Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Peadar 5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Na seanairean a tha nur measg tha mi ag earalachadh, air a bhith dhomh fhèin am sheanair mar an ceudna, agus am fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar an ceudna am fhear-compàirt den ghlòir sin, a tha gu bhith air a foillseachadh:

2 Beathaichibh treud Dhè a tha nur measg, a’ gabhail cùraim dheth, chan ann a dh’aindeoin, ach gu deònach; chan ann airson buannachd shalaich, ach le inntinn ealamh;

3 Cha mhò mar thighearnan os cionn oighreachd Dhè, ach mar dhream a tha nan eisimpleirean don treud.

4 Agus nuair a dh’fhoillsichear an t‑Ard-bhuachaille, gheibh sibh crùn na glòire nach searg as.

5 Mar an ceudna, a dhaoine òga, bithibh umhail do na seanairean: seadh, bithibh uile umhail da chèile, agus bithibh air ur sgeadachadh le irioslachd: oir tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.

6 Uime sin irioslaichibh sibh fhèin fo làimh chumhachdaich Dhè, a‑chum is gun àrdaich e sibh ann an àm iomchaidh:

7 A’ tilgeadh ur n‑uile chùraim air-san: oir tha cùram aige dhibh.

8 Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:

9 Cuiribh-se na aghaidh, air dhuibh a bhith daingeann anns a’ chreideamh, agus fhios a bhith agaibh gu bheil na fulangasan ceudna air an coileanadh nur bràithrean, a tha anns an t‑saoghal.

10 Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:

11 Dhàsan gu robh glòir agus cumhachd, gu saoghal nan saoghal. Amen.

12 Le Siluanus, bràthair dìleas (a rèir mo bharail-sa), sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr, a’ teagasg, agus a’ dèanamh fianais, gur e seo fìor-ghràs Dhè, anns a bheil sibh nur seasamh.

13 Tha an eaglais ann am Bàbilon, a thaghadh maille ribhse, a’ cur fàilte oirbh, agus Marcus mo mhac.

14 Cuiribh fàilte air a chèile le pòig ghràidh. Sìth gu robh maille ribh uile a tha ann an Iosa Crìosd. Amen.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan