Salm 94 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A Dhè an dìoghaltais, a Thighearna Dhè an dìoghaltais, dealraich a‑mach. 2 Ardaich thu fhèin, a Bhritheamh na talmhainn; ìoc luigheachd do na h‑uaibhrich. 3 Cia fhad a nì na h‑aingidh, a Thighearna, cia fhad a nì na h‑aingidh caithreim? 4 Cia fhad a bhrùchdas iad briathran, a labhras iad nithean cruaidhe, a bhios uile luchd-dèanamh an uilc ri ràiteachas; 5 A bhruthas iad do shluagh, a Thighearna, agus a chlaoidheas iad d’oighreachd; 6 A mharbhas iad a’ bhantrach agus an coigreach, agus a mhortas iad na dìlleachdain; 7 Agus a their iad, Chan fhaic an Tighearna, agus cha toir Dia Iàcoib fa‑near e? 8 Tuigibh, sibhse amhlairean am measg an t‑sluaigh; agus amadana, cuin a bhios sibh glic? 9 An tì a shuidhich a’ chluas, nach cluinn e? An tì a dhealbh an t‑sùil, nach faic e? 10 An tì a smachdaicheas na fineachan, nach cronaich e? An tì a theagaisgeas eòlas don duine, nach eil eòlas aige? 11 Is fiosrach an Tighearna air smuaintean dhaoine, gur dìomhanas iad. 12 Is beannaichte an duine a smachdaicheas tusa, a Thighearna, agus a theagaisgeas tu as do lagh; 13 A‑chum fois a thabhairt dha o làithean an uilc, gus an cladhaichear sloc don aingidh. 14 Oir cha tilg Dia dheth a shluagh, agus cha trèig e a oighreachd fhèin; 15 Ach tillidh breitheanas ri ceartas, agus leanaidh iadsan uile a tha ionraic nan cridhe e. 16 Cò a dh’èireas leam an aghaidh luchd-dèanamh an uilc? Cò a sheasas air mo shon an aghaidh luchd-dèanamh na h‑aingidheachd? 17 Mura biodh an Tighearna gam chuideachadh, is beag nach robh m’anam na thàmh gu tosdach. 18 Nuair a thubhairt mi, Tha mo chas air sleamhnachadh uam, chùm do thròcair, a Thighearna, suas mi. 19 Ann an lìonmhorachd mo smuaintean an taobh a‑staigh dhìom, thug do chomhfhurtachd sòlas dom anam. 20 Am bi comann riutsa aig rìgh-chathair na h‑euceirt, a dhealbhas aimhleas le reachd? 21 Cruinnichidh iad le chèile an aghaidh anam an fhìrein, agus dìtidh iad fuil neochiontach. 22 Ach is e an Tighearna mo dhaingneach, agus is e mo Dhia carraig mo dhòchais. 23 Agus dìolaidh e orra fhèin an euceart, agus nan aingidheachd fhèin gearraidh e as iad; gearraidh an Tighearna ar Dia as iad. |