Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 63 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Cò seo a tha a’ teachd o Edom, le culaidh dhathte o Bhosrah? E seo a tha sgiamhach na èideadh, a’ siubhal ann am mòrachd a neirt? Mise, a tha a’ labhairt ann am fìreantachd, cumhachdach gu tèarnadh.

2 Carson a tha d’èideadh dearg, agus do chulaidh mar neach a’ saltairt an amair-fhìona?

3 Shaltair mi an t‑amar am aonar, agus de na slòigh cha robh aon neach maille rium; oir shaltair mi orra ann am fheirg, agus phronn mi iad ann am chorraich; agus chrathadh am fuil air mo chulaidh, agus tharraing mi sal air m’èideadh uile.

4 Oir bha là an dìoghaltais ann am chridhe, agus bha bliadhna mo mhuinntir shaorte air teachd.

5 Agus dh’amhairc mi, agus cha robh fear-cuideachaidh ann; agus b’ioghnadh leam nach robh fear-taice ann; uime sin dh’obraich mo ghàirdean fhèin slàinte dhomh, agus chùm mo chorraich fhèin taice rium.

6 Agus shaltair mi sìos na slòigh ann am fheirg, agus chuir mi air mhisg iad ann am chorraich, agus thug mi sìos an neart a‑chum an làir.

7 Tròcairean an Tighearna aithrisidh mi, agus cliù an Tighearna; a rèir gach nì a bhuilich an Tighearna oirnn, agus meud a mhaitheis do thaigh Israeil, a dheònaich e dhaibh a rèir a choibhneis, agus a rèir lìonmhorachd a thròcairean.

8 Oir thubhairt e, Gu deimhinn is iad mo shluagh, clann nach dèan breug; agus bha e na Shlànaighear dhaibh.

9 Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad, rè nan uile làithean o shean.

10 Ach rinn iadsan ceannairc, agus chuir iad doilgheas air a Spiorad naomh; air chor is gun d’fhàs e na nàmhaid dhaibh, agus chog e fhèin nan aghaidh.

11 An sin chuimhnich e na làithean o shean, Maois agus a shluagh, ag ràdh, Cia esan a thug a‑nìos iad on fhairge, le buachaille a threud? Cia esan a chuir a Spiorad naomh an taobh a‑staigh dheth?

12 A stiùir iad aig deaslàimh Mhaois le a ghàirdean glòrmhor; a’ sgoltadh nan uisgeachan roimhe, a dhèanamh ainm sìorraidh dha fhèin?

13 Gan stiùradh tron doimhne, mar each anns an fhàsach, ionnas nach tuislicheadh iad?

14 Mar a thèid an sprèidh sìos don ghleann, thug Spiorad an Tighearna orra fois a ghabhail: mar sin threòraich thu do shluagh, a dhèanamh ainm glòrmhoir dhut fhèin.

15 Seall a‑nuas o nèamh, agus faic od ionad-còmhnaidh naomh agus glòrmhor; càit a bheil d’eud, agus do neart, lìonmhorachd do thròcairean agus do thruas dhìom? A bheil iad air an cumail air an ais?

16 Gu deimhinn is tusa ar n‑Athair, ged nach aithne do Abrahàm sinn, agus nach eil Israel a’ gabhail rinn; is tusa, a Thighearna, ar n‑Athair, ar Fear-saoraidh; tha d’ainm o shìorraidheachd.

17 Carson, a Thighearna, a thug thu oirnn dol air seachran od shlighean; agus a chruadhaich thu ar cridhe od eagal? Till air sgàth do sheirbhiseach, treubhan d’oighreachd fhèin.

18 Is beag an ùine a shealbhaich do shluagh naomh; shaltair ar naimhdean sìos do naomh-ionad.

19 Bu leat sinne riamh; cha robh thu a’ riaghladh os an cionn-san; cha robh iad air an gairm air d’ainm.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan