Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992


Salm le Daibhidh, nuair a theich e ro Absalom a mhac.

1 A Thighearna, nach lìonmhor a dh’fhàs mo naimhdean? Is iomadh iad a tha ag èirigh am aghaidh.

2 Is iomadh iad a their rim anam nach eil furtachd aige ann an Dia. Selah.

3 Ach tha thusa, a Thighearna, ad sgèith dhòmhsa; mo ghlòir agus fear-togail mo chinn.

4 Lem ghuth dh’èigh mi ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium as a shliabh naomh. Selah.

5 Laigh mi sìos agus chaidil mi: dhùisg mi, oir chùm an Tighearna suas mi.

6 Chan eagal leam deich mìle sluaigh, a chuir iad fhèin am aghaidh air gach taobh.

7 Eirich, a Thighearna; saor mi, O mo Dhia; oir bhuail thu mo naimhdean uile air an gial; bhris thu fiaclan nan aingidh.

8 Is leis an Tighearna an fhurtachd; air do shluagh tha do bheannachd. Selah.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan