Ephèsianach 2 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus sibhse bheothaich e, a bha marbh ann an euceartan agus ann am peacaidhean: 2 Anns an do ghluais sibh anns na h‑àmannan a chaidh seachad, a rèir gnàth an t‑saoghail seo, a rèir uachdaran cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas-ùmhlachd: 3 Am measg an robh againn uile mar an ceudna ar caitheamh-beatha roimhe seo, ann an ana-miannan ar feòla, a’ dèanamh toil na feòla, agus nan smuaintean; agus bha sinn a‑thaobh nàdair nar cloinn na feirge, eadhon mar chàch. 4 Ach Dia, a tha saoibhir ann an tròcair, airson a mhòr-ghràidh leis an do ghràdhaich e sinn, 5 Eadhon air dhuinn a bhith marbh ann am peacaidhean, cho-bheothaich e sinn maille ri Crìosd; (le gràs tha sibh air ur tèarnadh;) 6 Agus cho-thog, agus cho-shuidhich e sinn ann an ionadan nèamhaidh ann an Iosa Crìosd: 7 A‑chum gum foillsicheadh e anns na linntean ri teachd saoibhreas ro‑phailt a ghràis, ann an coibhneas dar taobh-ne, tre Iosa Crìosd. 8 Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e: 9 Chan ann o obraichean, a‑chum nach dèanadh neach air bith uaill: 10 Oir is sinne a obair-san, air ar cruthachadh ann an Iosa Crìosd a‑chum dheagh obraichean, airson an d’ullaich Dia ro‑làimh sinn, a‑chum gun gluaiseamaid annta. 11 Uime sin cuimhnichibh, air dhuibh a bhith anns an aimsir a chaidh thairis nur Cinnich anns an fheòil, ris an abrar an neo-thimcheall-ghearradh leòsan den goirear an timcheall-ghearradh làmh-dhèante anns an fheòil; 12 Gu robh sibh anns an àm sin as eugmhais Chrìosd, nur coimhich do cho-fhlaitheachd Israeil, agus nur coigrich do choicheangail a gheallaidh, as eugmhais dòchais, agus gun Dia anns an t‑saoghal: 13 Ach a‑nis ann an Iosa Crìosd, tha sibhse a bha roimhe seo fad o làimh, air ur toirt am fagas tre fhuil Chrìosd. 14 Oir is esan ar sìth-ne, a rinn aon dhinn araon, agus a bhris sìos balla meadhonach an eadar-dhealachaidh: 15 Air dha an naimhdeas a chur air cùl tre a fheòil fhèin, eadhon lagh nan àitheantan, a chuireadh sìos ann an òrdaighean, a‑chum gun dèanadh e ann fhèin de dhithis aon duine nuadh, mar sin a’ dèanamh sìthe; 16 Agus gun dèanadh e rèidh araon iad ri Dia ann an aon chorp tre a chrann-cheusaidh, air dha an naimhdeas a mharbhadh le sin; 17 Agus thàinig e agus shearmonaich e sìth dhuibhse a bha am fad, agus dhaibhsan a bha am fagas. 18 Oir trìdsan tha araon slighe againn gu dol a‑steach tre aon Spiorad a‑chum an Athar. 19 A‑nis uime sin, chan eil sibh nas mò nur coigrich agus nur coimhich, ach nur luchd aon bhaile ris na naoimh, agus nur muinntir-teaghlaich Dhè; 20 Agus tha sibh air ur togail suas air bunait nan abstol agus nam fàidhean, air a bhith do Iosa Crìosd fhèin na chloich-chinn na h‑oisinn; 21 Anns a bheil an aitreabh uile, ceangailte gu ceart ri chèile, a’ fàs suas a‑chum a bhith na teampall naomh anns an Tighearna: 22 Anns a bheil sibhse mar an ceudna air ur co‑thogail suas a‑chum a bhith nur taigh-còmhnaidh do Dhia tre an Spiorad. |