Salm 146 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Molaibh-se an Tighearna; mol an Tighearna, O m’anam. 2 Molaidh mi an Tighearna an cian as beò mi; seinnidh mi cliù dom Dhia am feadh a bhios bith agam. 3 Na earbaibh à uachdarain, à mac duine sam bith, anns nach eil furtachd. 4 Thèid a anail as, tillidh e ga ùir; anns an là sin fhèin thèid as da smuaintean. 5 Is sona an tì aig a bheil Dia Iàcoib mar a chobhair, aig a bheil a dhòchas anns an Tighearna a Dhia, 6 A rinn nèamh agus talamh, a’ mhuir agus gach nì a tha annta; a ghleidheas fìrinn gu bràth; 7 A chumas còir riùsan a tha fo fhòirneart, a bheir biadh do na h‑acraich. Cuiridh an Tighearna na prìosanaich fa sgaoil. 8 Fosglaidh an Tighearna sùilean nan dall; togaidh an Tighearna suas iadsan a tha air an cromadh sìos; is ionmhainn leis an Tighearna na fìreanan. 9 Gleidhidh an Tighearna na coigrich; togaidh e suas an dìlleachdan agus a’ bhantrach, ach tilgidh e slighe nan aingidh bun-os‑cionn. 10 Rìoghaichidh an Tighearna gu bràth, do Dhia-sa, a Shion, o linn gu linn. Molaibh-se an Tighearna. |