Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 20 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chunnaic mi aingeal a’ teachd a‑nuas o nèamh, agus iuchair sloc an dubh-aigein aige, agus slabhraidh mhòr na làimh.

2 Agus rug e air an dràgon, an t‑seann nathair nimhe sin, as e an diabhal agus Sàtan, agus cheangail e e rè mìle bliadhna;

3 Agus thilg e e do shloc an dubh-aigein, agus dhùin e a‑staigh e, agus chuir e seula air, a‑chum nach mealladh e na cinnich tuilleadh, gus an crìochnaichte am mìle bliadhna: agus an dèidh sin, is èiginn gum fuasglar e rè ùine bhig.

4 Agus chunnaic mi rìgh-chathraichean, agus shuidh iad orra, agus thugadh breitheanas dhaibh: agus chunnaic mi anaman na muinntir den do chuireadh an cinn airson fianais Iosa, agus facal Dhè, agus nach do rinn adhradh don fhiadh-bheathach, no da ìomhaigh, agus nach do ghabh a chomharradh air clàr an aodainn, no air an làmhan; agus bha iad beò, agus rìoghaich iad maille ri Crìosd rè mìle bliadhna.

5 Ach cha d’ath-bheothaicheadh a’ chuid eile de na mairbh gus an robh am mìle bliadhna air an crìochnachadh. Is i seo a’ chiad aiseirigh.

6 Is beannaichte agus is naomh an tì aig a bheil cuid anns a’ chiad aiseirigh: orra seo chan eil cumhachd aig an dara bàs; ach bidh iad nan sagartan do Dhia, agus do Chrìosd, agus rìoghaichidh iad maille ris mìle bliadhna.

7 Agus nuair a chrìochnaichear am mìle bliadhna, fuasglar Sàtan as a phrìosan,

8 Agus thèid e a‑mach a mhealladh nan cinneach, a tha ann an ceithir cheàrnan na talmhainn, Gog agus Magog, a‑chum an cruinneachadh gu cath; muinntir a tha ann an àireamh mar ghaineimh na fairge.

9 Agus chaidh iad suas air leud na talmhainn, agus chuartaich iad camp nan naomh, agus am baile ionmhainn: agus thàinig teine a‑nuas o Dhia à nèamh, agus chuir e as dhaibh.

10 Agus thilgeadh an diabhal a mheall iad anns an loch theine agus phronnaisg, far a bheil am fiadh-bheathach, agus am fàidh brèige, agus bidh iad air am pianadh a là agus a dh’oidhche, gu saoghal nan saoghal.

11 Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.

12 Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan.

13 Agus thug an fhairge uaipe na mairbh a bha innte; agus thug am bàs agus an uaigh uapa na mairbh a bha annta: agus thugadh breith orra gach aon a rèir an gnìomharan.

14 Agus thilgeadh am bàs agus ifrinn don loch theine: is e seo an dara bàs.

15 Agus ge bè air bith nach d’fhuaireadh sgrìobhte ann an leabhar na beatha, thilgeadh e anns an loch theine.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan