Tha peacadh a’ bhàis na pheacadh a dh’aona ghnothach, mothachail, leantainneach agus gun aithreachas. Tha Dia air gairm a thoirt dha chloinn a bhith beò ann an naomhachd (1 Peadar 1:16), agus tha Dia gan smachdachadh nuair a pheacaicheas iad.
Chan eil sinn air ar peanasachadh airson ar peacaidh san dòigh ’s gun caill sinn ar slàinte no gum bi sinn air ar sgaradh bho Dhia gu bràth, ach tha sinn air ar smachdachadh. Oir tha an Tighearna a’ smachdachadh an neach air a bheil gaol aige, agus tha e a’ sgiùrsadh gach neach a ghabhas e mar mhac (Eabhraich 12:6).
Roimhe seo, nuair nach robh Ìosa nar cridheachan, bha sinn marbh air sgàth ar peacaidhean agus ar cionta, ach bhàsaich Ìosa agus dh’èirich e a-rithist gus am biodh beatha pailt againn. Mar sin, chan eil dìteadh ann tuilleadh airson peacaidh dhaibhsan a dh’aidicheas e, a nì aithreachas agus a thionndaidheas air falbh, le taing do ìobairt Ìosa Crìosd. An-diugh, faodaidh tu tlachd fhaighinn à beatha ann an naomhachd, oir tha a fhuil gad naomhachadh, gad mhathadh, agus gad ghlanadh bho gach olc.
Gach latha, nuair a dh’èireas tu, dèan rèite le do Dhia, tionndaidh air falbh bho do dhroch shlighean, dèan aithreachas airson do pheacaidhean, agus gheibh thu tròcair an Tighearna an-còmhnaidh. Cuimhnich, air ar sgaradh bho Chrìosd chan urrainn dhuinn dad a dhèanamh, agus ann-san tha gealladh daingeann gum faigh sinn tlachd à beatha ann an saorsa.
Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile.
An sin air a bhith don ana-miann torrach, beiridh e peacadh: agus air don pheacadh a bhith air a chrìochnachadh, beiridh e bàs.
Ma chì neach sam bith a bhràthair a’ peacachadh peacaidh nach eil a‑chum bàis, iarraidh e, agus bheir e beatha dha, dhaibhsan nach eil a’ peacachadh a‑chum bàis. Tha peacadh a‑chum bàis ann: a‑thaobh sin, chan eil mi ag ràdh gur còir dha guidhe.
Gidheadh, rìoghaich am bàs o Adhamh gu Maois, eadhon thar an dream nach do pheacaich a rèir coslas eas-ùmhlachd Adhaimh, neach as e samhladh an tì ud a bha ri teachd:
Tha fhios againn gun deachaidh sinn thairis o bhàs gu beatha, do bhrìgh gu bheil gràdh againn do na bràithrean: an tì nach gràdhaich a bhràthair, fanaidh e ann am bàs.
Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.
An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair.
Air an adhbhar sin, dèanaibh-se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna;
Uime sin an do rinneadh an nì sin a bha math na bhàs dhòmhsa? Nar leigeadh Dia. Ach rinneadh am peacadh mar sin, a‑chum gum faicte gur peacadh e, ag obrachadh bàis annamsa, leis an nì sin a tha math: a‑chum tre an àithne gum fàsadh am peacadh ro‑pheacach.
Marbhaidh olc na h‑aingidh; agus iadsan a tha a’ toirt fuath don fhìrean, lom-sgriosar iad.
Fhreagair Iosa iad, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè a nì peacadh, is seirbhiseach don pheacadh e.
Biodh fearg oirbh, agus na peacaichibh: na laigheadh a’ ghrian air ur corraich: Agus na tugaibh àite don diabhal.
Muinntir don aithne ceartas Dhè (gu bheil iadsan a nì an leithidean sin de nithean toilltinneach air bàs), gidheadh chan e a‑mhàin gu bheil iad fhèin gan dèanamh, ach tha mar an ceudna tlachd aca den mhuinntir a nì iad.
Oir nuair a bha sinn anns an fheòil, bha miannan nam peacaidhean, tre an lagh, ag obrachadh nar buill, a‑chum toradh a thoirt a‑mach gu bàs.
Air an adhbhar sin ciod an toradh a bha agaibh an sin anns na nithean sin a tha a‑nis a’ cur nàire oirbh? Oir is e crìoch nan nithean sin am bàs.
Tha slighe ann a tha ceart ann an sealladh duine; ach is iad slighean a’ bhàis a crìoch.
Tha mi ag ràdh mas eadh, Gluaisibh anns an Spiorad, agus cha choilean sibh ana-miann na feòla.
Oir cha bhi aig a’ pheacadh tighearnas oirbh: oir chan eil sibh fon lagh, ach fo ghràs.
Agus ma pheacaicheas anam, agus gun dèan e aon de na nithean sin a thoirmisgeadh le àitheantan an Tighearna a bhith air an dèanamh; ged nach b’fhios dha e, gidheadh tha e ciontach, agus giùlainidh e a aingidheachd.
Seadh fòs, mar dhuine a thèid as an rathad le fìon, tha e uaibhreach, agus chan eil e a’ gabhail fois; a’ meudachadh a chìocrais mar an uaigh; agus mar am bàs chan fhaodar a shàsachadh; agus tha e a’ cruinneachadh da ionnsaigh nan uile chinneach, agus a’ tional dha fhèin nan uile shluagh.
Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt-pheacaidh air ar son-se; a‑chum gum bitheamaid-ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.
Ach de chraoibh eòlas a’ mhaith agus an uilc, chan ith thu dhith sin; oir anns an là a dh’itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu.
Am fallas do ghnùise ithidh tu aran, gus an till thu a dh’ionnsaigh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach tillidh tu.
Feuch is leamsa na h‑uile anaman; mar as leam anam an athar, is amhlaidh is leam anam a’ mhic: an t‑anam a chiontaicheas gheibh e sin bàs.
Na meallar sibh; cha dèanar fanaid air Dia: oir ge bè nì a shìol-chuireas duine, an nì ceudna buainidh e. Oir an tì a chuireas da fheòil, buainidh e on fheòil truaillidheachd; ach an tì a chuireas don Spiorad, buainidh e on Spiorad a’ bheatha shuthainn.
Uime sin bheir mise breith oirbh, O thaigh Israeil, gach aon a rèir a shlighe, tha an Tighearna Dia ag ràdh. Gabhaibh aithreachas, agus tillibh o ur n‑uile chionta; mar sin cha dèan aingidheachd ur milleadh. Tilgibh uaibh ur n‑uile chionta leis an do chiontaich sibh, agus dèanaibh dhuibh fhèin cridhe nuadh, agus spiorad nuadh; oir carson a bhàsaicheas sibh, O thaigh Israeil? Oir chan eil tlachd agamsa ann am bàs an tì a bhàsaicheas, tha an Tighearna Dia ag ràdh: uime sin, tillibh-se, agus mairibh beò.
Agus amhail a tha e air òrdachadh do dhaoine bàs fhaotainn aon uair, ach na dhèidh seo breitheanas:
Tha slighe ann a chìthear dìreach le duine; ach is iad a crìoch slighean a’ bhàis.
Ma chì neach sam bith a bhràthair a’ peacachadh peacaidh nach eil a‑chum bàis, iarraidh e, agus bheir e beatha dha, dhaibhsan nach eil a’ peacachadh a‑chum bàis. Tha peacadh a‑chum bàis ann: a‑thaobh sin, chan eil mi ag ràdh gur còir dha guidhe. Is peacadh gach uile eucoir: agus tha peacadh ann nach eil a‑chum bàis.
Imichibh a‑steach air an doras chumhang: oir is farsaing an doras, agus is leathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum sgrios, agus is lìonmhor iad a tha a’ dol a‑steach oirre:
Mar seo tha fìreantachd a‑chum beatha; ach esan a leanas an t‑olc, leanaidh e a‑chum a bhàis fhèin e.
A‑nis tha obraichean na feòla follaiseach, as iad seo, adhaltranas, strìopachas, neòghlaine, macnas. Feuch, tha mise Pòl ag ràdh ribh, ma thimcheall-ghearrar sibh, nach bi tairbhe air bith dhuibh ann an Crìosd. Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh. Farmad, mortan, misg, raoidhteireachd, agus an leithidean sin: mum bheil mi ag innse dhuibh ro‑làimh, mar a dh’innis mi dhuibh cheana mar an ceudna, nach sealbhaich iadsan a nì an leithidean sin rìoghachd Dhè.
Agus sibhse bheothaich e, a bha marbh ann an euceartan agus ann am peacaidhean: Oir is sinne a obair-san, air ar cruthachadh ann an Iosa Crìosd a‑chum dheagh obraichean, airson an d’ullaich Dia ro‑làimh sinn, a‑chum gun gluaiseamaid annta. Uime sin cuimhnichibh, air dhuibh a bhith anns an aimsir a chaidh thairis nur Cinnich anns an fheòil, ris an abrar an neo-thimcheall-ghearradh leòsan den goirear an timcheall-ghearradh làmh-dhèante anns an fheòil; Gu robh sibh anns an àm sin as eugmhais Chrìosd, nur coimhich do cho-fhlaitheachd Israeil, agus nur coigrich do choicheangail a gheallaidh, as eugmhais dòchais, agus gun Dia anns an t‑saoghal: Ach a‑nis ann an Iosa Crìosd, tha sibhse a bha roimhe seo fad o làimh, air ur toirt am fagas tre fhuil Chrìosd. Oir is esan ar sìth-ne, a rinn aon dhinn araon, agus a bhris sìos balla meadhonach an eadar-dhealachaidh: Air dha an naimhdeas a chur air cùl tre a fheòil fhèin, eadhon lagh nan àitheantan, a chuireadh sìos ann an òrdaighean, a‑chum gun dèanadh e ann fhèin de dhithis aon duine nuadh, mar sin a’ dèanamh sìthe; Agus gun dèanadh e rèidh araon iad ri Dia ann an aon chorp tre a chrann-cheusaidh, air dha an naimhdeas a mharbhadh le sin; Agus thàinig e agus shearmonaich e sìth dhuibhse a bha am fad, agus dhaibhsan a bha am fagas. Oir trìdsan tha araon slighe againn gu dol a‑steach tre aon Spiorad a‑chum an Athar. A‑nis uime sin, chan eil sibh nas mò nur coigrich agus nur coimhich, ach nur luchd aon bhaile ris na naoimh, agus nur muinntir-teaghlaich Dhè; Anns an do ghluais sibh anns na h‑àmannan a chaidh seachad, a rèir gnàth an t‑saoghail seo, a rèir uachdaran cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas-ùmhlachd: Agus tha sibh air ur togail suas air bunait nan abstol agus nam fàidhean, air a bhith do Iosa Crìosd fhèin na chloich-chinn na h‑oisinn; Anns a bheil an aitreabh uile, ceangailte gu ceart ri chèile, a’ fàs suas a‑chum a bhith na teampall naomh anns an Tighearna: Anns a bheil sibhse mar an ceudna air ur co‑thogail suas a‑chum a bhith nur taigh-còmhnaidh do Dhia tre an Spiorad. Am measg an robh againn uile mar an ceudna ar caitheamh-beatha roimhe seo, ann an ana-miannan ar feòla, a’ dèanamh toil na feòla, agus nan smuaintean; agus bha sinn a‑thaobh nàdair nar cloinn na feirge, eadhon mar chàch.
Glacaidh a euceartan fhèin an t‑aingidh, agus le cùird a pheacaidh ceanglar e. Bàsaichidh e gun teagasg; agus ann am meud a amaideachd thèid e air seachran.
Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.
Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.
Ach chuir ur n‑euceartan dealachadh eadar sibh fhèin agus ur Dia; agus dh’fhalaich ur lochdan uaibh a ghnùis, ionnas nach èisd e.
Muinntir air an dèanar peanas le sgrios sìorraidh o làthair an Tighearna, agus o ghlòir a chumhachd;
Imichibh a‑steach air an doras chumhang: oir is farsaing an doras, agus is leathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum sgrios, agus is lìonmhor iad a tha a’ dol a‑steach oirre: Ach is cumhang an doras, agus is aimhleathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum na beatha, agus is tearc iad a tha ag amas oirre.
Uime sin claoidhibh ur buill a tha air an talamh, strìopachas, neòghlaine, fonn-collaidh, ana-miannan, agus sannt, nì as iodhal-adhradh;
A bheir do gach aon a rèir a ghnìomharan; Dhaibhsan a tha le buanachadh gu foighidinneach ann an deagh obair, ag iarraidh glòire, agus urraim, agus neo-bhàsmhorachd, a’ bheatha mhaireannach: Ach dhaibhsan a tha connspoideach, agus nach eil umhail don fhìrinn, ach a tha umhail don eucoir, diomb agus fearg;
Tha saothair an fhìrein a‑chum beatha; teachd-a‑steach an aingidh a‑chum peacaidh.