Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan.

2 Oir tha sinn ri osnaich an seo, a’ miannachadh a bhith air ar n‑èideadh le ar taigh o nèamh:

3 O air dhuinn a bhith air ar n‑èideadh, nach faighear lomnochd sinn.

4 Oir tha sinne a tha anns a’ phàillean seo ri osnaich, air dhuinn a bhith fo uallaich: chan ann a chionn gum bu mhiann leinn a bhith air ar rùsgadh, ach air ar n‑èideadh, a‑chum gum bi bàsmhorachd air a slugadh suas le beatha.

5 A‑nis an tì a dh’obraich sinn a‑chum seo fhèin is e Dia e, a thug dhuinn mar an ceudna geall-daingnich an Spioraid.

6 Uime sin tha sinn a‑ghnàth deagh-mhisneachail, air dhuinn fios a bhith againn am feadh a tha sinn aig an taigh anns a’ cholainn, gu bheil sinn air choigrich on Tighearna:

7 (Oir tha sinn a’ gluasad a rèir creidimh, agus chan ann a rèir seallaidh.)

8 Tha deagh mhisneach againn, agus bu roghnaiche leinn gu mòr a bhith air choigrich as a’ cholainn, agus a bhith an làthair maille ris an Tighearna.

9 Uime sin tha sinn a’ dèanamh ar dìchill, a‑chum cò aca a bhios sinn an làthair no air choigrich, gum bi sinn taitneach dhàsan.

10 Oir is èiginn dhuinn uile a bhith air ar nochdadh an làthair cathair-bhreitheanais Chrìosd; a‑chum gum faigh gach neach na nithean a rinn e anns a’ cholainn, a rèir an nì a rinn e, mas math no olc e.

11 Uime sin, air dhuinn fios a bhith againn air uamhas an Tighearna, tha sinn a’ cur impidh air daoine; ach tha sinn follaiseach do Dhia, agus tha dòchas agam mar an ceudna gu bheil sinn air ar dèanamh follaiseach nur cogaisean-se.

12 Oir chan eil sinn gar moladh fhèin a‑rìs dhuibh, ach tha sinn a’ toirt fàth uaille dhuibh dar taobh, a‑chum gum bi freagradh agaibh dhaibhsan a tha a’ dèanamh uaill ann an gnùis, agus chan ann an cridhe.

13 Oir ma tha sinn a dh’easbhaidh cèille, is ann do Dhia: agus ma tha ar ciall againn, is ann dhuibhse.

14 Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar seo, ma fhuair a h‑aon bàs airson nan uile, gu robh na h‑uile marbh:

15 Agus gun d’fhuair e bàs airson nan uile, a‑chum iadsan a tha beò nach biodh iad à seo suas beò dhaibh fhèin, ach dhàsan a dh’fhuiling am bàs air an son, agus a dh’èirich a‑rìs.

16 Uime sin, chan aithne dhuinne à seo suas aon duine a rèir na feòla: seadh, ged a b’aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, gidheadh a‑nis chan aithne dhuinn e nas mò.

17 Uime sin ma tha neach sam bith ann an Crìosd, is creutair nuadh e: chaidh na seann nithean seachad; feuch, rinneadh na h‑uile nithean nuadh.

18 Agus is ann o Dhia a tha na h‑uile nithean, neach a rinn sinne rèidh ris fhèin tre Iosa Crìosd, agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite;

19 Eadhon, gu robh Dia ann an Crìosd, a’ dèanamh an t‑saoghail rèidh ris fhèin, gun a bhith a’ meas an cionta dhaibh; agus dh’earb e rinne facal na rèite.

20 Uime sin is teachdairean sinn airson Chrìosd, mar gun cuireadh Dia impidh leinne: tha sinn a’ guidhe oirbh as uchd Chrìosd, bithibh rèidh ri Dia.

21 Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt-pheacaidh air ar son-se; a‑chum gum bitheamaid-ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan