son, a‑chum gun tugar buidheachas le mòran air ar son, as leth an tìodhlaic a thugadh dhuinn, tre mhòran. 12 Oir is e seo ar gàirdeachas, fianais ar cogais, gur ann an aon-fhillteachd agus an treibhdhireas diadhaidh, agus chan ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, a chaith sinn ar beatha anns an t‑saoghal, agus gu h‑àraidh dur taobh-se. 13 Oir chan eil sinn a’ sgrìobhadh nithean sam bith eile dur n‑ionnsaigh-se, ach nan nithean a tha sibh a’ leughadh, no a tha sibh ag aideachadh, agus a tha dùil agam a dh’aidicheas sibh gus a’ chrìoch; 14 Amhail a dh’aidich sibh an càil, gur sinne ur gàirdeachas, mar as sibhse mar an ceudna ar gàirdeachas-ne ann an là an Tighearna Iosa. 15 Agus anns a’ mhuinghinn seo b’àill leamsa teachd dur n‑ionnsaigh air tùs, ionnas gum faigheadh sibhse ath-ghràs; 16 Agus gabhail uaibhse gu Macedònia, agus teachd o Mhacedònia a‑rìs dur n‑ionnsaigh-se, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh anns an t‑slighe gu Iudèa. 17 Uime sin, nuair a chuir mi seo romham, an do ghnàthaich mi aotromachd? No an ann a rèir na feòla a tha mi a’ cur romham nan nithean a tha mi a’ cur romham, ionnas gum biodh agam seadh, seadh, agus chan eadh, chan eadh? 18 Ach mar a tha Dia fìrinneach, cha b’e ar còmhradh ribhse seadh agus chan eadh. 19 Oir Mac Dhè, Iosa Crìosd, a shearmonaicheadh nur measg-se leinne, eadhon leamsa, agus le Siluanus, agus le Timòteus, cha robh e na sheadh agus na chan eadh, ach annsan bha seadh. 20 Oir geallaidhean Dhè uile annsan is seadh iad, agus annsan is Amen iad, a‑chum glòir Dhè dar taobh-ne. 21 A‑nis an tì a dhaingnicheas sinne maille ribhse ann an Crìosd, agus a dh’ung sinn, is e Dia: 22 Neach mar an ceudna a chuir seula oirnn, agus a thug dhuinn geall-daingnich an Spioraid nar cridheachan. 23 Ach tha mi a’ gairm Dhè mar fhianais air m’anam, gur ann a‑chum sibhse a chaomhnadh nach tàinig mi fhathast gu Corintus. 24 Chan e gu bheil againne tighearnas air ur creideamh-se, ach is luchd-cuideachaidh sinn dur n‑aoibhneas: oir is ann tre chreideamh a sheas sibh. |