Ioel 2 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Sèidibh-se an trompaid ann an Sion, agus èighibh caismeachd catha ann am shliabh naomh-sa: criothnaicheadh uile luchd-àiteachaidh na tìre; oir tha là an Tighearna a’ teachd, oir tha e am fagas. 2 Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach. 3 Romhpa tha teine ri sgrios, agus nan dèidh tha lasair a’ losgadh: tha am fearann mar ghàrradh Edein romhpa, agus nan dèidh na fhàsach uaigneach; seadh, cha bhi dol as aig aon nì uapa. 4 Bidh an coslas mar choslas each; agus mar mharcaichean is amhlaidh a ruitheas iad. 5 Mar fharam charbad air mhullach nam beann leumaidh iad; mar thoirm lasair theine a loisgeas an asbhuain: mar shluagh làidir air an cur an òrdagh catha. 6 Ron gnùis bidh geur-ghoimh air an t‑sluagh: tionailidh a h‑uile aghaidh dubhachas. 7 Ruithidh iad air an aghaidh mar dhaoine cumhachdach; streapaidh iad am balla mar luchd-cogaidh; agus siùbhlaidh iad gach aon air a shlighe, agus cha bhris iad an òrdagh. 8 Cha mhò a theannaicheas aon air aon eile; coisichidh iad gach aon na cheum fhèin: agus ma thuiteas iad air a’ chlaidheamh, cha bhi iad air an leònadh. 9 Ruithidh iad air an ais agus air an aghaidh anns a’ bhaile: ruithidh iad air a’ bhalla: streapaidh iad suas do na taighean: thèid iad a‑steach air na h‑uinneagan mar mhèirleach. 10 Bidh ball-chrith air an talamh romhpa, criothnaichidh na nèamhan: bidh a’ ghrian agus a’ ghealach dorcha, agus cumaidh na reultan air ais an dealradh. 11 Agus cuiridh an Tighearna a‑mach a ghuth fa chomhair a fheachd: oir tha a champ ro‑mhòr; oir is treun esan a thoirt gu buil a fhacail; oir tha là an Tighearna mòr agus ro‑uamhasach, agus cò a dh’fhaodas a fhulang? 12 Uime sin a‑nis mar an ceudna, tha an Tighearna ag ràdh, tillibh am ionnsaigh-sa le ur n‑uile chridhe, agus le trasg, agus le gul, agus le caoidh. 13 Agus reubaibh ur cridhe, agus chan e ur n‑aodach; agus tillibh ris an Tighearna ur Dia: oir tha e tròcaireach agus iochdmhor, mall a‑chum feirge, agus làn de chaomhalachd, agus gabhaidh e aithreachas mun olc. 14 Cò aig a bheil fios nach till, agus nach gabh e aithreachas, agus nach fàg e beannachd na dhèidh, tabhartas-bìdh, agus tabhartas-dibhe, don Tighearna ur Dia? 15 Sèidibh an trompaid ann an Sion, naomhaichibh trasg, gairmibh là toirmisg. 16 Cruinnichibh an sluagh, naomhaichibh an coitheanal; gairmibh na seanairean; tionailibh a’ chlann, agus iadsan a tha a’ deoghail na cìche: rachadh am fear nuadh-pòsda a‑mach as a sheòmar, agus a’ bhean nuadh-phòsda a‑mach as a seòmar uaigneach. 17 Dèanadh na sagartan, seirbhisich an Tighearna, gul eadar an sgàth-thaigh agus an altair, agus abradh iad, Coigil, O Thighearna, do shluagh, agus na toir d’oighreachd thairis gu masladh: a‑chum gun riaghladh na cinnich os an cionn: cuime an abradh iad am measg nan cinneach, Càit a bheil an Dia? 18 An sin bidh an Tighearna eudmhor ma fhearann, agus gabhaidh e truas da shluagh. 19 Seadh, freagraidh an Tighearna, agus their e ra shluagh; Feuch, cuiridh mi dur n‑ionnsaigh arbhar, agus fìon, agus ola, agus bidh sibh air ur sàsachadh leo; agus cha dèan mi sibh nas mò nur masladh am measg nan cinneach. 20 Ach atharraichidh mi am fad uaibh feachd na h‑àird a tuath, agus fògraidh mi e gu fearann falamh fàsail, a thoiseach gus an fhairge an ear, agus a dheireadh gus an fhairge an iar; agus thig a bhrèine a‑nìos, agus èiridh a dhroch fhàile, a chionn gun do mhaoidh e nithean mòra. 21 Na biodh eagal ort, O fhearainn; bi luathghaireach agus ait: oir nì an Tighearna nithean mòra. 22 Na biodh eagal oirbh, a bheathaichean na machrach: oir tha cluaintean an fhàsaich a’ briseadh a‑nìos; oir tha a’ chraobh a’ giùlan a toraidh; tha an crann-fìge agus an fhìonain a’ toirt seachad an neirt. 23 Bithibh ait, matà, O chlann Shioin, agus dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna ur Dia; oir thug e dhuibh an ciad uisge ann an ceart-thomhas; agus bheir e air frasan teachd a‑nuas dur n‑ionnsaigh, an ciad uisge, agus an t‑uisge deireannach amhail roimhe seo. 24 Agus bidh na h‑ùrlair-bhualaidh làn de chruithneachd, agus cuiridh na dabhachan thairis le fìon agus le ola. 25 Agus aisigidh mise dhuibh na bliadhnachan a dh’ith an lòcast, a’ chnàmh-bheist, am burras, a’ phailm-chnuimh, m’fheachd mòr, a chuir mi nur measg. 26 Agus ithidh sibh ann am pailteas, agus bidh sibh sàthach, agus cliùthaichidh sibh ainm an Tighearna ur Dia, a bhuin ribh gu h‑iongantach: agus cha nàraichear am feasd mo shluagh-sa. 27 Agus aithnichidh sibh gu bheil mise ann am meadhon Israeil, agus gur mi an Tighearna ur Dia, agus nach aon air bith eile: agus cha nàraichear am feasd mo shluagh. 28 Agus tàrlaidh na dhèidh sin, gun dòirt mise a‑mach mo Spiorad air gach uile fheòil, agus nì ur mic agus ur nigheanan fàistneachd, bruadairidh ur seann daoine bruadair, agus chì ur n‑òganaich seallaidhean: 29 Agus fòs air na h‑òglaich, agus air na banoglaich, anns na làithean sin, dòirtidh mi a‑mach mo Spiorad. 30 Agus nochdaidh mi iongantasan anns na nèamhan, agus air an talamh; fuil, agus teine, agus smùidrich dheataich. 31 Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus uamhasach an Tighearna. 32 Agus tàrlaidh, ge bè air bith a ghairmeas air ainm an Tighearna, tèarnar e: oir ann an sliabh Shioin agus ann an Ierusalem bidh tèarnadh, mar a thubhairt an Tighearna; eadhon am measg an iarmaid a ghairmeas an Tighearna. |