Earrannan Bìoball

Sanasan


Fo-roinn

111 Rannan à Bìoball mu Dhoruinn Mhòir

Tha an Àmhghar Mòr eadar-dhealaichte bhon Trìbhdhireas oir is ann aig an àm seo a thèid am beithir, no an Antichrist, fhoillseachadh, agus bidh fearg Dhè a’ dol am meud gu mòr. A rèir Taisbeanadh 3:10, “A chionn gun do ghlèidh thu facal mo fhoighidinn, gleidhidh mise thusa cuideachd o uair na deuchainn a tha ri teachd air an t-saoghal uile, gus deuchainn a dhèanamh orrasan a tha chòmhnaidh air an talamh.” Tha an ùine seo air ainmeachadh anns an t-Seann Tiomnadh barrachd air leth-cheud uair, le abairtean mar “mòr-thrioblaid”, “là na feirge”, “là feirge an Tighearna”, “àm àmhghar do Iacob”, “là dìoghaltais ar Dia”, “àm deuchainn” agus “là an Tighearna”.

Ach, bidh iadsan a chreid ann an Iosa agus a lean air adhart na shlighe gun sgìth, air an togail suas, agus an uairsin tòisichidh an àmhghar mòr dhaibhsan a rinn magadh agus a bha fo amharas mu chumhachd agus uachdaranachd Dhè. “Ach an tì a mhaireas chun na crìche, is e sin a thèid a shàbhaladh.” (Mata 24:13).


Mata 24:21

Oir anns an àm sin bidh àmhghar mòr ann, amhail nach robh ann o thùs an domhain gus a‑nis, agus nach mò a bhios a‑chaoidh.

Mata 24:13

Ach ge bè a bhios seasmhach gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.

2 Tesalònianaich 2:3-4

Na mealladh neach sam bith sibh air aon chor: oir cha tig an là sin mura tig air tùs trèigsinn-creidimh, agus mura foillsichear duine sin a’ pheacaidh, mac an sgrios;

A tha a’ cur an aghaidh agus ga àrdachadh fhèin os cionn gach nì ris an abrar Dia, no don dèanar adhradh; ionnas mar Dhia gu bheil e na shuidhe ann an teampall Dhè, ga nochdadh fhèin gur Dia e.

Deuteronomi 4:30

Nuair a bhios tu ann an àmhghar, agus a thig na nithean sin uile ort anns na làithean deireannach, ma thilleas tu a‑chum an Tighearna do Dhia, agus ma bhios tu umhail da ghuth:

Taisbeanadh 17:8

Am fiadh-bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh-aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.

Taisbeanadh 13:1

Agus sheas mi air gaineimh na fairge, agus chunnaic mi fiadh-bheathach ag èirigh suas as an fhairge, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a adhaircean deich crùin, agus air a chinn ainm toibheim.

Isaiah 13:6-9

Guilibh gu h‑àrd, oir tha là an Tighearna dlùth; mar lèirsgrios on Uile-chumhachdach thig e.

Air an adhbhar sin lagaichear na h‑uile làmhan, agus leaghaidh cridhe gach duine.

Agus bidh iad fo uamhas; nì piantan agus guinean greim orra; mar mhnaoi ri saothair cràidhear iad; seallaidh iad gach aon air a chèile le iongantas; mar lasraichean teine bidh an aodainn.

Feuch, tha là an Tighearna a’ teachd, garg le feirg agus le dian-chorraich, a chur na tìre fàs, agus a sgrios nan ciontach a‑mach aisde.

Daniel 12:11

Agus on àm anns an toirear air falbh an ìobairt làitheil, agus an cuirear suas a’ ghràinealachd a nì lèirsgrios, bidh mìle, dà cheud, ceithir-fichead agus deich làithean.

Taisbeanadh 13:18

An seo tha gliocas. An tì aig a bheil tuigse, àirmheadh e àireamh an fhiadh-bheathaich: oir is àireamh duine e; agus is e a àireamh sia ceud agus trì-fichead agus sia.

Isaiah 24:1-3

Feuch, tha an Tighearna a’ dèanamh an fhearainn falamh, agus ga chur fàs; tha e ga thionndadh bun-os‑cionn, agus a’ sgapadh a luchd-àiteachaidh.

Tha cathair na mì‑riaghailt air a briseadh sìos; tha gach taigh air a dhruideadh suas, air chor is nach faod aon neach dol a‑steach.

Tha gaoir anns gach sràid airson fìona; dhorchaicheadh gach aighear; shiubhail gàirdeachas an fhearainn air falbh.

Dh’fhàgadh lèir-chreach anns a’ bhaile, agus le buaireas bhriseadh sìos an geata.

Nuair a bhios e mar seo ann am meadhon na tìre, am measg an t‑sluaigh, bidh amhail crathadh a’ chroinn-ola, agus mar an dìoghlam nuair a chrìochnaichear am fìon-fhogharaidh.

Togaidh iadsan an guth, cliùthaichidh iad gu h‑àrd mòrachd an Tighearna; nì iad iolach on fhairge.

Uime sin anns an teine glòraichibh an Tighearna; eadhon ainm an Tighearna, Dia Israeil, ann an eileanan a’ chuain.

O iomall na talmhainn chuala sinn òrain, eadhon glòir don fhìrean; ach thubhairt mise, Mo chaoile, mo chaoile, mo thruaighe mi! Tha na mealltairean a’ mealladh, seadh le foill tha na mealltairean a’ mealladh.

Tha an t‑uamhas, agus an sloc, agus an ribe ort, O fhir-àiteachaidh na tìre.

Agus tàrlaidh, esan a theicheas o ghuth an uamhais, gun tuit e anns an t‑sloc; agus esan a thig a‑nìos o mheadhon an t‑sluic, gun glacar anns an ribe e; oir tha na tuil-dhorsan on àird air am fosgladh; agus tha bunaitean na talmhainn air an luasgadh.

Tha an tìr gu tur air a briseadh sìos; tha an tìr air a sgaoileadh gu buileach as a chèile; tha an tìr air a luasgadh gu garbh.

Agus tàrlaidh, mar a bhios an sluagh, mar sin bidh an sagart; mar a bhios an t‑òglach, mar sin bidh a mhaighistir; mar a bhios a’ bhanoglach, mar sin bidh a bana-mhaighistir; mar a bhios an ceannaiche, mar sin bidh am fear-reic; mar a bhios esan a bheir iasad, mar sin bidh esan a ghabhas iasad; mar a bhios am fear a ghabhas riadh, mar sin bidh am fear a bheir riadh uaithe.

Bidh an tìr a’ gluasad thuige agus uaithe mar mhisgear; agus atharraichear i mar bhothan-tàimh: oir laighidh a h‑aingidheachd gu trom oirre; agus tuitidh i, agus chan èirich i nas mò.

Agus tàrlaidh anns an là sin gun smachdaich an Tighearna na daoine àrda a tha shuas, agus rìghrean na talmhainn air an talamh.

Agus cruinnichear iad ri chèile, mar a chruinnichear prìosanaich ann an sloc; agus druidear suas iad mar ann am prìosan; agus an dèidh mòran làithean fiosraichear iad.

An sin bidh a’ ghealach air a maslachadh, agus a’ ghrian air a nàrachadh; oir rìoghaichidh Tighearna nan sluagh air beinn Shioin, agus ann an Ierusalem; agus ann am fianais a sheanairean bidh a ghlòir.

Nìthear an tìr gu tur falamh, agus creachar i gu buileach; oir labhair an Tighearna am briathar seo.

Taisbeanadh 14:14

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, neul geal, agus air an neul neach na shuidhe cosmhail ri Mac an Duine, aig an robh crùn òir air a cheann, agus corran geur na làimh.

Daniel 9:27

Agus daingnichidh esan an coicheangal ri mòran car aon seachdain: agus ann am meadhon na seachdain bheir e air an ìobairt agus air an tabhartas sgur; agus anns an teampall bidh gràinealachd an lèirsgrios, gus an coileanar an sgrios a dh’òrdaicheadh air a làraich fhàsail.

Taisbeanadh 18:24

Agus fhuaireadh ann fuil fhàidhean, agus naomh, agus nan uile dhaoine a mharbhadh air an talamh.

Isaiah 26:20-21

Thig, O mo shluagh, imich a‑steach dod sheòmraichean, agus druid do dhorsan mun cuairt dhut; falaich thu fhèin car tamaill bhig, car tiota, gus an gabh a’ chorraich thairis.

Oir, feuch, tha an Tighearna a’ teachd a‑mach as àit, a smachdachadh luchd-àiteachaidh na talmhainn airson an aingidheachd; agus leigidh an talamh ris an fhuil a tha air, agus cha chòmhdaich e nas mò a mhairbh.

Taisbeanadh 12:9

Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris.

Taisbeanadh 13:17

Agus nach faodadh neach sam bith ceannach no reic, ach esan aig am biodh an comharradh, no ainm an fhiadh-bheathaich no àireamh a ainme.

Taisbeanadh 12:3

Agus chunnacas iongantas eile air nèamh, agus, feuch, dràgon mòr dearg, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a chinn seachd crùin.

Taisbeanadh 12:1

Agus chunnacas iongantas mòr air nèamh, bean air a sgeadachadh leis a’ ghrèin, agus a’ ghealach fo a casan, agus air a ceann crùn de dhà-reul-dheug.

Isaiah 34:1-4

Dlùthaichibh, a chinneacha, a‑chum èisdeachd; agus thugaibh aire, O fhineachan: èisdeadh an talamh agus a làn, an saoghal agus na h‑uile a tha a’ teachd a‑mach uaithe.

Cha tèid a chur as a dh’oidhche no a là; gu sìorraidh thèid a deatach suas: o àl gu àl bidh i fàs; gu linn nan linn cha tèid aon neach troimhpe.

Ach sealbhaichidh am pelican agus a’ ghràineag i; agus gabhaidh a’ chailleach-oidhche agus am fitheach còmhnaidh innte; agus sìnidh e thairis oirre sreang an lèirsgrios, agus clachan na faoineachd.

Gairmidh iad a h‑uaislean don rìoghachd, ach cha bhi iad ann; agus thig a ceannardan uile gu neoni.

Agus fàsaidh an droigheann suas na lùchairtean; an fheanntagach agus an dris na daingnichean; agus bidh i na fàrdaich aig dràgonan, na h‑àros aig nigheanan na comhachaig.

Agus coinnichidh fiadh-bheathaichean an fhàsaich agus fiadh-bheathaichean na machrach a chèile; agus glaodhaidh am fiadh-dhuine ra chompanach; an sin fòs gabhaidh an sgreuchag-oidhche fois, agus gheibh i dhi fhèin àite-tàimh.

An sin nì a’ chailleach-oidhche mhòr a nead, agus beiridh i a h‑uighean; agus nì i gur, agus cruinnichidh i a h‑àlach fo a sgàil; an sin fòs cruinnichear na faing, gach aon le a chèile fhèin.

Fiosraichibh de leabhar an Tighearna, agus leughaibh; cha bhi aon dhiubh seo air chall, cha bhi aon as eugmhais a cèile; oir is e mo bheul-sa a thug an àithne, agus is e a spiorad a thionail iad.

Agus thilg e an crannchur air an son, agus roinn a làmh dhaibh e le sreing; sealbhaichidh iad e gu sìorraidh: o àl gu àl gabhaidh iad còmhnaidh ann.

Oir tha fearg air an Tighearna an aghaidh nan cinneach uile; agus corraich an aghaidh an slògh uile; chuir e as dhaibh, thug e thairis iad a‑chum casgairt.

Agus tilgear am mairbh a‑mach; agus on cairbhean èiridh breun bholadh; agus leaghaidh na slèibhtean sìos lem fuil.

Agus crìonaidh feachd nèimh gu lèir air falbh, agus fillear na nèamhan air a chèile mar dhuilleig leabhair; agus tuitidh am feachd uile sìos, mar a thuiteas an duilleag sheargte on fhìonain, agus mar am meas làn-abaich on chrann-fhìge.

Taisbeanadh 17:6

Agus chunnaic mi a’ bhean air mhisg le fuil nan naomh, agus le fuil fianaisean Iosa: agus nuair a chunnaic mi i, ghabh mi iongantas le iongantas mòr.

Isaiah 51:17-23

Dùisg, dùisg, èirich suas o Ierusalem, a dh’òl, o làimh an Tighearna, cuach a chorraich; dh’òl thu, dh’fhàisg thu as, deisgeanan cuach na ball-chrith.

Chan eil fear-stiùraidh aice, am measg nan uile mhac a rug i; chan eil aon a ghlacas air làimh i, am measg nan uile mhac a dh’altraim i.

Thachair an dà nì seo dhut; cò a nì caoidh air do shon? Creachadh agus milleadh, a’ ghort, agus an claidheamh; cò a bheir dhut comhfhurtachd?

Seallaibh air Abrahàm ur n‑athair, agus air Sàrah a rug sibh; oir ghairm mise e na aonar, agus bheannaich mi e, agus rinn mi lìonmhor e.

Tha do mhic air fannachadh, tha iad air tuiteam sìos aig ceann gach sràide, mar tharbh fiadhaich ann an lìon; lìonadh iad làn de chorraich an Tighearna, de achmhasan do Dhè.

Air an adhbhar sin, cluinn seo a‑nis, O thusa a tha fo àmhghar, agus air mhisg, ach chan ann le fìon:

Mar seo deir do Thighearna Iehòbhah, agus do Dhia a thagras cùis a shluaigh: Feuch, thug mi as do làimh cuach na ball-chrith; deisgeanan cuach mo chorraich; chan òl thu dhith nas mò:

Ach cuiridh mi i ann an làimh do luchd-sàrachaidh, a tha ag ràdh rid anam, Crom sìos, a‑chum gun tèid sinn thairis: agus leag thu do chorp sìos mar an làr, agus mar an t‑sràid, dhaibhsan a tha a’ gabhail seachad.

Ieremiah 30:7

Mo thruaighe! oir is mòr an là sin, agus chan eil a choimeas ann: agus is aimsir teanntachd i do Iàcob; ach tèarnar aisde e.

Eseciel 7:5-7

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha olc, aon olc eile a’ teachd.

Tha crìoch air teachd, thàinig a’ chrìoch; tha i ri faire air do shon, feuch thàinig i.

Dh’èirich a’ mhadainn ort, O thusa a tha ag àiteachadh na tìre; thàinig an t‑àm, tha là an àmhghair dlùth, agus chan e ath-fhreagradh nan sliabh.

Eseciel 30:3

Oir tha an là dlùth, eadhon là an Tighearna dlùth, là neulach, àm nan cinneach a bhios ann.

Daniel 7:25

Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Tì as àirde, agus claoidhidh e naoimh an Tì as àirde, agus bidh dùil aige aimsirean agus reachdan a chaochladh: agus bheirear iad da làimh gu aimsir, agus aimsirean, agus roinn aimsir.

Daniel 8:24-25

Agus bidh a neart cumhachdach, ach chan ann le a threise fhèin: agus sgriosaidh e gu h‑iongantach, agus soirbhichidh leis, agus bheir e gu crìch, agus millidh e na cumhachdaich agus an sluagh naomh.

Agus le a sheòltachd fòs bheir e air ceilg soirbheachadh na làimh; agus nì e uaill as fhèin na chridhe, agus le foill sgriosaidh e mòran: seasaidh e fòs suas an aghaidh Prionnsa nam prionnsachan, ach brisear e as eugmhais làimhe.

Daniel 12:1

Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar.

Ioel 1:15

Och airson an là! Oir tha là an Tighearna dlùth, agus mar lèirsgrios on Uile-chumhachdach thig e.

Ioel 2:1-2

Sèidibh-se an trompaid ann an Sion, agus èighibh caismeachd catha ann am shliabh naomh-sa: criothnaicheadh uile luchd-àiteachaidh na tìre; oir tha là an Tighearna a’ teachd, oir tha e am fagas.

Bidh ball-chrith air an talamh romhpa, criothnaichidh na nèamhan: bidh a’ ghrian agus a’ ghealach dorcha, agus cumaidh na reultan air ais an dealradh.

Agus cuiridh an Tighearna a‑mach a ghuth fa chomhair a fheachd: oir tha a champ ro‑mhòr; oir is treun esan a thoirt gu buil a fhacail; oir tha là an Tighearna mòr agus ro‑uamhasach, agus cò a dh’fhaodas a fhulang?

Uime sin a‑nis mar an ceudna, tha an Tighearna ag ràdh, tillibh am ionnsaigh-sa le ur n‑uile chridhe, agus le trasg, agus le gul, agus le caoidh.

Agus reubaibh ur cridhe, agus chan e ur n‑aodach; agus tillibh ris an Tighearna ur Dia: oir tha e tròcaireach agus iochdmhor, mall a‑chum feirge, agus làn de chaomhalachd, agus gabhaidh e aithreachas mun olc.

Cò aig a bheil fios nach till, agus nach gabh e aithreachas, agus nach fàg e beannachd na dhèidh, tabhartas-bìdh, agus tabhartas-dibhe, don Tighearna ur Dia?

Sèidibh an trompaid ann an Sion, naomhaichibh trasg, gairmibh là toirmisg.

Cruinnichibh an sluagh, naomhaichibh an coitheanal; gairmibh na seanairean; tionailibh a’ chlann, agus iadsan a tha a’ deoghail na cìche: rachadh am fear nuadh-pòsda a‑mach as a sheòmar, agus a’ bhean nuadh-phòsda a‑mach as a seòmar uaigneach.

Dèanadh na sagartan, seirbhisich an Tighearna, gul eadar an sgàth-thaigh agus an altair, agus abradh iad, Coigil, O Thighearna, do shluagh, agus na toir d’oighreachd thairis gu masladh: a‑chum gun riaghladh na cinnich os an cionn: cuime an abradh iad am measg nan cinneach, Càit a bheil an Dia?

An sin bidh an Tighearna eudmhor ma fhearann, agus gabhaidh e truas da shluagh.

Seadh, freagraidh an Tighearna, agus their e ra shluagh; Feuch, cuiridh mi dur n‑ionnsaigh arbhar, agus fìon, agus ola, agus bidh sibh air ur sàsachadh leo; agus cha dèan mi sibh nas mò nur masladh am measg nan cinneach.

Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach.

Ioel 2:30-31

Agus nochdaidh mi iongantasan anns na nèamhan, agus air an talamh; fuil, agus teine, agus smùidrich dheataich.

Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus uamhasach an Tighearna.

Amos 5:18-20

Is truagh dhuibhse a tha ag iarraidh là an Tighearna. Ciod e sin dhuibhse là an Tighearna? Dorchadas agus chan e solas.

Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math-ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh;

Thuit, agus chan èirich nas mò, òigh Israeil: tha i sìnte a‑mach air a fearann fhèin; chan eil neach ann ga togail suas.

Nach bi là an Tighearna na dhorchadas, agus chan ann na sholas? Eadhon ro‑dhorcha, agus gun soilleireachd air bith ann?

Sephaniah 1:14-15

Tha là mòr an Tighearna dlùth, tha e dlùth, agus a’ deifreachadh gu mòr: tha guth là an Tighearna searbh: guilidh an sin an cumhachdach.

Is là feirge an là sin, là trioblaid agus teanntachd; là fàsalachd agus lèirsgrios; là dorchadais agus oglaidheachd; là neul agus tiugh-dhorchadais;

Sechariah 12:2-3

Feuch, nì mise Ierusalem na cupan ball-chrith do na slòigh uile mun cuairt: airson Iùdah mar an ceudna bidh e anns an fheachd an aghaidh Ierusaleim.

Agus anns an là sin nì mi Ierusalem na cloich chudthromaich do na slòigh uile; na h‑uile a ghabhas i mar uallach orra fhèin, gearrar iad nam bloighdean: agus na h‑aghaidh bidh uile chinnich an domhain air an cruinneachadh ri chèile.

Sechariah 13:8-9

Agus tàrlaidh anns an fhearann uile tha an Tighearna ag ràdh, gun gearrar as dà thrian ann, agus gum bàsaich iad; ach bidh an treas trian air fhàgail ann.

Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.

Sechariah 14:1-2

Feuch, tha là an Tighearna a’ teachd, agus roinnear do chreach ann ad mheadhon.

Agus cuartaichidh e am fearann uile mar chòmhnard, o Gheba gu Rimon, mu dheas de Ierusalem: agus togar suas i, agus àitichear i na h‑ionad, o gheata Bheniàmin gu àite a’ chiad gheata, agus gu geata na h‑oisne, agus o thùr Hananeeil gu fìon-amair an rìgh.

Agus nì daoine còmhnaidh innte, agus cha bhi lèirsgrios ann nas mò; ach bidh Ierusalem air a h‑àiteachadh ann an tèarainteachd.

Agus seo a’ phlàigh leis am buail an Tighearna na slòigh a chog an aghaidh Ierusaleim: leaghaidh am feòil air falbh am feadh a tha iad nan seasamh air an casan, agus leaghaidh an sùilean air falbh nan sluic, agus leaghaidh an teanga air falbh nam beul.

(Agus tàrlaidh anns an là sin gum bi buaireas mòr on Tighearna nam measg: agus glacaidh iad greim, gach aon de làimh a choimhearsnaich; agus èiridh a làmh suas an aghaidh làmh a choimhearsnaich.

Agus cogaidh Iùdah fòs aig Ierusalem; agus cruinnichear ri chèile maoin nan uile chinneach mun cuairt, òr, agus airgead, agus earradh, ann am pailteas mòr.)

Agus bidh plàigh an eich, na muileid, a’ chàmhail, agus na h‑asail, agus nan uile bheathaichean a bhios anns na campan seo, mar a’ phlàigh seo.

Agus tàrlaidh gun tèid gach aon a dh’fhàgar, de na h‑uile chinnich a thàinig an aghaidh Ierusaleim, suas o bhliadhna gu bliadhna gu adhradh a dhèanamh don Rìgh, Tighearna nan sluagh, agus a choimhead fèill nam pàillean.

Agus tàrlaidh, cò sam bith de uile theaghlaichean na talmhainn nach tèid suas gu Ierusalem, a dhèanamh adhraidh don Rìgh, Tighearna nan sluagh, eadhon orra sin cha tig uisge sam bith.

Agus mura tèid teaghlach na h‑Èiphit suas, agus mura tig iad, orrasan bidh a’ phlàigh sin leis am buail an Tighearna na cinnich nach tèid suas a choimhead fèill nam pàillean.

Seo peanas na h‑Èiphit, agus peanas nan uile chinneach nach tèid suas a choimhead fèill nam pàillean.

Oir cruinnichidh mise na h‑uile chinnich an aghaidh Ierusaleim gu cogadh; agus glacar am baile, agus creachar na taighean, agus èignichear na mnathan; agus thèid leth a’ bhaile air falbh ann am bruid; agus cha ghearrar a’ chuid eile den t‑sluagh as on bhaile.

Mata 24:4-5

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire nach meall aon neach sibh:

An sin bidh dithis air a’ mhachair; gabhar fear aca, agus fàgar am fear eile.

Bidh dithis bhan a’ meileadh anns a’ mhuileann; gabhar aon dhiubh, agus fàgar an aon eile.

Uime sin dèanaibh-se faire, oir chan eil fhios agaibh ciod an uair anns an tig ur Tighearna.

Ach tha fhios seo agaibh, nam b’fhiosrach fear-an‑taighe ciod an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e gum briseadh a thaigh troimhe.

Uime sin, bithibh-se ullamh mar an ceudna: oir nuair nach saoil sibh, thig Mac an Duine.

Cò e, mas eadh, a tha na òglach fìrinneach agus glic, a chuir a thighearna os cionn a mhuinntir, a thabhairt bìdh dhaibh na àm fhèin?

Is beannaichte an t‑òglach sin a gheibh a thighearna, ri àm dha teachd, a’ dèanamh mar sin.

Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun cuir e e os cionn a mhaoin gu h‑iomlan.

Ach ma their an droch sheirbhiseach ud na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàil na theachd;

Agus ma thòisicheas e air a cho-sheirbhisich a bhualadh, agus air ithe agus òl maille ri luchd-misge:

Oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus meallaidh iad mòran.

Mata 24:6-8

Agus cluinnidh sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean: thugaibh an aire nach bi sibh fo amhluadh: oir is èiginn do na nithean sin uile teachd gu crìch, ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast.

Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh gortan, agus plàighean, agus crithean-talmhainn ann am mòran àitean.

Agus chan eil annta seo uile ach toiseach thruaighean.

Mata 24:15-22

Air an adhbhar sin, nuair a chì sibhse gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad naomh (tuigeadh an tì a leughas),

An sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudèa a‑chum nam beann:

An tì a tha air mullach an taighe, na tigeadh e a‑nuas a thabhairt nì sam bith leis as a thaigh:

Agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh e air ais a thogail a fhallaing leis.

Agus is an‑aoibhinn do na mnathan torrach, agus dhaibhsan a bheir cìoch uapa anns na làithean sin.

Agus thubhairt Iosa riu, Nach faic sibh iad seo uile? Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh nach fàgar clach air muin cloiche an seo nach tilgear sìos.

Ach guidhibh-se gun ur teicheadh a bhith anns a’ gheamhradh no air an t‑sàbaid:

Oir anns an àm sin bidh àmhghar mòr ann, amhail nach robh ann o thùs an domhain gus a‑nis, agus nach mò a bhios a‑chaoidh.

Agus mura biodh na làithean sin air an giorrachadh, cha bhiodh feòil sam bith air a tèarnadh: ach airson nan daoine taghte bidh na làithean sin air an giorrachadh.

Mata 24:29-30

Air ball an dèidh trioblaid nan làithean ud, dorchaichear a’ ghrian, agus cha tabhair a’ ghealach a solas, agus tuitidh na reultan o nèamh, agus bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.

Agus air suidhe dha air Sliabh nan Crann-ola, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh ann an uaigneas, ag ràdh, Innis dhuinne cuin a thig na nithean sin gu crìch, agus ciod e comharradh do theachd-sa, agus crìoch an t‑saoghail?

Agus an sin foillsichear comharradh Mac an Duine ann an nèamh: agus an sin nì uile threubhan na talmhainn bròn, agus chì iad Mac an Duine a’ teachd air neòil nèimh, le cumhachd agus glòir ro‑mhòr.

Marcus 13:7-8

Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean, na biodh buaireas oirbh: oir is èiginn dhaibh seo teachd; ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast.

Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh crithean-talmhainn ann an iomadh àit, agus bidh gortan agus trioblaidean ann: is iad sin toiseach dhòrainnean.

Marcus 13:14-20

Ach nuair a chì sibh gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad anns nach bu chòir dhi (tuigeadh an tì a leughas), an sin teicheadh iadsan a tha ann an tìr Iudèa a‑chum nam beann:

Agus na tigeadh esan a tha air mullach an taighe a‑nuas don taigh, agus na rachadh e a‑steach a thoirt nì air bith as a thaigh:

Agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh e air ais a thogail a fhallaing leis.

Ach mo thruaighe iad na mnathan sin a tha torrach, agus iadsan a tha a’ toirt cìche anns na làithean sin!

Agus guidhibh-se gun ur teicheadh a bhith anns a’ gheamhradh.

Oir bidh àmhghar anns na làithean sin, amhail nach robh a leithid ann o thoiseach na cruitheachd a chruthaich Dia gus a‑nis, agus nach mò a bhios.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Am faic thu an aitreabh mhòr seo? Chan fhàgar clach air muin cloiche, nach sgarar o chèile.

Agus mura giorraicheadh an Tighearna na làithean ud, cha rachadh feòil air bith as: ach airson an t‑sluaigh thaghte, a thagh e fhèin, ghiorraich e na làithean ud.

Marcus 13:24-25

Ach anns na làithean sin, an dèidh an àmhghair ud, bidh a’ ghrian air a dorchachadh, agus cha toir a’ ghealach a solas uaipe;

Agus tuitidh reultan nèimh, agus bidh na cumhachdan a tha anns na nèamhan air an crathadh.

Lùcas 17:26-30

Agus mar a bha e ann an làithean Noe, mar sin mar an ceudna bidh e ann an làithean Mac an Duine:

Bha iad ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus air an toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach don àirc: agus thàinig an dìle, agus sgrios i iad uile.

Amhail fòs mar a thachair ann an làithean Lot; bha iad ag ithe agus ag òl, a’ ceannach agus a’ reic, a’ planndachadh agus a’ togail aitreibh:

Ach air an là sin fhèin anns an deachaidh Lot a‑mach à Sòdom, fhrasadh teine agus pronnasg o nèamh, agus sgrios e iad uile.

Thugaibh an aire dhuibh fhèin: ma pheacaicheas do bhràthair ad aghaidh, cronaich e; agus ma ghabhas e aithreachas, thoir maitheanas dha.

Is ann mar sin a bhios anns an là anns am foillsichear Mac an Duine.

Lùcas 21:20-22

Agus nuair a chì sibh Ierusalem air a cuartachadh le armailtean, an sin biodh fhios agaibh gu bheil a fàsachadh am fagas.

(An sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudèa a‑chum nam beann), agus imicheadh iadsan a tha na meadhon-se a‑mach aisde; agus na rachadh iadsan a tha anns a’ mhachair a‑steach innte.

Oir is iad sin làithean an dìoghaltais, a‑chum gun coileanar na h‑uile nithean a tha sgrìobhte.

Lùcas 21:25-26

Agus bidh comharraidhean anns a’ ghrèin, agus anns a’ ghealaich, agus anns na reultan; agus air an talamh teanntachd nan cinneach ann an ioma-chomhairle; an cuan agus na tonnan a’ beucaich;

Cridheachan dhaoine gan trèigsinn tro eagal, agus feitheamh nan nithean sin a tha teachd air an domhan: oir bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.

Eòin 16:33

Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.

Gnìomharan 2:19-20

Agus nochdaidh mise iongantasan anns na nèamhan shuas, agus comharraidhean air an talamh shìos; fuil, agus teine, agus dubh-neul deataich:

Agus thàinig gu h‑obann toirm o nèamh, mar shèideadh gaoithe ro‑thrèin, agus lìon i an taigh uile far an robh iad nan suidhe.

Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus comharraichte sin an Tighearna:

Ròmanaich 2:5

Ach a rèir do chruais agus do chridhe neo-aithreachail, tha thu a’ càrnadh suas feirge dhut fhèin fa chomhair là na feirge, agus foillseachadh ceart-bhreitheanas Dhè;

Ròmanaich 8:18-19

Oir tha mi a’ meas nach airidh fulangais na h‑aimsir a tha an làthair a bhith air an coimeas ris a’ ghlòir a tha gu bhith air a foillseachadh annainn.

Oir tha dùil dhùrachdach a’ chruthachaidh a’ feitheamh ri foillseachadh clann Dhè.

1 Corintianach 15:52

Ann an tiota, ann am priobadh na sùla, ri guth na trompaid deireannaich (oir sèididh an trompaid), agus èiridh na mairbh neo-thruaillidh, agus caochlaidhear sinne.

2 Corintianach 4:17-18

Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach;

Air dhuinne a bhith ag amharc chan ann air na nithean a tha rim faicinn, ach air na nithean nach eil rim faicinn: oir tha na nithean a chìthear aimsireil; ach tha na nithean nach faicear sìorraidh.

1 Timòteus 4:1

A‑nis tha an Spiorad ag ràdh gu soilleir, anns na h‑aimsirean deireannach gun trèig dream àraidh an creideamh, a’ toirt aire do spioradan mealltach, agus do theagasgan dheamhan;

2 Timòteus 3:1-5

Ach biodh fhios seo agad, gun tig anns na làithean deireannach aimsirean cunnartach.

Ach tha làn-fhios agad air mo theagasg-sa, mo ghnè beatha, mo rùn, mo chreideamh, m’fhad-fhulangas, mo sheirc, m’fhoighidinn,

Mo gheur-leanmhainnean, m’fhulangasan a thàinig orm ann an Antioch, ann an Iconium, ann an Listra; ciod e meud nan geur-leanmhainn a ghiùlain mi: ach asda uile shaor an Tighearna mi.

Seadh, fuilingidh iadsan uile, leis an àill am beatha a chaitheamh gu diadhaidh ann an Iosa Crìosd, geur-leanmhainn.

Ach fàsaidh droch dhaoine agus mealltairean nas miosa agus nas miosa, a’ mealladh, agus air am mealladh.

Ach buanaich thusa anns na nithean a dh’fhòghlaim thu, agus air an do rinneadh thu dearbh-fhiosrach, air dhut fios a bhith agad cia uaithe a dh’fhòghlaim thu iad;

Agus o bha thu ad leanabh gum b’aithne dhut na sgriobtairean naomha, a tha comasach air do dhèanamh glic a‑chum slàinte, tre an chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd.

Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tairbheach a‑chum teagaisg, a‑chum spreigeadh, a‑chum leasachaidh, a‑chum oilein ann am fìreantachd:

A‑chum gum bi òglach Dhè coileanta, làn-deas a‑chum gach uile dheagh obrach.

Oir bidh daoine fèin-spèiseil, sanntach, ràiteachail, uaibhreach, toibheumach, eas-umhail do phàrantan, mì‑thaingeil, mì‑naomha,

Gun ghràdh nàdarra, nan luchd-brisidh coicheangail, tuaileasach, neo-gheamnaidh, borb, gun ghaol don mhath,

Fealltach, ceann-làidir, àrdanach, aig a bheil bàrr gràidh do shàimh na tha aca do Dhia;

Aig a bheil coslas diadhachd, ach a tha ag àicheadh a cumhachd: on leithidean sin tionndaidh-sa air falbh.

Eabhraidhich 10:27

Ach dùil eagalach ri breitheanas, agus feirg theinntich, a sgriosas na h‑eascairdean.

Eabhraidhich 12:26-27

Neach aig an do chrath a ghuth an talamh an sin: ach a‑nis gheall e, ag ràdh, Aon uair eile fhathast crathaidh mi chan e an talamh a‑mhàin, ach nèamh mar an ceudna.

Agus tha am facal seo, Aon uair eile, a’ ciallachadh atharrachadh nan nithean sin a ghabhas crathadh, mar nithean a rinneadh, a‑chum gum fanadh na nithean nach gabh crathadh.

Seumas 5:1-3

Imichibh a‑nis, a dhaoine saoibhir, dèanaibh gul agus caoidh airson ur n‑àmhghair a tha a’ teachd oirbh.

Gabhaibh, mo bhràithrean, na fàidhean, a labhair ann an ainm an Tighearna, nan eisimpleir air anshocair fhulang, agus air foighidinn.

Feuch, measar sona leinn iadsan a dh’fhuilingeas. Chuala sibh iomradh air foighidinn Iob, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna; gu bheil an Tighearna ro‑theò-chridheach agus tròcaireach.

Ach ro na h‑uile nithean, mo bhràithrean, na tugaibh mionnan, aon chuid air nèamh, no air an talamh, no air mionnan sam bith eile: ach guma h‑e ur còmhradh, Seadh, seadh, agus Chan eadh, chan eadh; air eagal gun tuit sibh ann an dìteadh.

A bheil neach sam bith fo thrioblaid nur measg? Dèanadh e ùrnaigh. A bheil neach sam bith subhach? Seinneadh e sailm.

A bheil neach sam bith tinn nur measg? Cuireadh e fios air seanairean na h‑eaglais; agus dèanadh iad ùrnaigh os a chionn, ga ungadh le ola ann an ainm an Tighearna:

Agus slànaichidh ùrnaigh a’ chreidimh an t‑easlan, agus togaidh an Tighearna suas e; agus ma rinn e peacaidhean, maithear dha iad.

Aidichibh ur lochdan da chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile, a‑chum gun tèarnar sibh. Tha mòr-èifeachd ann an ùrnaigh dhùrachdaich an fhìrein.

Bu duine Elias aig an robh co‑aigne rinne, agus ghuidh e gu dùrachdach gun uisge a bhith ann: agus cha tàinig uisge air an talamh rè trì bliadhna agus sia mìosan.

Agus rinn e ùrnaigh a‑rìs, agus thug nèamh uisge uaithe, agus thug an talamh a‑mach a thoradh.

A bhràithrean, ma thèid aon neach agaibhse air seachran on fhìrinn, agus gun iompaich neach e;

Tha ur saoibhreas air a thruailleadh, agus ur n‑aodach air ithe leis an leòmann.

Biodh fhios aige, an duine a dh’iompaicheas peacach o sheachran a shlighe, gun saor e a anam o bhàs, agus gum falaich e mòran pheacaidhean.

Tha ur n‑òr agus ur n‑airgead air meirgeadh; agus bidh am meirg-san na fhianais nur n‑aghaidh, agus ithidh i ur feòil mar theine; thaisg sibh ionmhas fa chomhair nan làithean deireannach.

Seumas 5:8

Bithibh-se foighidinneach mar an ceudna; socraichibh ur cridheachan: oir tha teachd an Tighearna am fagas.

1 Peadar 4:7

Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh.

1 Peadar 4:12-13

A mhuinntir mo ghràidh, na biodh iongantas oirbh a‑thaobh na deuchainn theinntich, a thig oirbh a‑chum ur dearbhadh, mar gun tàrladh nì‑eigin neo-ghnàthach dhuibh:

Ach do bhrìgh gu bheil sibh nur luchd-compàirt de fhulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas; a‑chum mar an ceudna, ann an àm foillseachadh a ghlòire, gun dèan sibh gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr.

2 Peadar 2:9

Is aithne don Tighearna na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine eucorach a choimhead gu là a’ bhreitheanais a‑chum peanas a dhèanamh orra:

2 Peadar 3:3-4

Air dhuibh fhios seo a bhith agaibh air tùs, gun tig anns na làithean deireannach luchd-fochaid, ag imeachd a rèir an ana-miann fhèin.

Agus ag ràdh, Càit a bheil gealladh a theachd? Oir o chaidil na h‑athraichean, tha na h‑uile nithean a’ fantainn mar a bha iad o thoiseach a’ chruthachaidh.

2 Peadar 3:10

Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.

1 Eòin 2:18

A chlann bheag, is i an aimsir dheireannach a tha ann: agus mar a chuala sibh gun tig an t‑ana-crìosd, is ann mar sin a tha a‑nis iomadh ana-crìosd ann; om bheil sinn a’ tuigsinn gur i an aimsir dheireannach a tha ann.

Iùdas 1:18

Mar a thubhairt iad ribh, gum biodh anns an aimsir dheireannaich luchd-fanaid, a ghluaiseadh a rèir an ana-miannan mì‑dhiadhaidh fhèin.

Taisbeanadh 3:10

A chionn gun do ghlèidh thu facal m’fhoighidinn-sa, gleidhidh mise thusa mar an ceudna o uair a’ bhuairidh, a thig air an t‑saoghal uile, a dhearbhadh na muinntir sin a tha nan còmhnaidh air an talamh.

Taisbeanadh 6:1-2

Agus chunnaic mi, nuair a dh’fhosgail an t‑Uan aon de na seulachan, agus chuala mi aon de na ceithir beò-chreutairean ag ràdh, mar le fuaim tàirneanaich, Thig, agus faic.

Agus ghlaodh iad le guth mòr, ag ràdh, Cia fhad, O Thighearna naoimh agus fhìrinnich, gus an dèan thu breitheanas, agus an dìol thu ar fuil-ne orrasan a tha nan còmhnaidh air an talamh?

Agus thugadh do gach aon dhiubh trusganan fada geala, agus chaidh a ràdh riu, iad a ghabhail fois fhathast rè ùine bhig, gus am biodh an co‑sheirbhisich mar an ceudna, agus am bràithrean a rachadh a mharbhadh mar a chaidh iadsan, air an coileanadh.

Agus dh’amhairc mi nuair a dh’fhosgail e an siathamh seula, agus, feuch, bha crith-thalmhainn mhòr ann; agus dh’fhàs a’ ghrian dubh mar shac-aodach de fhionna, agus dh’fhàs a’ ghealach mar fhuil;

Agus thuit reultan nèimh air an talamh, mar a thilgeas craobh-fhìge a fìgean an‑abaich, nuair a chrathar i le gaoith mhòir:

Agus chaidh nèamh thairis mar ròla leabhair air fhilleadh air a chèile; agus dh’atharraicheadh gach beinn agus eilean as an ionadan fhèin:

Agus dh’fhalaich rìghrean na talmhainn, agus na daoine mòra, agus na daoine saoibhir, agus na h‑àrd-cheannardan, agus na daoine cumhachdach, agus gach tràill, agus gach duine saor, iad fhèin ann an uaimhean agus ann an creagan nam beann;

Agus thubhairt iad ris na slèibhtean agus ris na creagan, Tuitibh oirnn, agus falaichibh sinn o ghnùis an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus o fheirg an Uain:

Oir thàinig là mòr a fheirge-san; agus cò a dh’fhaodas seasamh?

Agus chunnaic mi, agus, feuch, each geal; agus bha aig an tì a shuidh air, bogha: agus thugadh dha crùn, agus chaidh e a‑mach a’ buadhachadh, agus a‑chum gum buadhaicheadh e.

Taisbeanadh 6:3-4

Agus nuair a dh’fhosgail e an dara seula, chuala mi an dara beò-chreutair ag ràdh, Thig, agus faic.

Agus chaidh each eile a‑mach, a bha dearg; agus thugadh cumhachd dhàsan a shuidh air, a‑chum sìth a thoirt on talamh, ionnas gum marbhadh iad a chèile: agus thugadh claidheamh mòr dha.

Taisbeanadh 6:5-6

Agus nuair a dh’fhosgail e an treas seula, chuala mi an treas beò-chreutair ag ràdh, Thig, agus faic. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each dubh, agus bha aig an tì a shuidh air, meidh na làimh.

Agus chuala mi guth ann am meadhon nan ceithir beò-chreutairean ag ràdh, Tomhas cruithneachd airson pèighinn, agus trì tomhaisean eòrna air phèighinn; agus na dèan cron air an ola, no air an fhìon.

Taisbeanadh 6:7-8

Agus nuair a dh’fhosgail e an ceathramh seula, chuala mi guth a’ cheathramh beò-chreutair ag ràdh, Thig, agus faic.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh-san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh-bheathaichean na talmhainn.

Taisbeanadh 6:12-17

Agus dh’amhairc mi nuair a dh’fhosgail e an siathamh seula, agus, feuch, bha crith-thalmhainn mhòr ann; agus dh’fhàs a’ ghrian dubh mar shac-aodach de fhionna, agus dh’fhàs a’ ghealach mar fhuil;

Agus thuit reultan nèimh air an talamh, mar a thilgeas craobh-fhìge a fìgean an‑abaich, nuair a chrathar i le gaoith mhòir:

Agus chaidh nèamh thairis mar ròla leabhair air fhilleadh air a chèile; agus dh’atharraicheadh gach beinn agus eilean as an ionadan fhèin:

Agus dh’fhalaich rìghrean na talmhainn, agus na daoine mòra, agus na daoine saoibhir, agus na h‑àrd-cheannardan, agus na daoine cumhachdach, agus gach tràill, agus gach duine saor, iad fhèin ann an uaimhean agus ann an creagan nam beann;

Agus thubhairt iad ris na slèibhtean agus ris na creagan, Tuitibh oirnn, agus falaichibh sinn o ghnùis an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus o fheirg an Uain:

Oir thàinig là mòr a fheirge-san; agus cò a dh’fhaodas seasamh?

Taisbeanadh 7:13-14

Agus fhreagair aon de na seanairean, ag ràdh rium, Cò iad sin a tha air an sgeadachadh le trusganan fada geala? Agus cia as a thàinig iad?

Agus thubhairt mi ris, A Thighearna, tha fhios agadsa. Agus thubhairt e rium, Is iad seo iadsan a thàinig à àmhghar mòr; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.

Taisbeanadh 8:1-2

Agus nuair a dh’fhosgail e an seachdamh seula, bha tosd air nèamh mu thimcheall leth uaire.

Agus shèid an treas aingeal, agus thuit reul mhòr o nèamh, a’ dearg-lasadh mar lòchran, agus thuit i air an treas cuid de na h‑aibhnichean, agus air na tobraichean uisge;

Agus is e an t‑ainm a ghoirear den reul Burmaid: agus rinneadh an treas cuid de na h‑uisgeachan nam burmaid; agus fhuair mòran dhaoine bàs leis na h‑uisgeachan, do bhrìgh gun do rinneadh searbh iad.

Agus shèid an ceathramh aingeal, agus bhuaileadh an treas cuid den ghrèin, agus an treas cuid den ghealaich, agus an treas cuid de na reultan; ionnas gun do rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha agus nach do dhealraich an là rè an treas cuid dheth, no an oidhche air a’ mhodh cheudna.

Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi aingeal ag itealaich ann am meadhon nèimh, ag ràdh le guth àrd, Is truagh, truagh, truagh, do luchd-àiteachaidh na talmhainn, airson guthan eile trompaid nan trì aingeal a tha fhathast gu sèideadh!

Agus chunnaic mi na seachd aingil a sheas am fianais Dhè; agus thugadh dhaibh seachd trompaidean.

Taisbeanadh 8:7

Agus shèid an ciad aingeal, agus bha clachan-meallain ann, agus teine air am measgadh le fuil, agus thilgeadh air an talamh iad; agus loisgeadh an treas cuid de na craobhan, agus am feur uaine uile.

Taisbeanadh 8:8-9

Agus shèid an dara aingeal, agus thilgeadh mar gum bu bheinn mhòr a’ losgadh le teine anns an fhairge: agus dh’fhàs an treas cuid den fhairge na fuil:

Agus fhuair an treas cuid de na creutairean a bha anns an fhairge, aig an robh anam, bàs; agus mhilleadh an treas cuid de na longan.

Taisbeanadh 8:10-11

Agus shèid an treas aingeal, agus thuit reul mhòr o nèamh, a’ dearg-lasadh mar lòchran, agus thuit i air an treas cuid de na h‑aibhnichean, agus air na tobraichean uisge;

Agus is e an t‑ainm a ghoirear den reul Burmaid: agus rinneadh an treas cuid de na h‑uisgeachan nam burmaid; agus fhuair mòran dhaoine bàs leis na h‑uisgeachan, do bhrìgh gun do rinneadh searbh iad.

Taisbeanadh 8:12

Agus shèid an ceathramh aingeal, agus bhuaileadh an treas cuid den ghrèin, agus an treas cuid den ghealaich, agus an treas cuid de na reultan; ionnas gun do rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha agus nach do dhealraich an là rè an treas cuid dheth, no an oidhche air a’ mhodh cheudna.

Taisbeanadh 9:1-2

Agus shèid an còigeamh aingeal a thrompaid, agus chunnaic mi reul a’ tuiteam o nèamh a‑chum na talmhainn: agus thugadh dha iuchair sloc an dubh-aigein.

Agus bha earbaill aca cosmhail ri scorpionan, agus bha gathan nan earbaill: agus b’e an cumhachd daoine a chiùrradh rè còig mìosan.

Agus bha rìgh aca os an cionn, eadhon aingeal an dubh-aigein, agus is e as ainm dha anns an Eabhra, Abadon, ach anns a’ Ghrèigis is e as ainm dha Apolion.

Chaidh aon truaighe thairis; feuch, tha dà thruaighe ri teachd fhathast an dèidh seo.

Agus shèid an siathamh aingeal a thrompaid, agus chuala mi guth o cheithir adhaircean na h‑altair òir, a tha am fianais Dhè,

Ag ràdh ris an t‑siathamh aingeal aig an robh an trompaid, Fuasgail na ceithir aingil a tha ceangailte aig an abhainn mhòir Euphràtes.

Agus dh’fhuasgladh na ceithir aingil a bha ullaichte fa chomhair uaire, agus là, agus mìosa, agus bliadhna, a‑chum gum marbhadh iad an treas cuid de dhaoine.

Agus b’e àireamh armailtean a’ mharc-shluaigh fichead mìle de dheich mìltean: agus chuala mi an àireamh.

Agus mar seo chunnaic mi na h‑eich anns an taisbeanadh, agus iadsan a shuidh orra, aig an robh uchd-èididhean de theine, agus de hiacint, agus de phronnasg: agus bha cinn nan each mar chinn leòmhann; agus as am beòil thàinig a‑mach teine, agus deatach, agus pronnasg.

Leis na trì plàighean seo mharbhadh an treas cuid de dhaoine, leis an teine, agus leis an deataich, agus leis a’ phronnasg, a chaidh a‑mach as am beòil.

Oir tha an cumhachdan nam beul, agus nan earbaill: oir bha an earbaill cosmhail ri nathraichean, agus bha cinn aca, agus leo sin nì iad dochann.

Agus dh’fhosgail e sloc an dubh-aigein, agus dh’èirich deatach as an t‑sloc, mar dheataich àmhainn mhòir theinntich; agus rinneadh a’ ghrian agus an t‑adhar dorcha le deataich an t‑sluic.

Taisbeanadh 9:3-6

Agus thàinig a‑mach as an deataich air an talamh, lòcaist; agus thugadh cumhachd dhaibh, a rèir mar a tha cumhachd aig scorpionan na talmhainn.

Agus chaidh a ràdh riu gun iad a dhèanamh dochainn air feur na talmhainn, no air nì sam bith uaine, no air craoibh sam bith; ach air na daoine sin a‑mhàin aig nach eil seula Dhè air clàr an aodainn.

Agus thugadh dhaibh, chan e gum marbhadh iad iad, ach gum biodh iad air am pianadh rè chòig mìosan: agus bha am pian cosmhail ri pèin scorpion, nuair a bhuaileas e duine.

Agus anns na làithean sin iarraidh daoine am bàs, agus chan fhaigh iad e; agus bidh dèidh aca air bàsachadh, agus teichidh am bàs uapa.

Taisbeanadh 9:13-15

Agus shèid an siathamh aingeal a thrompaid, agus chuala mi guth o cheithir adhaircean na h‑altair òir, a tha am fianais Dhè,

Ag ràdh ris an t‑siathamh aingeal aig an robh an trompaid, Fuasgail na ceithir aingil a tha ceangailte aig an abhainn mhòir Euphràtes.

Agus dh’fhuasgladh na ceithir aingil a bha ullaichte fa chomhair uaire, agus là, agus mìosa, agus bliadhna, a‑chum gum marbhadh iad an treas cuid de dhaoine.

Taisbeanadh 9:18

Leis na trì plàighean seo mharbhadh an treas cuid de dhaoine, leis an teine, agus leis an deataich, agus leis a’ phronnasg, a chaidh a‑mach as am beòil.

Taisbeanadh 11:3

Agus bheir mise cumhachd dom dhithis fhianaisean, agus nì iad fàidheadaireachd rè mìle agus dà cheud agus trì-fichead là, èidichte ann an sac-aodach.

Taisbeanadh 11:18

Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg-sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh.

Taisbeanadh 12:12

Uime sin biodh gàirdeachas oirbh, O nèamhan, agus oirbhse a tha nur còmhnaidh annta. An‑aoibhinn do luchd-àiteachaidh na talmhainn, agus na fairge! Oir thàinig an diabhal a‑nuas dur n‑ionnsaigh, agus fearg ro‑mhòr air, do bhrìgh gur fiosrach e nach eil aige ach ùine gheàrr.

Taisbeanadh 12:17

Agus bha fearg air an dràgon ris a’ mhnaoi, agus chaidh e a dhèanamh cogaidh ris a’ chuid eile de a sliochd, a tha a’ coimhead àitheantan Dhè, agus aig a bheil fianais Iosa Crìosd.

Taisbeanadh 13:5-8

Agus thugadh dha beul a’ labhairt nithean mòra, agus thoibheum; agus thugadh cumhachd dha cogadh a dhèanamh rè dà mhìos agus dà‑fhichead.

Agus dh’fhosgail e a bheul ann an toibheum an aghaidh Dhè, a‑chum toibheum a thoirt da ainm, agus da phàillean, agus don dream a tha nan còmhnaidh air nèamh.

Agus thugadh dha cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh, agus buaidh a thoirt orra: agus thugadh dha cumhachd os cionn gach uile threubh, agus theangaidh, agus chinnich.

Agus nì iadsan uile, a tha nan còmhnaidh air an talamh, adhradh dha, aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.

Taisbeanadh 13:11-17

Agus chunnaic mi fiadh-bheathach eile ag èirigh as an talamh; agus bha aige dà adhairc cosmhail ri uan, agus labhair e mar dhràgon.

Agus tha e a’ cur an gnìomh cumhachd a’ chiad fhiadh-bheathaich uile na fhianais, agus tha e a’ toirt air an talamh, agus orrasan a tha nan còmhnaidh ann, adhradh a dhèanamh don chiad fhiadh-bheathach, aig an robh a lot bàsmhor air a leigheas.

Agus tha e a’ dèanamh chomharraidhean mòra, ionnas gu bheil e a’ toirt air teine teachd a‑nuas o nèamh air an talamh, ann am fianais dhaoine;

Agus tha e a’ mealladh na dream a tha nan còmhnaidh air an talamh, leis na comharraidhean sin a thugadh dha a dhèanamh an làthair an fhiadh-bheathaich, ag ràdh ri luchd-àiteachaidh na talmhainn, ìomhaigh a dhèanamh don bheathach aig an robh an lot-claidheimh, agus a bha beò.

Agus thugadh cumhachd dha beatha a thoirt do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, ionnas gun labhradh ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, agus gun tugadh e fa‑near gum biodh a mheud is nach dèanadh adhradh do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, air am marbhadh.

Agus tha e a’ toirt air na h‑uile dhaoine, araon beag agus mòr, saoibhir agus bochd, saor agus daor, comharradh a ghabhail air an làimh dheis, no air clàr an aodainn;

Agus nach faodadh neach sam bith ceannach no reic, ach esan aig am biodh an comharradh, no ainm an fhiadh-bheathaich no àireamh a ainme.

Taisbeanadh 14:14-20

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, neul geal, agus air an neul neach na shuidhe cosmhail ri Mac an Duine, aig an robh crùn òir air a cheann, agus corran geur na làimh.

Agus thàinig aingeal eile a‑mach as an teampall, a’ glaodhaich le guth àrd ris an Tì a bha na shuidhe air an neul, Sàth a‑steach do chorran, agus buain: oir thàinig àm dhut buain: oir tha fogharadh na talmhainn abaich.

Agus shàth an Tì a bha na shuidhe air an neul a chorran anns an talamh; agus bhuaineadh an talamh.

Agus thàinig aingeal eile a‑mach as an teampall a tha air nèamh, agus corran geur aigesan mar an ceudna.

Agus thàinig aingeal eile a‑mach on altair, aig an robh cumhachd os cionn teine, agus ghlaodh e le glaodh àrd ris an Tì aig an robh an corran geur, ag ràdh, Sàth a‑steach do chorran geur, agus cnuasaich bagaidean fìonain na talmhainn: oir tha a fìondhearcan làn-abaich.

Agus shàth an t‑aingeal a chorran anns an talamh, agus chnuasaich e fìonain na talmhainn, agus thilg e i ann am fìon-amar mòr fearg Dhè.

Agus chuala mi guth o nèamh, mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar fhuaim tàirneanaich mhòir; agus chuala mi fuaim chlàrsairean, a’ dèanamh ciùil len clàrsaichean:

Agus shaltradh am fìon-amar an taobh a‑muigh den bhaile, agus thàinig fuil a‑mach as an fhìon-amar, gu srèin nan each, fad mìle agus sia ceud stàid.

Taisbeanadh 15:1

Agus chunnaic mi comharradh eile air nèamh, mòr agus iongantach, seachd aingil aig an robh na seachd plàighean deireannach; oir annta seo tha fearg Dhè air a coileanadh.

Taisbeanadh 16:1-2

Agus chuala mi guth mòr as an teampall, ag ràdh ris na seachd aingil, Imichibh, agus taomaibh soithichean fearg Dhè air an talamh.

Agus thaom an còigeamh aingeal a shoitheach air rìgh-chathair an fhiadh-bheathaich; agus rinneadh a rìoghachd dorcha; agus chagainn daoine an teangaidhean tre phèin,

Agus thug iad toibheum do Dhia nèimh airson am piantan agus an creuchdan, agus cha do ghabh iad aithreachas den gnìomharan.

Agus thaom an siathamh aingeal a shoitheach air an abhainn mhòir Euphràtes; agus thiormaicheadh a h‑uisge, a‑chum gun ullaichte slighe rìghrean na h‑àird an ear.

Agus chunnaic mi a’ teachd a‑mach à beul an dràgoin, agus à beul an fhiadh-bheathaich, agus à beul an fhàidh-bhrèige, trì spioradan neòghlan, cosmhail ri losgainn.

Oir is iad sin spioradan dheamhan, a’ dèanamh chomharraidhean, a tha a’ dol a‑mach a‑chum rìghrean na talmhainn, agus an domhain uile, gun cruinneachadh a‑chum cath là mòr sin an Dè uile-chumhachdaich.

Feuch, tha mi a’ teachd mar ghadaiche. Is beannaichte esan a nì faire, agus a ghleidheas a èideadh, a‑chum nach imich e lomnochd, agus nach faic daoine a nàire.

Agus chruinnich iad iad ri chèile a‑chum ionaid ris an abrar anns an Eabhra, Armagedon.

Agus thaom an seachdamh aingeal a shoitheach anns an adhar; agus thàinig guth mòr a‑mach à teampall nèimh, on rìgh-chathair, ag ràdh, Tha e dèante.

Agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich ann; agus bha crith-thalmhainn mhòr ann, nach robh a leithid ann o bha daoine air an talamh, a samhail de chrith-thalmhainn cho mòr.

Agus bha am baile mòr air a roinn na thrì earrannan, agus thuit bailtean nan cinneach: agus thàinig Bàbilon mhòr an cuimhne an làthair Dhè, a thoirt dhi cupan-fìona fraoch a fheirge.

Agus dh’imich an ciad aingeal, agus thaom e a shoitheach air an talamh; agus dh’èirich droch neasgaid nimhneach air na daoine sin aig an robh comharradh an fhiadh-bheathaich, agus orrasan a rinn adhradh da ìomhaigh.

Taisbeanadh 16:3-4

Agus thaom an dara aingeal a shoitheach anns an fhairge; agus rinneadh i mar fhuil duine mhairbh: agus fhuair gach anam beò bàs anns an fhairge.

Agus thaom an treas aingeal a shoitheach anns na h‑aibhnichean agus anns na tobraichean uisge; agus rinneadh iad nam fuil.

Taisbeanadh 16:8-9

Agus thaom an ceathramh aingeal a shoitheach air a’ ghrèin; agus thugadh cumhachd dha daoine a phianadh le ainteas teine.

Agus bha daoine air an losgadh le teas mòr, agus thug iad toibheum do ainm Dhè, aig a bheil cumhachd air na plàighean sin: agus cha do rinn iad aithreachas, a‑chum glòir a thoirt dhàsan.

Taisbeanadh 16:10-11

Agus thaom an còigeamh aingeal a shoitheach air rìgh-chathair an fhiadh-bheathaich; agus rinneadh a rìoghachd dorcha; agus chagainn daoine an teangaidhean tre phèin,

Agus thug iad toibheum do Dhia nèimh airson am piantan agus an creuchdan, agus cha do ghabh iad aithreachas den gnìomharan.

Taisbeanadh 16:12-16

Agus thaom an siathamh aingeal a shoitheach air an abhainn mhòir Euphràtes; agus thiormaicheadh a h‑uisge, a‑chum gun ullaichte slighe rìghrean na h‑àird an ear.

Agus chunnaic mi a’ teachd a‑mach à beul an dràgoin, agus à beul an fhiadh-bheathaich, agus à beul an fhàidh-bhrèige, trì spioradan neòghlan, cosmhail ri losgainn.

Oir is iad sin spioradan dheamhan, a’ dèanamh chomharraidhean, a tha a’ dol a‑mach a‑chum rìghrean na talmhainn, agus an domhain uile, gun cruinneachadh a‑chum cath là mòr sin an Dè uile-chumhachdaich.

Feuch, tha mi a’ teachd mar ghadaiche. Is beannaichte esan a nì faire, agus a ghleidheas a èideadh, a‑chum nach imich e lomnochd, agus nach faic daoine a nàire.

Agus chruinnich iad iad ri chèile a‑chum ionaid ris an abrar anns an Eabhra, Armagedon.

Taisbeanadh 16:17-21

Agus thaom an seachdamh aingeal a shoitheach anns an adhar; agus thàinig guth mòr a‑mach à teampall nèimh, on rìgh-chathair, ag ràdh, Tha e dèante.

Agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich ann; agus bha crith-thalmhainn mhòr ann, nach robh a leithid ann o bha daoine air an talamh, a samhail de chrith-thalmhainn cho mòr.

Agus bha am baile mòr air a roinn na thrì earrannan, agus thuit bailtean nan cinneach: agus thàinig Bàbilon mhòr an cuimhne an làthair Dhè, a thoirt dhi cupan-fìona fraoch a fheirge.

Agus dh’imich an ciad aingeal, agus thaom e a shoitheach air an talamh; agus dh’èirich droch neasgaid nimhneach air na daoine sin aig an robh comharradh an fhiadh-bheathaich, agus orrasan a rinn adhradh da ìomhaigh.

Agus theich gach uile eilean as, agus cha d’fhuaireadh na beanntan.

Agus thàinig clachan-meallain mòra a‑nuas o nèamh air daoine, gach clach cho trom ri tàlann: agus thug daoine toibheum do Dhia, airson plàigh nan clachan-meallain; oir bha am plàigh ro‑mhòr.

Taisbeanadh 17:1-2

Agus thàinig aon de na seachd aingil aig an robh na seachd soithichean, agus labhair e rium, ag ràdh rium, Thig an seo; nochdaidh mi dhut breitheanas na strìopaich mhòir, a tha na suidhe air mòran uisgeachan:

Is seachd rìghrean iad mar an ceudna: tha còig dhiubh air tuiteam, agus tha aon ann: cha tàinig am fear eile fhathast; agus nuair a thig e, is èiginn dha fantainn rè ùine bhig.

Agus am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil ann, is esan an t‑ochdamh, agus tha e on t‑seachdnar, agus thèid e am mugha.

Agus na deich adhaircean a chunnaic thu, is deich rìghrean iad, nach d’fhuair rìoghachd fhathast, ach a tha a’ faotainn cumhachd mar rìghrean rè aon uaire maille ris an fhiadh-bheathach.

Tha aca seo aon inntinn, agus bheir iad an neart agus an cumhachd don fhiadh-bheathach.

Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas.

Agus thubhairt e rium, Na h‑uisgeachan a chunnaic thu, far a bheil an strìopach na suidhe, is slòigh, agus coitheanail, agus cinnich, agus teangan iad.

Agus na deich adhaircean a chunnaic thu air an fhiadh-bheathach, bheir iad sin fuath don strìopaich, agus nì iad fàs i, agus lomnochd, agus ithidh iad a feòil, agus loisgidh iad i le teine.

Oir chuir Dia nan cridhe a thoil a choileanadh, agus a bhith a dh’aon chomhairle, agus an rìoghachd a thoirt don fhiadh-bheathach, gus an coileanar briathran Dhè.

Agus is i a’ bhean a chunnaic thu, am baile mòr sin, a tha a’ rìoghachadh os cionn rìghrean na talmhainn.

Ris an do rinn rìghrean na talmhainn strìopachas, agus aig an do chuireadh luchd-àiteachaidh na talmhainn air mhisg le fìon a strìopachais.

Taisbeanadh 17:12-14

Agus na deich adhaircean a chunnaic thu, is deich rìghrean iad, nach d’fhuair rìoghachd fhathast, ach a tha a’ faotainn cumhachd mar rìghrean rè aon uaire maille ris an fhiadh-bheathach.

Tha aca seo aon inntinn, agus bheir iad an neart agus an cumhachd don fhiadh-bheathach.

Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas.

Taisbeanadh 18:2

Agus ghlaodh e gu làidir le guth mòr, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon mhòr, agus rinneadh i na h‑àite-còmhnaidh dheamhan, na prìosan do gach spiorad neòghlan, na h‑ionad-cumail do gach eun neòghlan agus fuathmhor.

Taisbeanadh 18:8

Uime sin ann an aon là thig a plàighean, bàs, agus bròn, agus gorta; agus loisgear i gu tur le teine: oir is neartmhor an Tighearna Dia a bheir breith oirre.

Taisbeanadh 18:21-24

Agus thog aingeal treun clach mar chloich-mhuilinn mhòir, agus thilg e anns an fhairge i, ag ràdh, Is ann mar seo le neart a thilgear sìos am baile mòr sin Bàbilon, agus chan fhaighear e nas mò.

Agus cha chluinnear annad nas mò fuaim chlàrsairean, agus luchd-ciùil, agus phìobairean, agus thrompadairean; agus chan fhaighear annad nas mò fear-ceàirde, de ghnè ceàirde sam bith; agus cha chluinnear fuaim cloiche-muilinn annad nas mò;

Agus cha soillsich solas coinnle annad nas mò; agus cha chluinnear annad nas mò guth fear-bainnse no bean-bainnse: oir b’iad do cheannaichean daoine mòra na talmhainn; agus led dhraoidheachd bha na h‑uile chinnich air am mealladh:

Agus fhuaireadh ann fuil fhàidhean, agus naomh, agus nan uile dhaoine a mharbhadh air an talamh.

Taisbeanadh 19:11-16

Agus chunnaic mi nèamh air fhosgladh, agus, feuch, each geal; agus ghoireadh den Tì a shuidh air Dìleas, agus Fìor; agus ann am fìreantachd tha e a’ dèanamh breitheanais agus cogaidh.

Agus bha a shùilean mar lasair theine, agus air a cheann bha mòran chrùn; agus bha ainm aige sgrìobhte, nach b’aithne do neach sam bith ach e fhèin;

Agus bha e air a sgeadachadh le trusgan tumte ann am fuil: agus is e an t‑ainm a ghoirear dheth, FACAL DHE.

Agus lean na h‑armailtean a bha air nèamh e air eich gheala, air an sgeadachadh le lìon-aodach grinn, geal agus glan.

Agus as a bheul tha claidheamh geur a’ dol a‑mach, a‑chum gum buaileadh e na cinnich leis; agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: agus tha e a’ saltairt fìon-amair fraoch-feirge an Dè uile-chumhachdaich.

Agus tha aige air a thrusgan agus air a leis ainm sgrìobhte, RIGH NAN RIGH, AGUS TIGHEARNA NAN TIGHEARNA.

Taisbeanadh 19:19-21

Agus chunnaic mi am fiadh-bheathach, agus rìghrean na talmhainn, agus an armailtean air an cruinneachadh, a dhèanamh cogaidh an aghaidh an Tì a bha na shuidhe air an each, agus an aghaidh a armailt-san.

Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.

Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh-bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnasg.

Agus mharbhadh a’ chuid eile le claidheamh an Tì a bha na shuidhe air an each, a thàinig a‑mach as a bheul: agus bha an eunlaith uile air an lìonadh lem feòil.

Taisbeanadh 20:1-3

Agus chunnaic mi aingeal a’ teachd a‑nuas o nèamh, agus iuchair sloc an dubh-aigein aige, agus slabhraidh mhòr na làimh.

Agus thilgeadh an diabhal a mheall iad anns an loch theine agus phronnaisg, far a bheil am fiadh-bheathach, agus am fàidh brèige, agus bidh iad air am pianadh a là agus a dh’oidhche, gu saoghal nan saoghal.

Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.

Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan.

Agus thug an fhairge uaipe na mairbh a bha innte; agus thug am bàs agus an uaigh uapa na mairbh a bha annta: agus thugadh breith orra gach aon a rèir an gnìomharan.

Agus thilgeadh am bàs agus ifrinn don loch theine: is e seo an dara bàs.

Agus ge bè air bith nach d’fhuaireadh sgrìobhte ann an leabhar na beatha, thilgeadh e anns an loch theine.

Agus rug e air an dràgon, an t‑seann nathair nimhe sin, as e an diabhal agus Sàtan, agus cheangail e e rè mìle bliadhna;

Agus thilg e e do shloc an dubh-aigein, agus dhùin e a‑staigh e, agus chuir e seula air, a‑chum nach mealladh e na cinnich tuilleadh, gus an crìochnaichte am mìle bliadhna: agus an dèidh sin, is èiginn gum fuasglar e rè ùine bhig.

Taisbeanadh 20:11-15

Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.

Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan.

Agus thug an fhairge uaipe na mairbh a bha innte; agus thug am bàs agus an uaigh uapa na mairbh a bha annta: agus thugadh breith orra gach aon a rèir an gnìomharan.

Agus thilgeadh am bàs agus ifrinn don loch theine: is e seo an dara bàs.

Agus ge bè air bith nach d’fhuaireadh sgrìobhte ann an leabhar na beatha, thilgeadh e anns an loch theine.

Taisbeanadh 22:12

Agus, feuch, tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr; agus tha mo luach-saothrach maille rium, a thoirt do gach aon fa leth, a rèir mar a bhios a ghnìomharan.

Urnuigh ri Dia

A Thighearna, is tu an Alfa is an Omega! A Athair, cruthaiche nèimh is talmhainn, is tu a’ chiad agus an t-àrd, an toiseach is an deireadh. A Dhè na glòire, ann an ainm Ìosa tha mi ag iarraidh ort, a Thighearna, las suas annad mo ghràdh agus an teine ​​​​airson do lorg gach latha, ge bith dè a chì mi mun cuairt orm, oir tha e sgrìobhte: "Bithibh faiceallach, oir chan eil fios agaibh air an latha no an uair a thig Mac an Duine." Glan mi agus dèan mi deiseil airson uair do theachd. Ullaich mi agus glan mi oir chan eil mi airson fuireach san àmhghar mhòr, saor mi bho bhith air mo mhealladh le sruthan ceàrr no teagasg meallta, na leig leam fàs fuar no leig le dìomhanas mo chuairteachadh. Dèan mi nad leanabh dìcheallach agus cunntachail gus a bhith deiseil airson a h-uile deagh obair agus seirbheis an seo air an talamh, tha do fhacal ag ràdh: "Oir is ann le gràs a tha sibh air ur sàbhaladh tro chreideamh; agus chan ann uaibh fhèin a tha seo, is e tiodhlac Dhè a th’ ann, chan ann le obraichean, air eagal ’s gum bi duine a’ bòstadh." Na leig leis an t-salachar no an truailleachd mo shùilean a thionndadh air falbh bhuat, a Thighearna. Oir tha e sgrìobhte: "Na mealladh duine sam bith sibh ann an dòigh sam bith; oir cha tig e gun an tig an apostasy an toiseach, agus gun nochd duine a’ pheacaidh, mac na sgrios, a tha a’ cur an aghaidh agus ag èirigh an aghaidh a h-uile nì ris an canar Dia no is e nì adhartais a th’ ann; gus am bi e na shuidhe ann an teampall Dhè mar Dhia, ga dhèanamh fhèin mar Dhia.” Cuidich mi gus co-chomunn dlùth a chumail riut an-còmhnaidh agus ùine càileachd a chaitheamh nad làthair, a’ faireachdainn agus a’ trasgadh an-còmhnaidh gus nach tèid mo mhealladh. Ann an ainm Ìosa. Amen.