Isaiah 51 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Eisdibh rium, sibhse a tha a’ leantainn fìreantachd, sibhse a tha ag iarraidh an Tighearna; seallaibh ris a’ charraig on do ghearradh a‑mach sibh, agus ri sloc na h‑uamha on do chladhaicheadh sibh. 2 Seallaibh air Abrahàm ur n‑athair, agus air Sàrah a rug sibh; oir ghairm mise e na aonar, agus bheannaich mi e, agus rinn mi lìonmhor e. 3 Oir bheir an Tighearna comhfhurtachd do Shion; bheir e comhfhurtachd da ionadan fàsail uile; agus nì e a fàsach mar Eden, agus a dìthreabh mar ghàrradh an Tighearna; gheibhear aoibhneas agus subhachas innte, breith-buidheachais agus fonn ciùil. 4 Eisdibh rium, O mo shluagh; agus thugaibh aire dhomh, O mo chinneach; oir thig reachd a‑mach uam, agus foillsichidh mi mo bhreitheanais a‑chum solais do na slòigh. 5 Tha m’fhìreantachd am fagas, tha mo shlàinte air dol a mach, agus nì mo ghàirdean breitheanas air na fineachan; feithidh na h‑eileanan rium, agus ann am ghàirdean cuiridh iad an dòchas. 6 Togaibh ur sùilean suas ris na nèamhan, agus amhaircibh air an talamh shìos; oir sgaoilear o chèile na nèamhan mar dheataich, agus fàsaidh an talamh sean mar thrusgan; agus bàsaichidh a luchd-àiteachaidh air a’ mhodh cheudna; ach mairidh mo shlàinte-sa gu sìorraidh, agus cha tèid m’fhìreantachd air chùl. 7 Eisdibh rium, sibhse a tha eòlach air fìreantachd, a shluagh aig a bheil mo lagh nur cridhe; na biodh eagal oirbh ro mhasladh dhaoine, agus na gabhaibh geilt ron càineadh. 8 Oir ithidh an leòmann iad mar thrusgan agus ithidh a’ chnuimh iad mar olainn; ach mairidh m’fhìreantachd-sa gu sìorraidh, agus mo shlàinte gu linn nan linntean. 9 Dùisg, dùisg, cuir umad neart, O ghàirdein an Tighearna; dùisg, mar anns na làithean o shean, anns na h‑aimsirean o chian. Nach tusa a gheàrr Rahab, a lot an dràgon? 10 Nach tusa a thiormaich an fhairge, uisgeachan na doimhne mòire, a rinn doimhneachdan na fairge nan slighe don mhuinntir shaorte gu dol thairis? 11 Mar seo tillidh muinntir shaorte an Tighearna, agus thig iad gu Sion le iolaich; agus bidh aoibhneas bith-bhuan air an ceann; gheibh iad aoibhneas agus subhachas, agus teichidh mulad agus caoidh air falbh. 12 Is mise, eadhon mise, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; cò thusa gum biodh eagal ort ro dhuine a gheibh bàs, agus ro mhac an duine a nìthear mar am feur? 13 Agus gun dìochuimhnicheadh tu an Tighearna do Chruithear a shìn a‑mach na nèamhan, agus a leag stèidh na talmhainn; agus gum biodh sìor-eagal ort gach là, airson corraich an fhir-shàrachaidh, mar gum biodh e ullamh gu sgrios? Agus càit a bheil corraich an fhir-shàrachaidh? 14 Tha an ciomach a’ dèanamh deifir gu bhith air fhuasgladh, a‑chum nach faigh e bàs anns an t‑sloc, agus nach fàilnich aran. 15 Oir is mise an Tighearna do Dhia, a chiùinicheas an fhairge, nuair a bheucas a tonnan: is e Tighearna nan sluagh as ainm dha. 16 Agus chuir mise mo bhriathran ann ad bheul, agus le sgàil mo làimhe dh’fhalaich mi thu; a shuidheachadh nan nèamhan, agus a leagadh bunaitean na talmhainn; agus a ràdh ri Sion, Is tu mo shluagh. 17 Dùisg, dùisg, èirich suas o Ierusalem, a dh’òl, o làimh an Tighearna, cuach a chorraich; dh’òl thu, dh’fhàisg thu as, deisgeanan cuach na ball-chrith. 18 Chan eil fear-stiùraidh aice, am measg nan uile mhac a rug i; chan eil aon a ghlacas air làimh i, am measg nan uile mhac a dh’altraim i. 19 Thachair an dà nì seo dhut; cò a nì caoidh air do shon? Creachadh agus milleadh, a’ ghort, agus an claidheamh; cò a bheir dhut comhfhurtachd? 20 Tha do mhic air fannachadh, tha iad air tuiteam sìos aig ceann gach sràide, mar tharbh fiadhaich ann an lìon; lìonadh iad làn de chorraich an Tighearna, de achmhasan do Dhè. 21 Air an adhbhar sin, cluinn seo a‑nis, O thusa a tha fo àmhghar, agus air mhisg, ach chan ann le fìon: 22 Mar seo deir do Thighearna Iehòbhah, agus do Dhia a thagras cùis a shluaigh: Feuch, thug mi as do làimh cuach na ball-chrith; deisgeanan cuach mo chorraich; chan òl thu dhith nas mò: 23 Ach cuiridh mi i ann an làimh do luchd-sàrachaidh, a tha ag ràdh rid anam, Crom sìos, a‑chum gun tèid sinn thairis: agus leag thu do chorp sìos mar an làr, agus mar an t‑sràid, dhaibhsan a tha a’ gabhail seachad. |