Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 51 - Am Bìoball Gàidhlig 1992


Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh nuair a thàinig Nàtan, am fàidh, da ionnsaigh an dèidh dha peacachadh le Bat-sèba.

1 Dèan tròcair orm, a Dhè, a rèir do choibhneas gràidh; a rèir lìonmhorachd do chaomh-thròcairean, dubh as m’easaontas.

2 Gu h‑iomlan ionnail mi om lochd, agus glan mi om pheacadh,

3 Oir tha mi ag aideachadh m’easaontais, agus tha mo pheacadh am làthair a‑ghnàth.

4 Ad aghaidh, ad aghaidh fhèin a‑mhàin pheacaich mi, agus rinn mi olc ad shealladh, air chor is gum fìreanaichear thusa nuair a labhras tu, gum bi thu glan nuair a bheir thu breith.

5 Feuch, ann an euceart dhealbhadh mi, agus ann am peacadh ghabh mo mhàthair mi na broinn.

6 Feuch, is ionmhainn leat an fhìrinn anns an taobh a‑staigh, agus anns an ionad fhalaichte bheir thu orm gliocas a thuigsinn.

7 Glan mi le hiosop agus bidh mi glan; ionnail mi, agus bidh mi nas gile na sneachd.

8 Thoir orm guth subhachais agus aoibhneis a chluinntinn, agus nì na cnàmhan a bhris thu gàirdeachas.

9 Falaich do ghnùis om pheacaidhean, agus dubh as m’euceartan gu lèir.

10 Cruthaich annam cridhe glan, a Dhè, agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a‑staigh dhìom.

11 Na tilg mi od shealladh, agus na toir do spiorad naomh uam.

12 Aisig dhomh gàirdeachas do shlàinte, agus led spiorad saor cùm suas mi.

13 Teagaisgidh mi do luchd-easaontais do shlighean, agus iompaichear peacaich ad ionnsaigh.

14 Saor mi o chionta fala, a Dhè, a Dhè mo shlàinte; àrd-mholaidh mo theanga d’fhìreantachd.

15 A Thighearna, fosgail mo bhilean, agus cuiridh mo bheul an cèill do chliù.

16 Oir chan iarr thu ìobairt, no bheirinn dhut i; ann an ìobairt-loisgte chan eil tlachd agad.

17 Is iad ìobairtean Dhè spiorad briste; air cridhe briste agus brùite, a Dhè, cha dèan thusa tàir.

18 Dèan math, ad dheagh-ghean, do Shion; tog suas ballachan Ierusaleim.

19 An sin taitnidh ìobairtean ionracais riut, ìobairtean-loisgte agus làn ìobairtean-loisgte; an sin ìobraidh iad tairbh òga air d’altair.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan