Biblia Todo Logo
Earrannan Bìoball

- Sanasan -


74 Briathran Dhè air Comhfhurtachd

74 Briathran Dhè air Comhfhurtachd

Tha na Sgriobtairean ag innse dhuinn gu bheil plana aig Dia airson gach aon againn, plana làn dhòchas agus adhbhair. Nuair a tha sinn fo dheuchainn, cuimhnich air na faclan ann an Salm 34:18 a tha ag ràdh, "Tha an Tighearna faisg air an fheadhainn a tha briste ann an cridhe, agus saoraidh e an fheadhainn a tha brùite na spiorad."

Earb sinn ris gu bheil Dia gar cumail suas agus gar cuideachadh tro gach dùbhlan. A bharrachd air sin, ann an Ieremiah 29:11 leugh sinn, "'S fiosrach mise na smuaintean a tha mi a' smaoineachadh mu ur timcheall,' deir an Tighearna, 'smuaintean sìthe agus chan e olc, a thoirt dhuibh crìoch agus dòchas.'"

Tha na faclan seo a’ lìonadh sinn le comhfhurtachd agus a’ cur nar cuimhne nach eil sinn nar n-aonar nar deuchainnean. Cumamaid ar creideamh agus ar dòchas anns an Tighearna, fios againn gu bheil a ghràdh agus a chaoimhneas còmhla rinn air gach ceum den t-slighe.




Salm 31:24

Bithibh-se misneachail, agus neartaichidh esan ur cridhe, sibhse uile a chuir ur dòchas anns an Tighearna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 10:35-36

Uime sin na tilgibh uaibh ur muinghinn, aig a bheil mòr dhìol-thuarasdal. Oir tha feum agaibh air foighidinn; a‑chum an dèidh dhuibh toil Dhè a dhèanamh, gum faigh sibh an gealladh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Nahum 1:7

Is math an Tighearna, is daingneach làidir e ann an là na h‑airce, agus is aithne dha iadsan a tha a’ cur an dòchais ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 51:12

Is mise, eadhon mise, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; cò thusa gum biodh eagal ort ro dhuine a gheibh bàs, agus ro mhac an duine a nìthear mar am feur?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Deuteronomi 31:6

Bithibh làidir, agus biodh deagh mhisneach agaibh, na biodh eagal oirbh, agus na gabhaibh geilt romhpa: oir is e an Tighearna do Dhia e fhèin a thèid leat; cha dìobair e thu, cha mhò a thrèigeas e thu.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 91:1-2

Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile-chumhachdaich. Chan èirich olc air bith dhut, agus cha tig plàigh am fagas dod fhàrdaich; Oir bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, a‑chum do ghleidheadh ann ad shlighean uile. Nan làmhan togaidh iad suas thu, air eagal gum buail thu do chas air cloich. Air an leòmhann agus an nathair-nimhe saltraidh tu; pronnaidh tu fod chois an leòmhann òg agus an dràgon. A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm. Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha. Le fad làithean sàsaichidh mi e, agus nochdaidh mi dha mo shlàinte. Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 23:4

Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 14:1

Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Nehemiah 8:10

An sin thubhairt e riu, Imichibh, ithibh nithean reamhar, agus òlaibh nithean milis, agus cuiribh cuibhreannan dan ionnsaigh-san do nach d’ullaicheadh nì air bith; oir tha an là seo naomh dar Tighearna: agus na bithibh ri bròn, oir is e gàirdeachas an Tighearna ur neart.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Habacuc 3:17-18

Ged nach toir an crann-fìge uaithe blàth, agus ged nach fàs air an fhìonain cinneas; ged fhàilnich meas a’ chroinn-ola, agus ged nach toir na machraichean uapa lòn; ged ghearrar an treud as on mhainnir, agus ged nach bi buar air bith anns na buailtean: Gidheadh nì mise gàirdeachas anns an Tighearna, nì mi aoibhneas ann an Dia mo shlàinte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 12:2

Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:28

Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 143:8

Thoir orm do choibhneas gràidh a chluinntinn anns a’ mhadainn, oir annadsa chuir mi mo dhòigh; thoir orm gun aithnich mi an t‑slighe anns an còir dhomh imeachd, oir riutsa tha mi a’ togail suas m’anama.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 20:7-8

Earbaidh cuid à carbadan, agus cuid à eich, ach cuimhnichidh sinne ainm an Tighearna ar Dia. Dh’ìslicheadh iadsan, agus thuit iad; ach dh’èirich sinne, agus sheas sinn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 34:18

Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 23:1-2

Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dìth. Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 27:3

Ged champaicheadh feachd am aghaidh, cha bhiodh eagal air mo chridhe; ged dh’èireadh cogadh am aghaidh, à seo nì mi mo bhun.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 18:2

Is e an Tighearna mo charraig agus mo dhaingneach agus m’fhear-saoraidh; mo Dhia, mo chreag anns an cuir mi mo dhòchas; mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 3:24-26

Nuair a laigheas tu sìos, cha bhi eagal ort: seadh, laighidh tu sìos, agus bidh do chadal milis. Na biodh sgàth ort ro eagal obann, no ro fhàsachadh nan aingidh nuair a thig e. Oir bidh an Tighearna na thèarmann dhut, agus gleidhidh e do chas o bhith air a glacadh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 13:5-6

Ach dh’earb mise as do thròcair; nì mo chridhe gàirdeachas ann ad shlàinte. Seinnidh mi don Tighearna, a chionn gun do bhuin e rium gu fial, agus seinnidh mi cliù do ainm an Tighearna as ro‑àirde.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 3:5-6

Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 84:11-12

Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic. A Thighearna nan slògh, is beannaichte an duine a chuireas a dhòigh annadsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 42:5

Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 4:8

Ann an sìth araon laighidh mi, agus caidlidh mi; oir is tusa a‑mhàin, a Thighearna, a bheir orm còmhnaidh a ghabhail gu tèarainte.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Samuel 22:31

A‑thaobh Dhè, tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh: is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 40:4

Is beannaichte an duine sin a chuireas a dhòchas anns an Tighearna, agus nach seall an dèidh nan uaibhreach, no nan dèidh-san a chlaonas a‑chum brèige.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Iob 11:18

Agus earbaidh tu, oir bidh dòchas agad; agus cladhaichidh tu, agus gu tèarainte gabhaidh tu tàmh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 37:3-4

Earb thusa as an Tighearna, agus dèan math; mar sin gabhaidh tu còmhnaidh anns an tìr, agus beathaichear thu gu cinnteach. Cuiridh beul an fhìrein an cèill gliocas, agus labhraidh a theanga breitheanas. Tha lagh Dhè na chridhe; cha shleamhnaich a cheuman. Bidh an droch dhuine ri faire air an fhìrean, agus iarraidh e a mharbhadh. Chan fhàg an Tighearna e na làimh, agus cha dìt e e nuair a bheirear gu breith e. Feith air an Tighearna, agus glèidh a shlighe, agus àrdaichidh e thu a‑chum an tìr a mhealtainn; nuair a ghearrar as droch dhaoine, chì thu e. Chunnaic mi an duine aingidh ann am mòr-chumhachd, agus e ga sgaoileadh fhèin a‑mach mar ùr‑chraoibh uaine. Ach chaidh e seachad, agus, feuch, cha robh e ann; agus dh’iarr mi e, ach cha d’fhuaireas e. Thoir fa‑near an duine foirfe, agus amhairc air an duine ionraic, oir is i sìth as crìoch don duine sin. Ach sgriosar luchd-easaontais faraon; gearrar as crìoch dhroch dhaoine. Tha slàinte nam fìrean on Tighearna; is esan an neart ann an àm teanntachd; Mar an ceudna gabh tlachd anns an Tighearna, agus bheir e dhut iarrtasan do chridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 16:1-2

Glèidh mi, a Dhè, oir chuir mi mo dhòigh annad. Oir chan fhàg thu m’anam anns an uaigh; cha leig thu led aon naomh truaillidheachd fhaicinn. Feuchaidh tu dhomh slighe na beatha; tha lànachd aoibhneis ad làthair-sa; tha mòr-shubhachas aig do dheaslàimh gu sìorraidh. Thubhairt mi ri Iehòbhah, Is tu mo Thighearna; cha ruig mo mhaitheas ortsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 46:1

Is e Dia ar tèarmann agus ar neart, ar cobhair ro‑dheas ann an teanntachdan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 5:3

A Thighearna, air madainn cluinnidh tu mo ghuth; air madainn deasaichidh mi mi fhèin ad làthair, agus amhaircidh mi suas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:50

Is e seo mo chomhfhurtachd ann am àmhghar, oir bheòthaich d’fhacal mi.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Gnàth-fhacal 30:5

Tha uile fhacal Dhè fìorghlan: is sgiath e dhaibhsan a chuireas an dòigh ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 7:10

Is e Dia mo sgiath, a shaoras iadsan a tha ceart ann an cridhe.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 5:11-12

Ach dèanadh iadsan uile aoibhneas a chuireas an dòigh annad; gu bràth dèanadh iad iolach, a chionn gun dìon thu iad; agus dèanadh iadsan luath-ghaire annad, leis an ionmhainn d’ainm. Oir beannaichidh tusa am fìrean, a Thighearna; le deagh-ghean cuartaichidh tu e, mar le sgèith.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 3:4-6

Agus tha a leithid seo de dhòchas againn tre Chrìosd a‑thaobh Dhè: Chan e gu bheil sinn foghainteach uainn fhèin a‑chum nì sam bith a smaoineachadh mar uainn fhèin: ach is ann o Dhia a tha ar foghainteachd; A rinn sinne mar an ceudna nar ministearan foghainteach an tiomnaidh nuaidh; chan ann den litir, ach den Spiorad: oir marbhaidh an litir, ach bheir an Spiorad beatha.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 22:4-5

Asadsa dh’earb ar n‑athraichean; dh’earb iad agus shaor thu iad. Riutsa ghlaodh iad, agus theasairgeadh iad; asadsa dh’earb iad, agus cha robh nàire orra.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 147:3

Lèighsidh e iadsan aig a bheil cridhe briste, agus ceanglaidh e suas an leòntan.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 41:10

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 61:1

Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 5:4

Is beannaichte iadsan a tha ri bròn: oir gheibh iad sòlas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eòin 14:16-17

Agus guidhidh mise an t‑Athair, agus bheir e dhuibh Comhfhurtair eile, a‑chum gum fan e maille ribh gu bràth; Spiorad na fìrinn; neach nach urrainn an saoghal a ghabhail, do bhrìgh nach eil e ga fhaicinn, agus nach aithne dha e: ach is aithne dhuibhse e, oir tha e fantainn maille ribh, agus bidh e annaibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 1:3-4

Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd; A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 4:6-7

Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia. Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Peadar 5:7

A’ tilgeadh ur n‑uile chùraim air-san: oir tha cùram aige dhibh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 15:13

A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Tuireadh Ieremiah 3:31-33

Oir cha tilg an Tighearna uaithe gu bràth: Ach ged bheir e adhbhar bròin, gidheadh nì e iochd a rèir lìonmhorachd a thròcairean. Oir cha chlaoidh e da dheòin, cha mhò a chràidheas e clann nan daoine.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Eabhraidhich 4:15-16

Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh. Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 30:5

Oir chan eil ach tiota na fheirg; tha beatha na dheagh-ghean; rè oidhche mairidh bròn, ach air madainn thig gàirdeachas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 73:26

Tha m’fheòil agus mo chridhe air fàilneachadh; is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhreann gu sìorraidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 94:19

Ann an lìonmhorachd mo smuaintean an taobh a‑staigh dhìom, thug do chomhfhurtachd sòlas dom anam.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 12:1

Agus their thu anns an là sin, Molaidh mi thu, O Thighearna; ged bha thu feargach rium, tha d’fhearg air a tilleadh air falbh, agus thug thu comhfhurtachd dhomh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 40:1

Thugaibh comhfhurtachd, thugaibh comhfhurtachd dom shluagh-sa, deir ur Dia.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Ròmanaich 8:18

Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Corintianach 4:17

Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach;

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Philipianach 1:6

Air dhomh a bhith dearbhte as an nì seo fhèin, eadhon an tì a thòisich air deagh obair annaibh, gun coilean e i gu là Iosa Crìosd:

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 126:5

Iadsan a chuireas sìol le deòir, buainidh iad le gàirdeachas.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:76

Bidh a‑nis do thròcair chaomh a‑chum comhfhurtachd dhomh, a rèir d’fhacail rid òglach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:28

Tha m’anam a’ leaghadh as le tùrsa; neartaich mi a rèir d’fhacail.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Mata 11:28-30

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh. Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman. Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile? Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 23:1-3

Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dìth. Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi. Aisigidh e m’anam; treòraichidh e mi air slighean na fìreantachd air sgàth a ainme fhèin.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Isaiah 49:13

Seinnibh gu h‑àrd, O nèamhan, agus dèan gàirdeachas, O thalamh; agus togaibh iolach, O shlèibhtean; oir thug an Tighearna comhfhurtachd da shluagh, agus gabhaidh e truas da mhuinntir a tha fo àmhghar.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Tesalònianaich 5:11

Uime sin thugaibh comhfhurtachd da chèile, agus togaibh suas gach aon a chèile, eadhon mar tha sibh a’ dèanamh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Tuireadh Ieremiah 3:22-24

Is ann de thròcairean an Tighearna nach eil sinn air ar caitheamh, a chionn nach eil fàiling air a thròcairean. Tha iad nuadh gach aon mhadainn; is mòr do dhìlseachd! Is e an Tighearna mo chuibhreann, tha m’anam ag ràdh; uime sin cuiridh mi mo dhòchas ann.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 116:1-2

Is toigh leam an Tighearna, oir dh’èisd e ri guth m’athchuingean. Chreid mi, uime sin labhair mi; chlaoidheadh mi gu mòr. Thubhairt mi am dheifir, Tha gach duine breugach. Ciod a dh’ìocas mi don Tighearna airson a uile thìodhlacan dhomh? Glacaidh mi cupan na slàinte, agus gairmidh mi air ainm an Tighearna. Iocaidh mi mo bhòidean don Tighearna a‑nis an làthair a shluaigh uile. Is luachmhor ann an sealladh an Tighearna bàs a naomh. O a Thighearna, gu deimhinn is mi d’òglach, mac do bhanoglaich; sgaoil thu mo chuibhreach. Dhutsa ìobraidh mi ìobairt mholaidh, agus air ainm an Tighearna gairmidh mi. Iocaidh mi mo bhòidean don Tighearna a‑nis an làthair a shluaigh uile, Ann an cùirtean taigh an Tighearna ann ad mheadhon-sa, O Ierusalem. Molaibh-se an Tighearna. A chionn gun d’aom e a chluas rium, uime sin rim bheò èighidh mi ris.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 119:82

Tha mo shùilean air an caitheamh le feitheamh rid fhacal, nuair a tha mi ag ràdh, Cuin a nì thu furtachd orm?

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 107:13-14

An sin ghlaodh iad ris an Tighearna nan airc, agus as an teanntachdan shaor e iad. Thug e iad à dorchadas, agus à sgàil a’ bhàis, agus bhris e o chèile an cuibhreach.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
2 Timòteus 1:7

Oir cha tug Dia dhuinne spiorad na geilt; ach spiorad a’ chumhachd, agus a’ ghràidh, agus na h‑inntinn fhallain.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
1 Eòin 4:18

Chan eil eagal ann an gràdh; ach tilgidh gràdh iomlan an t‑eagal a‑mach; do bhrìgh gu bheil pian anns an eagal; an tì a tha fo eagal, cha do rinneadh coileanta ann an gràdh e.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 56:3

Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac
Salm 12:5

Airson fòirneart nam bochd, airson osnaich nan ainnis, a‑nis èiridh mi, arsa an Tighearna; cuiridh mi e ann an tèarainteachd uaithesan a bhagras na aghaidh.

Caibideil   |  Tionndaidhean Dèan lethbhreac

Urnuigh ri Dia

A Dhè uasal is cumhachdach, tha mi a’ tighinn annad an-diugh, tro mo Thighearna Iosa Crìosd, a’ toirt taing dhut. Ann am meadhan nan trioblaidean, ’s tu mo chuideachadh agus mo neart. Nuair a bha gainne orm, ’s tu a thug dhomh biadh is fasgadh, a’ lìonadh mo fheuman uile. Agus nuair a dh’fhalbh càch uam, ’s tusa a dh’fhan rium. Tapadh leat gu bheil do Spiorad Naomh air misneachd a thoirt dhomh gus aghaidh a thoirt air dùbhlain, agus buaidh fhaighinn. A Thighearna, ann an sìth is fois, tha mi air fhaicinn gur tusa an Dia a tha a’ sabaid mo chath. Le foighidinn ’nad làthair, tha fios agam gu bheil an rud as fheàrr gam ionnsaidh. An ainm Ìosa. Amen.
Lean sinn:

Sanasan


Sanasan