Isaiah 59 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Feuch, chan eil làmh an Tighearna air dol an giorrad, air chor is nach faod i tèarnadh; cha mhò a tha a chluas air fàs mall, air chor is nach faod i cluinntinn. 2 Ach chuir ur n‑euceartan dealachadh eadar sibh fhèin agus ur Dia; agus dh’fhalaich ur lochdan uaibh a ghnùis, ionnas nach èisd e. 3 Oir tha ur làmhan air an truailleadh le fuil, agus ur meòir le euceart; labhair ur bilean cealg; bidh ur teanga a’ teachd air aimhleas. 4 Chan eil neach a’ gairm air ceartas, chan eil neach a’ tagradh airson na fìrinn; tha iad a’ cur an dòigh ann an dìomhanas, agus a’ labhairt bhreug: air thorrachas le aimhleas, agus a’ breith euceirt. 5 Tha iad a’ gur air uighean na rìgh-nathrach, agus a’ fighe lìon an damhain-allaidh; esan a dh’itheas den uighean, gheibh e bàs; agus nuair a bhruthar e, brisidh nathair nimhe a‑mach. 6 Den lìontan cha dèanar trusgan; cha mhò a chòmhdaicheas iad iad fhèin len obraichean; an obraichean is obraichean na h‑eucorach iad; agus tha gnìomh an fhòirneirt nan làmhan. 7 Tha an cas a’ ruith a‑chum uilc, agus tha iad a’ greasadh a‑chum fuil neo-chiontach a dhòrtadh; is innleachdan aingidheachd an innleachdan; tha lèirsgrios agus milleadh nan ceuman. 8 Slighe na sìth chan aithne dhaibh, cha mhò a tha ceart-bhreith nan ròidean; rinn iad dhaibh fhèin ceuman cama; cò air bith a shiùbhlas annta, chan aithne dha sìth. 9 Air an adhbhar sin tha breitheanas fada uainn, agus chan eil ceartas a’ breith oirnn; tha sinn ag amharc airson solais, ach feuch dorchadas; airson soilleireachd, ach tha sinn a’ gluasad ann an duibhre. 10 Tha sinn a’ smeurachadh, mar na doill, ag iarraidh a’ bhalla; agus mar mhuinntir gun fhradharc tha sinn a’ smeurachadh; tha sinn a’ tuisleachadh mu mheadhon-là, mar anns an dùbhradh; tha sinn ann an ionadan uaigneach mar dhaoine marbha. 11 Tha sinn a’ bùirich mar mhath-ghamhna; mar chalamain tha sinn ri sìor-chaoirean; tha ar sùil ri breitheanas, ach chan eil e ann; ri fuasgladh, ach is ann a tha e fada uainn. 12 Oir tha ar lochdan air fàs lìonmhor ann ad làthair, agus tha ar ciontan a’ toirt fianais nar n‑aghaidh; oir tha ar lochdan nar cuideachd, agus ar n‑aingidheachd is lèir dhuinn; 13 Le peacachadh agus le breugan an aghaidh an Tighearna, agus le tilleadh air falbh o ar Dia; le ainneart a labhairt agus le ceannairc a dhealbhadh; agus le briathran breugach aithris on chridhe. 14 Agus tha breitheanas air tilleadh air ais, agus tha ceartas a’ seasamh fad as; oir thuislich an fhìrinn air an t‑sràid, agus cha b’urrainn ionracas teachd a‑steach. 15 Agus tha fìrinn air teicheadh air falbh; agus tha esan, a sheachnas an t‑olc, ga dhèanamh fhèin na chreich; agus chunnaic an Tighearna, agus mhì-thaitinn e ris, nach robh breitheanas ann. 16 Agus chunnaic e nach robh fear ann, agus b’ioghnadh leis nach robh eadar-mheadhonair ann; an sin dh’obraich a ghàirdean fhèin slàinte air a shon; agus a fhìreantachd fhèin, chùm i suas e. 17 Agus chuir e uime fìreantachd mar uchd-èideadh; agus clogad na slàinte air a cheann; agus chuir e uime trusgan an dìoghaltais mar aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le eud mar le fallaing. 18 A rèir an gnìomharan, mar sin bheir e ath-dhìoladh; corraich da naimhdean, dìoghaltas da eascairdean; do na h‑eileanan ìocaidh e dìoghaltas. 19 Mar sin bheir iadsan on iar urram do ainm an Tighearna; agus iadsan o èirigh na grèine da ghlòir; nuair a thig an nàmhaid mar thuil, togaidh Spiorad an Tighearna suas bratach na aghaidh. 20 Agus thig am Fear-saoraidh gu Sion, agus tionndaidhidh e easaontas o Iàcob, deir an Tighearna. 21 Agus air mo shon-sa, seo mo choicheangal riu, deir an Tighearna: Mo Spiorad a tha ortsa, agus mo bhriathran a chuir mi ann ad bheul, cha dealaich iad rid bheul, no ri beul do shliochd, no ri beul sliochd do shliochd, deir an Tighearna, on àm seo eadhon gu sìorraidh. |