Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ròmanaich 3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Ciod e uime sin barrachd an Iùdhaich? No ciod e tairbhe an timcheall-ghearraidh?

2 Is mòr sin air gach dòigh: air tùs, do bhrìgh gur ann riùsan a dh’earbadh briathran Dhè.

3 Oir ciod e sin ged nach do chreid cuid? An dèan am mì‑chreideamh-san fìrinn Dhè gun èifeachd?

4 Nar leigeadh Dia: ach biodh Dia fìor, agus gach duine na bhreugaire; a rèir mar a tha e sgrìobhte, A‑chum gum bi thu ceart ann ad bhriathran, agus gun toir thu buaidh nuair a bheirear breith ort.

5 Ach ma mholas ar n‑eucoir-ne fìreantachd Dhè, ciod a their sinn? A bheil Dia eucorach a tha a’ dèanamh dìoghaltais (tha mi a’ labhairt mar dhuine)?

6 Nar leigeadh Dia: no cionnas a bheir Dia breith air an t‑saoghal?

7 Oir ma tha fìrinn Dhè tre mo bhrèig-sa air a meudachadh a‑chum a ghlòire-san, carson a tha mise air mo dhìteadh mar pheacach?

8 Agus carson nach dèan sinn olc, a‑chum gun tig math as? (mar a labhrar gu toibheumach umainn, agus mar a thubhairt cuid gu bheil sinn ag ràdh), muinntir dom bheil an dìteadh a rèir ceartais.

9 Ciod uime sin? A bheil barrachd againne? Chan eil air aon chor: oir dhearbh sinn roimhe gu bheil araon na h‑Iùdhaich agus na Cinnich uile fo pheacadh;

10 Mar a tha e sgrìobhte, Chan eil ionracan ann, chan eil fiù a h‑aon:

11 Chan eil neach ann a thuigeas, chan eil neach ann a tha ag iarraidh Dhè.

12 Chlaon iad uile as an t‑slighe, tha iad uile mì‑thairbheach; chan eil neach a tha a’ dèanamh maith, chan eil fiù a h‑aon.

13 Is uaigh fhosgailte an sgòrnan; labhair iad cealg len teangaidhean; tha nimh nan nathraichean nimhe fo am bilean:

14 Aig a bheil am beul làn de mhallachadh agus de sheirbhe:

15 Tha an casan luath a dhòrtadh fala:

16 Tha lèirsgrios agus truaighe nan slighean:

17 Agus slighe na sìthe cha b’aithne dhaibh:

18 Chan eil eagal Dhè fa chomhair an sùl.

19 A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.

20 Uime sin cha bhi feòil air bith air a fìreanachadh na fhianais-san, tre obraichean an lagha: oir is ann tre an lagh a tha eòlas peacaidh.

21 Ach a‑nis tha fìreantachd Dhè air a foillseachadh as eugmhais an lagha, a’ faotainn fianais on lagh agus o na fàidhean;

22 Eadhon fìreantachd Dhè tre chreideamh Iosa Crìosd, do na h‑uile, agus air na h‑uile a chreideas; oir chan eil eadar-dhealachadh ann:

23 Oir pheacaich na h‑uile, agus tha iad air teachd geàrr air glòir Dhè:

24 Air dhaibh a bhith air am fìreanachadh gu saor le a ghràs, tre an t‑saorsa a tha ann an Iosa Crìosd;

25 Neach a shònraich Dia na ìobairt-rèitich, tre chreideamh na fhuil, a‑chum a fhìreantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peacaidhean a chaidh seachad, tre fhad-fhulangas Dhè;

26 A dh’fhoillseachadh, tha mi ag ràdh, a fhìreantachd-san anns an àm a tha an làthair; a‑chum gum biodh e cothromach, agus gum fìreanaicheadh e an tì a chreideas ann an Iosa.

27 Càit uime sin a bheil uaill? Dhruideadh a‑mach i. Ciod e an lagh leis an do dhruideadh a‑mach i? An ann tre lagh nan obraichean? Chan ann; ach tre lagh a’ chreidimh.

28 Tha sinn uime sin a’ meas gu bheil duine air fhìreanachadh tre chreideamh as eugmhais obraichean an lagha.

29 An e Dia nan Iùdhach a‑mhàin e? Nach e mar an ceudna Dia nan Cinneach? Gu deimhinn nan Cinneach mar an ceudna:

30 Do bhrìgh gur aon Dia, a dh’fhìreanaicheas an timcheall-ghearradh o chreideamh agus an neo-thimcheall-ghearradh tre chreideamh.

31 A bheil sinn uime sin a’ cur an lagha ann an neo-bhrìgh tre an chreideamh? Nar leigeadh Dia: ach tha sinn a’ daingneachadh an lagha.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan