Tha bàs spioradail a’ ciallachadh a bhith air ar sgaradh bho Dhia. Tha am Bìoball a’ teagasg dhuinn mu dhà adhbhar airson bàs spioradail: a’ chiad fhear ’s e an Tuiteam agus an dàrna fear ’s e ar n-eas-ùmhlachd fhèin.
’S urrainn dhuinn a bhith air ar saoradh bhon bhàs spioradail seo tro aithreachas, fuil Chrìosd agus ùmhlachd dha fhacal. Ma tha thu a’ faireachdainn bàs spioradail, iarr air Dia do ghlanadh bho gach olc agus do chuideachadh gus èirigh ann an ainm Ìosa.
An uairsin, lorg eaglais agus na bi a’ fàgail cruinneachaidh, oir dh’fhaodadh seo do dhèanamh na thargaid furasta don nàmhaid agus do bheatha fhuarachadh, gad thoirt air ais far an robh e cho duilich dhut falbh. Tha e air leth cudromach a bhith an làthair ann an taigh Dhè, an sin gheibh thu am biadh a dh’fheumas tu gus do bheatha a chumail a’ dol.
Tha am facal ag innse dhuinn nach bu chòir dhuinn stad a chur air cruinneachadh, mar a tha mòran cleachdte ri dhèanamh. Dèan toil Dhè, feith air, oir saoraidh e d’anam agus saoraidh e thu bho gach plana an dorchadais.
Cha do rugadh thu airson beatha gun chiall a bhith agad, ghairm Dia thu le adhbhar mòr agus tha e ag iarraidh gum bi a ghlòir follaiseach annad.
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ma choimheadas neach m’fhacal-sa, chan fhaic e bàs am feasd.
An sin air a bhith don ana-miann torrach, beiridh e peacadh: agus air don pheacadh a bhith air a chrìochnachadh, beiridh e bàs.
Oir ma chaitheas sibh ur beatha a rèir na feòla, gheibh sibh bàs: ach ma mharbhas sibh tre an Spiorad gnìomharan na colainn, bidh sibh beò.
Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.
Agus sibhse a bha marbh nur n‑euceartan, agus ann an neo-thimcheall-ghearradh ur feòla, bheothaich e maille ris, a’ maitheadh dhuibh nan uile euceart;
Oir shaor lagh Spiorad na beatha, ann an Iosa Crìosd, mise o lagh a’ pheacaidh agus a’ bhàis.
Biodh fhios aige, an duine a dh’iompaicheas peacach o sheachran a shlighe, gun saor e a anam o bhàs, agus gum falaich e mòran pheacaidhean.
An sluagh a bha a’ siubhal ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; iadsan a bha nan còmhnaidh ann an tìr sgàil a’ bhàis, dh’èirich solas orra.
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal-sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha.
Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.
Agus sibhse bheothaich e, a bha marbh ann an euceartan agus ann am peacaidhean:
Oir is sinne a obair-san, air ar cruthachadh ann an Iosa Crìosd a‑chum dheagh obraichean, airson an d’ullaich Dia ro‑làimh sinn, a‑chum gun gluaiseamaid annta.
Uime sin cuimhnichibh, air dhuibh a bhith anns an aimsir a chaidh thairis nur Cinnich anns an fheòil, ris an abrar an neo-thimcheall-ghearradh leòsan den goirear an timcheall-ghearradh làmh-dhèante anns an fheòil;
Gu robh sibh anns an àm sin as eugmhais Chrìosd, nur coimhich do cho-fhlaitheachd Israeil, agus nur coigrich do choicheangail a gheallaidh, as eugmhais dòchais, agus gun Dia anns an t‑saoghal:
Ach a‑nis ann an Iosa Crìosd, tha sibhse a bha roimhe seo fad o làimh, air ur toirt am fagas tre fhuil Chrìosd.
Oir is esan ar sìth-ne, a rinn aon dhinn araon, agus a bhris sìos balla meadhonach an eadar-dhealachaidh:
Air dha an naimhdeas a chur air cùl tre a fheòil fhèin, eadhon lagh nan àitheantan, a chuireadh sìos ann an òrdaighean, a‑chum gun dèanadh e ann fhèin de dhithis aon duine nuadh, mar sin a’ dèanamh sìthe;
Agus gun dèanadh e rèidh araon iad ri Dia ann an aon chorp tre a chrann-cheusaidh, air dha an naimhdeas a mharbhadh le sin;
Agus thàinig e agus shearmonaich e sìth dhuibhse a bha am fad, agus dhaibhsan a bha am fagas.
Oir trìdsan tha araon slighe againn gu dol a‑steach tre aon Spiorad a‑chum an Athar.
A‑nis uime sin, chan eil sibh nas mò nur coigrich agus nur coimhich, ach nur luchd aon bhaile ris na naoimh, agus nur muinntir-teaghlaich Dhè;
Anns an do ghluais sibh anns na h‑àmannan a chaidh seachad, a rèir gnàth an t‑saoghail seo, a rèir uachdaran cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas-ùmhlachd:
Agus tha sibh air ur togail suas air bunait nan abstol agus nam fàidhean, air a bhith do Iosa Crìosd fhèin na chloich-chinn na h‑oisinn;
Anns a bheil an aitreabh uile, ceangailte gu ceart ri chèile, a’ fàs suas a‑chum a bhith na teampall naomh anns an Tighearna:
Anns a bheil sibhse mar an ceudna air ur co‑thogail suas a‑chum a bhith nur taigh-còmhnaidh do Dhia tre an Spiorad.
Am measg an robh againn uile mar an ceudna ar caitheamh-beatha roimhe seo, ann an ana-miannan ar feòla, a’ dèanamh toil na feòla, agus nan smuaintean; agus bha sinn a‑thaobh nàdair nar cloinn na feirge, eadhon mar chàch.
An tì aig a bheil am Mac tha beatha aige: an tì aig nach eil Mac Dhè chan eil beatha aige.
Oir bha sibh uaireigin nur dorchadas, ach a‑nis tha sibh nur solas anns an Tighearna: gluaisibh mar chloinn an t‑solais;
Agus air a shon seo is esan eadar-mheadhonair an tiomnaidh nuaidh, ionnas tre fhulangas a’ bhàis, a‑chum saorsa nan euceart a bha fon chiad thiomnadh a chosnadh, gum faigheadh iadsan a tha air an gairm gealladh na h‑oighreachd sìorraidh.
Nach eil fhios agaibh, a mheud againn is a bhaisteadh ann an Iosa Crìosd, gun do bhaisteadh a‑chum a bhàis sinn?
Air an adhbhar sin dh’adhlaiceadh sinn maille ris tre an bhaisteadh a‑chum bàis: ionnas mar a thogadh Crìosd suas o na mairbh le glòir an Athar, mar sin gun gluaiseamaid-ne mar an ceudna ann an nuadhachd beatha.
Oir ma chaidh ar suidheachadh maraon ann an coslas a bhàis, bidh sinn mar an ceudna air ar suidheachadh ann an coslas a aiseirigh.
Air fhios seo a bhith againn, gu bheil ar seann duine air a cheusadh maille ris, ionnas gum biodh corp a’ pheacaidh air a sgrios, a‑chum à seo suas nach dèanamaid seirbhis don pheacadh.
Oir mas e air dhuinn a bhith nar naimhdean, gun do rinneadh rèidh ri Dia sinn tre bhàs a Mhic, is mò gu mòr, air dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a shaorar tre a bheatha sinn.
Is beannaichte agus is naomh an tì aig a bheil cuid anns a’ chiad aiseirigh: orra seo chan eil cumhachd aig an dara bàs; ach bidh iad nan sagartan do Dhia, agus do Chrìosd, agus rìoghaichidh iad maille ris mìle bliadhna.
Agus sibhse bheothaich e, a bha marbh ann an euceartan agus ann am peacaidhean:
Oir is sinne a obair-san, air ar cruthachadh ann an Iosa Crìosd a‑chum dheagh obraichean, airson an d’ullaich Dia ro‑làimh sinn, a‑chum gun gluaiseamaid annta.
Uime sin cuimhnichibh, air dhuibh a bhith anns an aimsir a chaidh thairis nur Cinnich anns an fheòil, ris an abrar an neo-thimcheall-ghearradh leòsan den goirear an timcheall-ghearradh làmh-dhèante anns an fheòil;
Gu robh sibh anns an àm sin as eugmhais Chrìosd, nur coimhich do cho-fhlaitheachd Israeil, agus nur coigrich do choicheangail a gheallaidh, as eugmhais dòchais, agus gun Dia anns an t‑saoghal:
Ach a‑nis ann an Iosa Crìosd, tha sibhse a bha roimhe seo fad o làimh, air ur toirt am fagas tre fhuil Chrìosd.
Oir is esan ar sìth-ne, a rinn aon dhinn araon, agus a bhris sìos balla meadhonach an eadar-dhealachaidh:
Air dha an naimhdeas a chur air cùl tre a fheòil fhèin, eadhon lagh nan àitheantan, a chuireadh sìos ann an òrdaighean, a‑chum gun dèanadh e ann fhèin de dhithis aon duine nuadh, mar sin a’ dèanamh sìthe;
Agus gun dèanadh e rèidh araon iad ri Dia ann an aon chorp tre a chrann-cheusaidh, air dha an naimhdeas a mharbhadh le sin;
Agus thàinig e agus shearmonaich e sìth dhuibhse a bha am fad, agus dhaibhsan a bha am fagas.
Oir trìdsan tha araon slighe againn gu dol a‑steach tre aon Spiorad a‑chum an Athar.
A‑nis uime sin, chan eil sibh nas mò nur coigrich agus nur coimhich, ach nur luchd aon bhaile ris na naoimh, agus nur muinntir-teaghlaich Dhè;
Anns an do ghluais sibh anns na h‑àmannan a chaidh seachad, a rèir gnàth an t‑saoghail seo, a rèir uachdaran cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas-ùmhlachd:
Agus thusa, a leinibh, goirear dhìot Fàidh an Tì as àirde: oir thèid thu ro aghaidh an Tighearna, a dh’ullachadh a shlighe;
A thoirt eòlas na slàinte da phoball, ann am maitheanas am peacaidhean.
Tro thròcair ro‑mhòr ar Dè‑ne, leis an d’fhiosraich an ùr‑mhadainn on ionad as àirde sinn,
A thoirt solais dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis, a threòrachadh ar cas air slighe na sìthe.
Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e.
Agus thilgeadh am bàs agus ifrinn don loch theine: is e seo an dara bàs.
Agus ge bè air bith nach d’fhuaireadh sgrìobhte ann an leabhar na beatha, thilgeadh e anns an loch theine.
Aig a bheil an tuigse air a dorchachadh, air dhaibh a bhith nan coimhich do bheatha Dhè, a‑thaobh an aineolais a tha annta, tre chruas an cridhe:
An tì a chreideas anns a’ Mhac, tha a’ bheatha mhaireannach aige; ach an tì nach eil a’ creidsinn anns a’ Mhac, chan fhaic e beatha; ach tha fearg Dhè a’ gabhail còmhnaidh air.
A‑nis tha obraichean na feòla follaiseach, as iad seo, adhaltranas, strìopachas, neòghlaine, macnas.
Feuch, tha mise Pòl ag ràdh ribh, ma thimcheall-ghearrar sibh, nach bi tairbhe air bith dhuibh ann an Crìosd.
Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh.
Farmad, mortan, misg, raoidhteireachd, agus an leithidean sin: mum bheil mi ag innse dhuibh ro‑làimh, mar a dh’innis mi dhuibh cheana mar an ceudna, nach sealbhaich iadsan a nì an leithidean sin rìoghachd Dhè.
Thubhairt Iosa rithe, Is mise an aiseirigh, agus a’ bheatha: an tì a chreideas annamsa, ged gheibheadh e bàs, bidh e beò:
Agus ge bè neach a tha beò, agus a’ creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs am feasd. A bheil thu a’ creidsinn seo?
Oir chan eil tlachd agamsa ann am bàs an tì a bhàsaicheas, tha an Tighearna Dia ag ràdh: uime sin, tillibh-se, agus mairibh beò.
Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile.
An tì a chreideas ann, cha dìtear e: ach an tì nach creid, tha e air a dhìteadh cheana, a chionn nach do chreid e ann an ainm aon-ghin Mhic Dhè.
An duine a thèid air seachran o shlighe na tuigse, fanaidh e ann an coitheanal nam marbh.
Imichibh a‑steach air an doras chumhang: oir is farsaing an doras, agus is leathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum sgrios, agus is lìonmhor iad a tha a’ dol a‑steach oirre:
Ach is cumhang an doras, agus is aimhleathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum na beatha, agus is tearc iad a tha ag amas oirre.
Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Sardis, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì aig a bheil seachd spioradan Dhè, agus na seachd reultan, ag ràdh: Is aithne dhomh d’obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, gidheadh tha thu marbh.
Do bhrìgh nuair a b’aithne dhaibh Dia, nach tug iad glòir dha mar Dhia, agus nach robh iad taingeil, ach gun d’fhàs iad dìomhain nan reusonachadh fhèin, agus gun do dhorchaicheadh an cridhe amaideach.
Ag ràdh gur daoine glice iad fhèin, rinneadh amadain dhiubh:
Agus amhail a tha e air òrdachadh do dhaoine bàs fhaotainn aon uair, ach na dhèidh seo breitheanas:
Eadhon air dhuinn a bhith marbh ann am peacaidhean, cho-bheothaich e sinn maille ri Crìosd; (le gràs tha sibh air ur tèarnadh;)
Tha slighe ann a chìthear dìreach le duine; ach is iad a crìoch slighean a’ bhàis.
Ach chuir ur n‑euceartan dealachadh eadar sibh fhèin agus ur Dia; agus dh’fhalaich ur lochdan uaibh a ghnùis, ionnas nach èisd e.
Uime sin thubhairt mi ribh gum bàsaich sibh nur peacaidhean: oir mura creid sibh gur mise e, gheibh sibh bàs nur peacaidhean.
A bheir do gach aon a rèir a ghnìomharan;
Dhaibhsan a tha le buanachadh gu foighidinneach ann an deagh obair, ag iarraidh glòire, agus urraim, agus neo-bhàsmhorachd, a’ bheatha mhaireannach:
Ach dhaibhsan a tha connspoideach, agus nach eil umhail don fhìrinn, ach a tha umhail don eucoir, diomb agus fearg;
Ach cha ghabh an duine nàdarra ri nithean Spiorad Dhè: oir is amaideachd leis iad; agus chan eil e an comas dha eòlas a ghabhail orra, do bhrìgh gur ann air mhodh spioradail a thuigear iad.
Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais a tha ann an Sardis, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì aig a bheil seachd spioradan Dhè, agus na seachd reultan, ag ràdh: Is aithne dhomh d’obraichean, gu bheil ainm agad gu bheil thu beò, gidheadh tha thu marbh.
A chionn gun do ghlèidh thu facal m’fhoighidinn-sa, gleidhidh mise thusa mar an ceudna o uair a’ bhuairidh, a thig air an t‑saoghal uile, a dhearbhadh na muinntir sin a tha nan còmhnaidh air an talamh.
Feuch, tha mi a’ teachd gu grad: dèan greim daingeann air na bheil agad, a‑chum nach glac neach air bith do chrùn.
An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air.
An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean.
Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann an Laodicèa, sgrìobh; Na nithean seo tha an Amen, an fhianais dhìleas agus fhìrinneach, toiseach cruthachadh Dhè, ag ràdh:
Is aithne dhomh d’obraichean, nach eil thu aon chuid fuar no teth: b’fheàrr leam gum biodh tu fuar no teth.
Uime sin do bhrìgh gu bheil thu meagh-bhlàth, agus nach eil thu aon chuid fuar no teth, sgeithidh mi thu a‑mach as mo bheul.
Do bhrìgh gu bheil thu ag ràdh, Tha mi beartach, agus air fàs ann an saoibhreas, agus gun fheum agam air nì sam bith; agus gun fhios agad gu bheil thu dòrainneach, agus truagh, agus bochd, agus dall, agus lomnochd:
Comhairlicheam dhut òr a cheannach uamsa, air a dhearbhadh anns an teine, a‑chum gum bi thu saoibhir; agus aodach geal, a‑chum gun còmhdaichear thu, agus nach bi nàire do lomnochdaidh follaiseach; agus ung do shùilean le sàbh-shùl, a‑chum gur lèir dhut.
A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.
Bi faireil, agus neartaich na nithean a tha an làthair, agus a tha ullamh gu bàsachadh: oir cha d’fhuair mi d’obraichean coileanta am fianais Dhè.
Anns an do dhall dia an t‑saoghail seo inntinn na dream nach eil nan creidmhich, air eagal gun dealraicheadh orra solas soisgeul glòrmhor Chrìosd, neach as e ìomhaigh Dhè.
Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar seo, ma fhuair a h‑aon bàs airson nan uile, gu robh na h‑uile marbh:
Agus gun d’fhuair e bàs airson nan uile, a‑chum iadsan a tha beò nach biodh iad à seo suas beò dhaibh fhèin, ach dhàsan a dh’fhuiling am bàs air an son, agus a dh’èirich a‑rìs.
Is e an Spiorad a bheothaichas; chan eil tairbhe air bith anns an fheòil: na briathran a tha mise a’ labhairt ribh, is spiorad agus is beatha iad.
Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.
Agus sibhse a bha uaireigin nur coimhich, agus nur naimhdean nur n‑inntinn a‑thaobh dhroch obraichean, a‑nis rinn e rèidh ris fhèin,
Tha fhios againn gun deachaidh sinn thairis o bhàs gu beatha, do bhrìgh gu bheil gràdh againn do na bràithrean: an tì nach gràdhaich a bhràthair, fanaidh e ann am bàs.