Salm 25 - Am Bìoball Gàidhlig 1992Le Daibhidh. 1 Riutsa, a Thighearna, togaidh mi m’anam suas. 2 Annadsa, mo Dhia, cuiridh mi mo dhòchas; na nàraichear mi, agus na dèanadh mo naimhdean gàirdeachas os mo chionn. 3 Seadh, na nàraichear neach sam bith a dh’fheitheas ortsa; biodh nàire orrasan a chiontaicheas gun adhbhar. 4 Nochd dhomh do shlighean, a Thighearna; teagaisg dhomh do cheuman. 5 Treòraich mi ann ad fhìrinn agus teagaisg mi, oir is tusa Dia mo shlàinte, agus ortsa tha mi a’ feitheamh gach là. 6 Cuimhnich do chaomh-thròcairean, a Thighearna, agus do choibhneasan gràdhach, oir tha iad ann o chian nan cian. 7 Peacaidhean m’òige agus m’easaontais, na cuimhnich thusa; a rèir do thròcair bi‑sa cuimhneachail orm, air sgàth do mhaitheis, a Thighearna. 8 Is math agus is dìreach an Tighearna; uime sin teagaisgidh e peacaich anns an t‑slighe. 9 Treòraichidh e na daoine ciùine ann am breitheanas, agus teagaisgidh e do na daoine ciùine a shlighe. 10 Is tròcair agus fìrinn uile shlighean an Tighearna, dhaibhsan a ghleidheas a choicheangal agus a theisteis. 11 Air sgàth d’ainme, a Thighearna, lagh mo chionta, oir tha e mòr. 12 Cò e am fear air a bheil eagal an Tighearna? Seòlaidh e esan anns an t‑slighe a roghnaicheas e. 13 Nì a anam tàmh ann am math, agus mealaidh a shliochd an tìr. 14 Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal. 15 Tha mo shùilean a‑ghnàth ris an Tighearna, oir bheir esan mo chasan as an lìon. 16 Amhairc orm, agus gabh truas dhìom, oir tha mi am aonar agus fo àmhghar. 17 Tha teinn mo chridhe a’ dol am meud; om àmhgharan saor thusa mi. 18 Amhairc air m’àmhghar agus air mo phèin, agus lagh mo pheacaidhean gu lèir. 19 Amhairc air mo naimhdean, oir tha iad lìonmhor, agus le fuath anabarrach tha iad gam fhuathachadh. 20 Glèidh m’anam, agus saor mi; na leig fo nàire mi, oir chuir mi mo dhòigh annad. 21 Dìonadh ionracas agus ceartas mi, oir tha mi a’ feitheamh ortsa. 22 Saor Israel, a Dhè, as a àmhgharan uile. |