Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ròmanaich 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Uime sin tha thu gun leisgeul, O dhuine, cò air bith thu a tha a’ toirt breith: oir nuair a tha thu a’ toirt breith air neach eile, tha thu gad dhìteadh fhèin; oir thusa a tha a’ toirt breith, tha thu a’ dèanamh nan nithean sin fhèin.

2 Ach tha fhios againne gu bheil breitheanas Dhè a rèir fìrinn, an aghaidh na muinntir a tha a’ dèanamh an leithidean sin.

3 Agus an saoil thusa seo, O dhuine, a tha a’ toirt breith orrasan a nì an leithidean sin, agus a tha gan dèanamh thu fhèin, gun tèid thu as o bhreitheanas Dhè?

4 No an dèan thu tarcais air saoibhreas a mhaitheis, agus a fhoighidinn, agus a fhad-fhulangais, gun fhios a bhith agad gu bheil maitheas Dhè gad threòrachadh a‑chum aithreachais?

5 Ach a rèir do chruais agus do chridhe neo-aithreachail, tha thu a’ càrnadh suas feirge dhut fhèin fa chomhair là na feirge, agus foillseachadh ceart-bhreitheanas Dhè;

6 A bheir do gach aon a rèir a ghnìomharan;

7 Dhaibhsan a tha le buanachadh gu foighidinneach ann an deagh obair, ag iarraidh glòire, agus urraim, agus neo-bhàsmhorachd, a’ bheatha mhaireannach:

8 Ach dhaibhsan a tha connspoideach, agus nach eil umhail don fhìrinn, ach a tha umhail don eucoir, diomb agus fearg;

9 Amhghar agus teanntachd air gach anam duine a tha a’ dèanamh uilc, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach;

10 Ach glòir, agus urram, agus sìth, do gach duine a nì math, don Iùdhach air tùs, agus don Ghreugach mar an ceudna:

11 Oir chan eil spèis aig Dia de phearsa seach a chèile.

12 Oir a mheud is a pheacaich gun an lagh, sgriosar iad gun an lagh; agus a mheud is a pheacaich fon lagh, dìtear iad leis an lagh:

13 (Oir chan iad luchd-èisdeachd an lagha a tha nam fìreanan am fianais Dhè, ach bidh luchd-dèanamh an lagha air am fìreanachadh.

14 Oir nuair a tha na Cinnich aig nach eil lagh, a‑thaobh nàdair a’ dèanamh nan nithean a tha anns an lagh, air dhaibhsan a bhith gun lagh tha iad nan lagh dhaibh fhèin:

15 Muinntir a tha a’ nochdadh obair an lagha sgrìobhte nan cridheachan, air a bhith dan cogais a’ dèanamh fianais leo, agus an smuaintean eatorra fhèin gan agairt, no a’ gabhail an leisgeil:)

16 Anns an là anns an toir Dia breith air nithean uaigneach dhaoine, a rèir mo shoisgeil-sa, tre Iosa Crìosd.

17 Feuch, goirear Iùdhach dhìotsa, agus tha thu a’ cur dòigh anns an lagh, agus a’ dèanamh uaill à Dia,

18 Agus is aithne dhut a thoil, agus tha thu a’ dearbhadh nan nithean as fheàrr, air dhut a bhith air do theagasg as an lagh;

19 Agus tha thu earbsach gur ceann-iùil thu fhèin do na doill, solas dhaibhsan a tha an dorchadas,

20 Fear-fòghlaim do dhaoine neo-eagnaidh, fear-teagaisg do leanaban, aig a bheil samhladh an eòlais agus na fìrinn a tha anns an lagh.

21 Thusa uime sin a tha a’ teagasg neach eile, nach eil thu gad theagasg fhèin? Thusa a tha a’ searmonachadh gun ghoid a dhèanamh, a bheil thu ri goid?

22 Thusa a tha ag ràdh gun adhaltranas a dhèanamh, a bheil thu a’ dèanamh adhaltranais? Thusa len gràin iodhalan, a bheil thu ri naomh-ghoid?

23 Thusa a tha a’ dèanamh uaill as an lagh, an tabhair thu, le briseadh an lagha, eas-urram do Dhia?

24 Oir tha ainm Dhè a’ faotainn toibheim, dur taobh-se am measg nan Cinneach, mar a tha e sgrìobhte.

25 Oir tha tairbhe gu fìrinneach anns an timcheall-ghearradh, ma ghleidheas tu an lagh: ach mas fear-brisidh an lagha thu, tha do thimcheall-ghearradh na neo-thimcheall-ghearradh dhut.

26 Uime sin, ma ghleidheas an neo-thimcheall-ghearradh fìreantachd an lagha, nach measar a neo-thimcheall-ghearradh-san mar thimcheall-ghearradh?

27 Agus nach dìt an neo-thimcheall-ghearradh a‑thaobh nàdair, a tha a’ coileanadh an lagha, thusa a tha tre an litir agus tre an timcheall-ghearradh ad fhear-brisidh an lagha?

28 Oir chan Iùdhach esan, a tha mar sin on leth a‑muigh; agus chan e sin an timcheall-ghearradh, a tha gu follaiseach anns an fheòil:

29 Ach is Iùdhach esan, a tha mar sin anns an taobh a‑staigh; agus is e sin an timcheall-ghearradh a tha anns a’ chridhe, agus anns an spiorad, chan ann anns an litir, aig a bheil a chliù chan ann o dhaoine, ach o Dhia.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan