Salm 50 - Am Bìoball Gàidhlig 1992Salm le Asaph. 1 Labhair Dia nan dia, Iehòbhah, agus ghairm e an talamh o èirigh gu ruig laighe grèine. 2 A‑mach à Sion, iomlaine na maise, dhealraich Dia. 3 Thig ar Dia-ne, agus cha bhi e na thosd; ro a ghnùis lasaidh teine millteach, agus mun cuairt air bidh doineann mhòr. 4 Gairmidh e air na nèamhan on àirde agus air an talamh, a‑chum breith a thoirt air a shluagh. 5 Cruinnichibh mo naoimh am ionnsaigh, iadsan a rinn coicheangal rium le ìobairt. 6 Agus cuiridh na nèamhan an cèill a cheartas; oir is e Dia fhèin as Britheamh ann. Selah. 7 Eisdibh, O mo shluagh, agus labhraidh mi, O Israeil, agus nì mi fianais ad aghaidh; is mise Dia, do Dhia-sa. 8 Airson d’ìobairtean chan agair mi thu, oir tha d’ìobairtean-loisgte a‑ghnàth am fhianais. 9 Cha ghabh mi tarbh òg as do thaigh, no gobhair fhireann as do mhainnirean; 10 Oir is leamsa uile bheathaichean na coille, an sprèidh air mìle sliabh. 11 Is aithne dhòmhsa uile eunlaith nam beann, agus is leamsa fiadh-bheathaichean na machrach. 12 Nam bithinn acrach, chan innsinn dhutsa, oir is leamsa an domhan agus a làn. 13 An e gun ithinn feòil tharbh, agus gun òlainn fuil ghobhar? 14 Iobair ìobairt-bhuidheachais do Dhia, agus ìoc do bhòidean don Tì as àirde. 15 Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa. 16 Ach ris an droch dhuine their Dia, Ciod e do ghnothach-sa mo reachdan a chur an cèill, no gun gabhadh tu mo choicheangal ann ad bheul, 17 Nuair a bha fuath agad air fòghlam, agus a thilg thu mo bhriathran air do chùl? 18 Ma chunnaic thu gadaiche, dh’aontaich thu leis, agus maille ri luchd adhaltranais bha do chuibhreann. 19 Chuir thu do bheul a‑chum uilc, agus dhealbh do theanga cealg. 20 Shuidh thu, agus an aghaidh do bhràthar labhair thu, agus do mhac do mhàthar thug thu beum. 21 Na nithean seo rinn thu, agus bha mise am thosd; shaoil thu gu robh mi gu tur mar thu fhèin; cronaichidh mi thu, agus cuiridh mi gach nì an òrdagh fa chomhair do shùl. 22 Smaoinichibh a‑nis air seo, sibhse nach cuimhnich Dia, air eagal gun reub mi as a chèile, gun neach ann a theasairgeas. 23 Esan a dh’ìobras moladh, bheir e glòir dhòmhsa; agus dhàsan a dh’òrdaicheas a shlighe, nochdaidh mi slàinte Dhè. |