Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad.
Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh, mo shìth-sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.
Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn.
Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, Athair nan tròcair, agus Dia na h‑uile chomhfhurtachd; A tha a’ toirt comhfhurtachd dhuinne nar n‑uile àmhghar, a‑chum sinn a bhith comasach air comhfhurtachd a thoirt dhaibhsan a tha ann an àmhghar sam bith, leis a’ chomhfhurtachd leis a bheil sinn fhèin a’ faotainn comhfhurtachd o Dhia.
Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.
Ach cha b’àill leam, a bhràithrean, sibh a bhith aineolach a‑thaobh na muinntir sin a tha nan cadal, a‑chum nach dèan sibh bròn, eadhon mar dhaoine eile aig nach eil dòchas. Oir ma chreideas sinn gun d’fhuair Iosa bàs, agus gun d’èirich e a‑rìs, amhail sin mar an ceudna an dream a chaidil ann an Iosa, bheir Dia maille ris.
Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgàil a’ bhàis, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.
Tha an duine ionraic a’ bàsachadh, agus gun aon neach a’ toirt fa‑near; agus na daoine tròcaireach air an toirt air falbh, agus gun aon neach a’ tuigsinn gu bheil an t‑ionracan air a thoirt air falbh on olc a tha ri teachd. Ann am buanas do shlighe sgìthicheadh thu; ach cha dubhairt thu, Chan eil dòchas ann; fhuair thu beatha do làimhe; air an adhbhar sin cha d’fhannaich thu. Agus cò as a ghabh thu eagal agus fiamh, gun do rinn thu breug, agus nach do chuimhnich thu ormsa, cha mhò a thug thu fa‑near? Nach d’fhan mise am thosd eadhon o chian, agus chan eil eagal ort romham? Leigidh mise ris d’fhìreantachd, agus do ghnìomharan; oir cha dèan iad feum dhut. Nuair a ghlaodhas tu, dèanadh do chuideachdan do thèarnadh; ach togaidh a’ ghaoth air falbh iad uile, bheir an ceò as iad; ach an neach a chuireas a dhòchas annamsa, sealbhaichidh e am fearann, agus gheibh e mar oighreachd mo shliabh naomh. An sin their mi, Tilgibh suas, tilgibh suas; ullaichibh an t‑slighe; thugaibh air falbh gach ceap-tuislidh à rathad mo shluaigh. Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte. Oir cha bhi mi a’ cronachadh gu sìor, agus cha bhi fearg orm an còmhnaidh; oir dh’fhàilnicheadh an spiorad romham, agus na h‑anaman a rinn mi fhèin. Airson cionta a shannta bha corraich orm, agus bhuail mi e, a’ falach mo ghnùise ann am feirg; agus dh’imich e roimhe gu fiar, air slighe a chridhe fhèin. Dh’amhairc mise air a shlighean, agus lèighsidh mi e; seadh, treòraichidh mi e, agus aisigidh mi sòlasan dhàsan agus da luchd-bròin. Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e. Siùbhlaidh e ann an sìth; gabhaidh esan a tha ag imeachd na ionracas fois na leabaidh.
Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.
Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.
Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e.
Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu; cha leig e am feasd don fhìrean a bhith air a ghluasad.
Oir cha tilg an Tighearna uaithe gu bràth: Ach ged bheir e adhbhar bròin, gidheadh nì e iochd a rèir lìonmhorachd a thròcairean.
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
Is e an Tighearna mo charraig agus mo dhaingneach agus m’fhear-saoraidh; mo Dhia, mo chreag anns an cuir mi mo dhòchas; mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd.
Tha deagh mhisneach againn, agus bu roghnaiche leinn gu mòr a bhith air choigrich as a’ cholainn, agus a bhith an làthair maille ris an Tighearna.
Agus bidh an Tighearna na dhaingneach don tì a shàraichear, na dhaingneach ann an aimsirean teanntachd.
Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò: Agus ge bè neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs am feasd. A bheil thu a’ creidsinn seo?
Oir mas beò dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn beò: agus mas bàs dhuinn, is ann don Tighearna a tha sinn a’ bàsachadh: uime sin mas beatha no bàs dhuinn, is leis an Tighearna sinn.
Oir chan eil ach tiota na fheirg; tha beatha na dheagh-ghean; rè oidhche mairidh bròn, ach air madainn thig gàirdeachas.
Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.
Gidheadh chreid mise gum faicinn maitheas an Tighearna ann an tìr nam beò. Feith air an Tighearna; glac misneach, agus neartaichidh esan do chridhe. Feith, tha mi ag ràdh, air an Tighearna.
Chòmhraig mi an deagh chòmhrag, chrìochnaich mi mo thuras, ghlèidh mi an creideamh. O seo a‑mach tha air a thasgadh fam chomhair crùn fìreantachd, a bheir an Tighearna, am britheamh cothromach, dhomh anns an là ud: agus chan ann dhòmhsa a‑mhàin, ach dhaibhsan uile mar an ceudna, leis an ionmhainn a theachd-san.
Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte; Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan. Oir mar a chuireas an talamh a‑mach a chinneas, agus mar a bheir an lios air an t‑sìol fàs a‑nìos; mar sin bheir an Tighearna Iehòbhah air fìreantachd agus moladh fàs suas an làthair nan uile chinneach. A dh’èigheach bliadhna thaitneach an Tighearna, agus là dìoghaltas ar Dè‑ne; a thoirt comhfhurtachd dhaibhsan uile a tha ri bròn;
Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.
Uime sin thugaibh comhfhurtachd da chèile, agus togaibh suas gach aon a chèile, eadhon mar tha sibh a’ dèanamh.
Air Dia a‑mhàin tha m’anam a’ feitheamh; uaithesan thig mo shlàinte. Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air. Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd. Mar an ceudna dhutsa, a Thighearna, buinidh tròcair, oir bheir thu luigheachd do dhuine a rèir a obrach. Is esan a‑mhàin mo charraig agus mo shlàinte; is e mo dhìdean; cha ghluaisear gu mòr mi.
Uime sin na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall an là màireach: oir bidh a làn de chùram air an là‑màireach mu thimcheall a nithean fhèin. Is leòr don là a olc fhèin.
Uime sin chan eil sinn a’ fannachadh, ach ged thruaillear ar duine on leth a‑muigh, gidheadh tha an duine on leth a‑staigh air ath-nuadhachadh o là gu là. Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach; Air dhuinne a bhith ag amharc chan ann air na nithean a tha rim faicinn, ach air na nithean nach eil rim faicinn: oir tha na nithean a chìthear aimsireil; ach tha na nithean nach faicear sìorraidh.
Rinn thu mo sheachrain àireamh; cuir mo dheòir ann ad shearraig; nach eil iad ann ad leabhar?
Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.
Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.
Ann an lìonmhorachd mo smuaintean an taobh a‑staigh dhìom, thug do chomhfhurtachd sòlas dom anam.
Cò a sgaras sinn o ghràdh Chrìosd? An dèan trioblaid, no àmhghar, no geur-leanmhainn, no gorta, no lomnochdaidh, no cunnart, no claidheamh? (A rèir mar a tha e sgrìobhte, Air do shon-sa mharbhadh sinn rè an là; mheasadh sinn mar chaoraich a‑chum marbhaidh.) Chan eadh, ach anns na nithean sin uile tha sinn a’ toirt tuilleadh agus buaidh, trìdsan a ghràdhaich sinn. Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd, No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.
Seinnibh gu h‑àrd, O nèamhan, agus dèan gàirdeachas, O thalamh; agus togaibh iolach, O shlèibhtean; oir thug an Tighearna comhfhurtachd da shluagh, agus gabhaidh e truas da mhuinntir a tha fo àmhghar.
Nì a tha againn mar acair an anama, araon cinnteach agus daingeann, agus a thèid a‑steach don ionad sin a tha an taobh a‑staigh den bhrat-roinn.
Tha m’fheòil agus mo chridhe air fàilneachadh; is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhreann gu sìorraidh.
Mar neach don toir a mhàthair comhfhurtachd, mar sin bheir mise comhfhurtachd dhuibhse; agus ann an Ierusalem gheibh sibh sòlas.
Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?
Is ann de thròcairean an Tighearna nach eil sinn air ar caitheamh, a chionn nach eil fàiling air a thròcairean. Tha iad nuadh gach aon mhadainn; is mòr do dhìlseachd!
Agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Sgrìobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs anns an Tighearna, à seo a‑mach: Seadh, tha an Spiorad ag ràdh, a‑chum gum faigh iad fois on saothair; agus leanaidh an obraichean iad.
A nochd dhomh teanntachdan mòra agus cruaidhe, a bheothaicheas mi a‑rìs, agus o dhoimhneachdan na talmhainn a bheir mi a‑nìos a‑rìs? Meudaichidh tu mo mhòrachd, agus air gach taobh bheir thu sòlas dhomh.
Tha an Spiorad fhèin mar an ceudna a’ dèanamh còmhnaidh le ar n‑anfhainneachd: oir chan aithne dhuinn ciod a ghuidheamaid mar a bu chòir dhuinn; ach tha an Spiorad fhèin a’ dèanamh eadar-ghuidhe air ar son le osnaidhean do‑labhairt.
Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.
Oir tha mise, an Tighearna do Dhia, gad chumail suas air do làimh dheis; tha mi ag ràdh riut, Na biodh eagal ort, nì mise cobhair ort.
Agus thubhairt e rium, Is leòr mo ghràs-sa dhut: oir tha mo chumhachd air a dhèanamh foirfe ann an anfhainneachd. Uime sinn is ro‑thoilichte a nì mi uaill am anfhainneachdan, a‑chum gun gabh cumhachd Chrìosd còmhnaidh orm.
Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.
Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.
Oir tha sinn a’ faicinn anns an àm seo gu dorcha tre ghloine; ach an sin chì sinn aghaidh ri aghaidh: anns an àm seo is aithne dhomh ann an cuid; ach an sin aithnichidh mi eadhon mar tha aithne orm.
Guma beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, neach a rèir a mhòr-thròcair a dh’ath-ghin sinne gu beò-dhòchas, tre aiseirigh Iosa Crìosd o na mairbh. A‑chum oighreachd neo-thruaillidh, agus neo-shalaich, agus nach searg as, a tha air a coimhead anns na nèamhan dhuibhse,
Gidheadh, tha mi a‑ghnàth maille riut; chùm thu suas mi air do dheas-làimh. Led chomhairle stiùraidh tu mi, agus fa dheòidh gabhaidh tu mi a‑chum glòire.
Oir tha fhios agam gu bheil m’fhear-saoraidh beò, agus mu dheireadh gun seas e air an talamh: Agus an dèidh dhaibh seo mo chraiceann a chnàmh, gidheadh ann am fheòil gum faic mi Dia:
Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh. Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.
Agus tha a‑nis uime sin doilgheas oirbhse: ach chì mise a‑rìs sibh, agus nì ur cridhe gàirdeachas, agus ur gàirdeachas cha bhuin neach air bith uaibh.
Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn; Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas: Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.
Cha tèid do ghrian tuilleadh sìos, cha mhò a dhorchaichear do ghealach: oir bidh an Tighearna na sholas sìorraidh dhut, agus crìochnaichear làithean do bhròin.
Oir mar a tha fulangasan Chrìosd pailt annainn, is amhail sin a tha ar comhfhurtachd mar an ceudna pailt tre Chrìosd.
Bithibh-se misneachail, agus neartaichidh esan ur cridhe, sibhse uile a chuir ur dòchas anns an Tighearna.
Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn, Oir gu deimhinn smachdaich iadsan sinn rè beagan làithean a rèir an toile fhèin; ach esan a‑chum ar leas, ionnas gum bitheamaid nar luchd-compàirt de a naomhachd. Ach cha mheasar smachdachadh air bith am feadh tha e an làthair sòlasach, ach doilgheasach: gidheadh, na dhèidh sin bheir e uaithe toradh sìochail na fìreantachd don dream a tha gu dligheach air an cleachdadh ris. Uime sin, togaibh suas na làmhan a tha air tuiteam sìos, agus neartaichibh na glùinean laga; Agus dèanaibh cas-cheuman dìreach dur casan, air eagal gum bi an nì sin a tha bacach air a thionndadh as an t‑slighe; ach gum bu mhò a bhiodh e air a shlànachadh. Leanaibh sìth maille ris na h‑uile dhaoine, agus naomhachd, nì as eugmhais nach faic neach air bith an Tighearna: A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh: Air eagal gum bi fear-strìopachais ann, no neach mì‑naomh sam bith mar Esau, a reic airson aon ghreim bìdh còir a chiad-bhreith. Oir tha fhios agaibh nuair a b’àill leis, an dèidh sin, am beannachadh a shealbhachadh, gun do dhiùltadh e: oir cha d’fhuair e àit aithreachais, ged a dh’iarr e e gu dùrachdach le deòir. Oir cha tàinig sibh a‑chum an t‑slèibh ris am faodte beantainn, agus a bha a’ losgadh le teine, no a‑chum duibhre, agus dorchadais, agus doininn, Agus fuaim na trompaid, agus guth nam briathar, ionnas gun do ghuidh an dream a chuala e nach labhairte am facal riu tuilleadh: Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.
Ma their mi, Gu deimhinn falaichidh an dorchadas mi, bidh an oidhche fhèin mar sholas mun cuairt orm. Chan fhalaich eadhon an dorchadas uatsa, ach dealraichidh an oidhche mar an là; is ionann an dorchadas agus an solas dhutsa.
Agus chan urrainn iad bàs fhaghail nas mò; oir tha iad ann an co‑inbhe ris na h‑ainglean; agus is iad clann Dhè iad, air bhith dhaibh nan cloinn don aiseirigh.
Ach a‑nis o fhuair e bàs, carson a thraisginn? An urrainn mi a thabhairt air ais tuilleadh? Thèid mise da ionnsaigh-san, ach cha till esan am ionnsaigh-sa.
Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:
Mar seo tillidh muinntir shaorte an Tighearna, agus thig iad gu Sion le iolaich; agus bidh aoibhneas bith-bhuan air an ceann; gheibh iad aoibhneas agus subhachas, agus teichidh mulad agus caoidh air falbh.
Oir ma chaidh ar suidheachadh maraon ann an coslas a bhàis, bidh sinn mar an ceudna air ar suidheachadh ann an coslas a aiseirigh.
A chionn gu robh thu ad chobhair agam, uime sin fo sgàil do sgiathan nì mi gàirdeachas. Tha m’anam a’ dlùth-leantainn riut; cumaidh do dheaslàmh suas mi.
Tha sinn fo thrioblaid air gach taobh, gidheadh chan eil sinn ann an teanntachd; tha sinn ann an ioma-chomhairle, gidheadh gun sinn a bhith ann an eu‑dòchas; Air ar geur-leanmhainn, gidheadh gun a bhith air ar trèigsinn; air ar tilgeadh sìos, gidheadh gun a bhith air ar sgrios;
Oir ma chreideas sinn gun d’fhuair Iosa bàs, agus gun d’èirich e a‑rìs, amhail sin mar an ceudna an dream a chaidil ann an Iosa, bheir Dia maille ris.
Feithidh ar n‑anam air an Tighearna; is esan ar cobhair agus ar sgiath. Oir annsan nì ar cridhe gàirdeachas, a chionn na ainm naomh-san gun do chuir sinn ar dòigh. Gu robh do thròcair, a Thighearna, oirnn, a rèir mar a chuir sinn ar dòchas annad.
Feuch, tha m’àmhghar air a chaochladh gu fois; theasairg thu gu caomh m’anam o shloc millteach; seadh, thilg thu air do chùlaibh m’uile lochdan.
Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus na fhacal tha mo dhòigh.
Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chan fhaca sùil, agus cha chuala cluas, agus cha tàinig ann an cridhe duine, na nithean a dh’ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha.
Thug thu air daoine marcachd thar ar cinn; chaidh sinn tro theine agus tro uisge, ach thug thu a‑mach sinn gu ionad saoibhir.
Oir a mheud is gun d’fhuiling e fhèin, air dha a bhith air a bhuaireadh, is comasach e air cobhair a dhèanamh orrasan a tha air am buaireadh.
An sin nì an òigh gàirdeachas anns an dannsa, na daoine òga, agus na seann daoine le chèile: oir tionndaidhidh mise am bròn gu aoibhneas, agus bheir mi dhaibh comhfhurtachd, agus nì mi sòlasach iad an dèidh an àmhghair.
Oir beathaichidh an t‑Uan a tha am meadhon na rìgh-chathrach iad, agus treòraichidh e iad gu beò-thobraichean uisge: agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean.
Is beannaichte sibhse a tha acrach a‑nis; oir sàsaichear sibh. Is beannaichte sibhse a tha a’ caoidh a‑nis: oir gàiridh sibh.
An sluagh a bha a’ siubhal ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; iadsan a bha nan còmhnaidh ann an tìr sgàil a’ bhàis, dh’èirich solas orra.
Ann an sìth araon laighidh mi, agus caidlidh mi; oir is tusa a‑mhàin, a Thighearna, a bheir orm còmhnaidh a ghabhail gu tèarainte.
Is beannaichte iadsan a tha bochd nan spiorad: oir is leo rìoghachd nèimh. Agus ma bheir do làmh dheas oilbheum dhut, geàrr dhìot i, agus tilg uat i: oir is fheàrr dhut gun sgriosar aon ded bhuill na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn. Agus thubhairteadh, Ge bè chuireas a bhean phòsda air falbh, thugadh e litir-dhealachaidh dhi. Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a chuireas air falbh a bhean-phòsda fhèin, ach a‑mhàin airson strìopachais, gu bheil e a’ toirt oirre adhaltranas a dhèanamh: agus an tì a phòsas a’ bhean sin a chuireadh air falbh, tha e a’ dèanamh adhaltranais. Mar an ceudna, chuala sibh gun dubhairteadh ris na sinnsirean, Na tabhair mionnan eithich, ach coilean do mhionnan don Tighearna. Ach tha mise ag ràdh ribh, Na tugaibh mionnan idir: na tugaibh air nèamh, oir is e rìgh-chathair Dhè e. Na tugaibh air an talamh, oir is e stòl a chas e: na tugaibh air Ierusalem, oir is e baile an rìgh mhòir e. Na tabhair mionnan air do cheann, oir chan urrainn thu aon fhuiltean a dhèanamh geal no dubh. Ach guma h‑e as còmhradh dhuibh, Seadh, seadh; Chan eadh, chan eadh: oir ge bè nì a bhios os cionn seo, is ann on olc a tha e. Chuala sibh gun dubhairteadh, Sùil airson sùla, agus fiacail airson fiacla. Ach tha mise ag ràdh ribh, Na cuiribh an aghaidh an uilc: ach ge bè neach a bhuaileas thu air do ghiall deas, tionndaidh thuige an giall eile mar an ceudna. Is beannaichte iadsan a tha ri bròn: oir gheibh iad sòlas.
Agus thubhairt mi, Och, nach robh agam sgiathan! Mar chalaman theichinn as air iteig, agus gheibhinn fois.