1 Timòteus 5 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Na garg-chronaich seanair, ach cuir impidh air mar athair, agus air na h‑òigfhir mar bhràithrean; 2 Na mnathan aosda mar mhàthraichean, na mnathan òga mar pheathraichean, maille ris an uile fhìorghlaine. 3 Thoir urram do bhantraichean a tha nam bantraichean da‑rìribh. 4 Ach ma tha bantrach air bith aig a bheil clann, no oghachan, fòghlamadh iad air tùs a bhith dleasdanach nan taighean fhèin, agus ath-dhìol a thoirt dam pàrantan: oir tha seo math agus taitneach ann am fianais Dhè. 5 A‑nis cuiridh ise a tha na bantraich dha-rìribh, agus air a fàgail na h‑aonar, a dòchas ann an Dia, agus buanaichidh i a là agus a dh’oidhche ann an athchuingean, agus ann an ùrnaighean. 6 Ach ise a tha a’ caitheamh a beatha ann am macnas, air dhi a bhith beò, tha i marbh. 7 Uime sin àithn na nithean seo dhaibh, a‑chum gum bi iad neo-lochdach. 8 Ach mura dèan duine solar airson a chuideachd fhèin, agus gu h‑àraidh airson muinntir a theaghlaich, dh’àich e an creideamh, agus is miosa e na ana-creidmheach. 9 Na gabhar bantrach anns an àireamh a bhios fo thrì-fichead bliadhna a dh’aois, a bha na mnaoi aon duine, 10 Air a bheil teisteas a‑thaobh dheagh obraichean; ma thog i clann, ma thug i aoidheachd seachad, ma dh’ionnlaid i casan nan naomh, ma dh’fhòir i air luchd-àmhghair, ma lean i gu dìcheallach gach deagh obair. 11 Ach diùlt na bantraichean òga: oir nuair a dh’fhàsas iad mear an aghaidh Chrìosd, is miann leo pòsadh; 12 Muinntir a tha fo dhìteadh, a chionn gun do thrèig iad an ciad chreideamh. 13 Agus os bàrr, fòghlamaidh iad a bhith dìomhanach, a’ dol mun cuairt o thaigh gu taigh; agus chan e a‑mhàin dìomhanach, ach mar an ceudna bruidhneach, agus a’ gabhail gnothaich ris na nithean nach buin dhaibh, a’ labhairt nithean nach bu chòir dhaibh. 14 Is àill leam uime sin na mnathan òga a phòsadh, iad a bhreith cloinne, a stiùradh an taighe, agus gun chion-fàth air bith a thoirt don eascaraid labhairt gu toibheumach. 15 Oir tha cuid cheana air dol a thaobh an dèidh Shàtain. 16 Ma tha aig creidmheach no aig ban-chreidmheach bantraichean, fòireadh iad orra, agus na biodh an trom air an eaglais; a‑chum gun dèan i cabhair orrasan a tha nam bantraichean da‑rìribh. 17 Measar gur airidh na seanairean a riaghlas gu math air urram dùbailte, gu h‑àraidh iadsan a tha a’ saothrachadh anns an fhacal agus ann an teagasg. 18 Oir tha an sgriobtar ag ràdh, Na ceangail beul an daimh a tha a’ saltairt an arbhair: agus, Is airidh an t‑obraiche air a thuarasdal. 19 Na gabh casaid an aghaidh seanair, ach an làthair dithis no triùir a dh’fhianaisean. 20 Iadsan a tha a’ peacachadh, cronaich an làthair nan uile, a‑chum gun gabh càch eagal mar an ceudna. 21 Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, agus nan aingeal taghte, gun coimhead thu na nithean seo, gun aon a chur ro neach eile, gun nì air bith a dhèanamh le claon-bhreith. 22 Na leag do làmhan gu h‑obann air duine sam bith, agus na biodh com-pàirt agad de pheacaidhean dhaoine eile: coimhead thu fhèin glan. 23 Na òl uisge nas mò, ach cleachd beagan fìona airson do ghoile, agus d’anfhainneachd mhinig. 24 Tha peacaidhean cuid de dhaoine follaiseach ro‑làimh, a’ dol romhpa a‑chum breitheanais; agus tha peacaidhean dhream àraidh gan leantainn. 25 Mar an ceudna tha deagh obraichean cuid follaiseach ro‑làimh; agus na h‑obraichean a tha air ghleus eile, chan fhaodar am falach. |