Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Ioel 1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Facal an Tighearna a thàinig a‑chum Ioeil mhic Phetueil.

2 Cluinnibh-se seo, a sheann daoine; agus thugaibh-se fa‑near, uile luchd-àiteachaidh na tìre: an robh seo nur làithean-se, no an làithean ur n‑athraichean?

3 Innsibh-se dur cloinn e, agus innseadh ur clann don cloinn-san agus an clann-san do ghinealach eile.

4 An nì sin a dh’fhàg a’ phailm-chnuimh, dh’ith an lòcast; agus an nì a dh’fhàg an lòcast, dh’ith a’ chnàmh-bheist; agus an nì sin a dh’fhàg a’ chnàmh-bheist, dh’ith am burras.

5 Dùisgibh, a mhisgearan, agus guilibh; agus dèanaibh-se caoidh, uile phòitearan fìona, airson an fhìon-nuaidh, oir tha e air a ghearradh air falbh o ur beul.

6 Oir tha cinneach air teachd a‑nìos air m’fhearann-sa, treun, agus thar àireamh; is fiaclan leòmhainn am fiaclan; agus tha fiaclan-carbaid leòmhainn bhoirinn aca.

7 Dh’fhàg iad m’fhìonain-sa na fàsach, agus rùisg iad mo chrann-fìge; rùisg iad e gu buileach, agus thilg iad air falbh e; tha a gheugan air an dèanamh geal.

8 Dèan caoidh mar òigh crioslaichte le aodach-saic airson cèile a h‑òige.

9 Tha an tabhartas-bìdh air a ghearradh air falbh, agus an tabhartas-dibhe o thaigh an Tighearna; dèanaibh-se bròn, O shagartan, òglaich an Tighearna.

10 Tha a’ mhachair na fàsach, tha an talamh ri caoidh; oir tha an t‑arbhar air a mhilleadh; tha am fìon nuadh air seargadh, dh’fhàilnich an ola.

11 Gabhaibh nàire, O threabhaichean: dèanaibh-se caoidh, O luchd-deasachaidh na fìonain, airson a’ chruithneachd, agus airson an eòrna: a chionn gun do mheath fogharadh na machrach.

12 Tha an fhìonain air tiormachadh suas, agus an crann-fìge air seargadh; tha am pomgranat, an crann-pailme fòs agus an crann-ubhall, eadhon uile chraobhan na machrach, air seargadh: gu deimhinn shearg aoibhneas air falbh o chloinn nan daoine.

13 Crioslaichibh sibh fhèin le aodach-saic, agus tuiribh, O shagartan: dèanaibh ulartaich, a luchd-frithealaidh na h‑altarach: thigibh, laighibh fad na h‑oidhche ann an aodach-saic, òglacha mo Dhè: oir tha an tabhartas-bìdh agus an tabhartas-dibhe, air a chumail air ais o thaigh ar Dè.

14 Naomhaichibh-se trasgadh, gairmibh là toirmisg, cruinnichibh na seanairean, uile luchd-àiteachaidh na tìre, gu taigh an Tighearna ur Dia, agus glaodhaibh ris an Tighearna.

15 Och airson an là! Oir tha là an Tighearna dlùth, agus mar lèirsgrios on Uile-chumhachdach thig e.

16 Nach eil ar lòn air a ghearradh as fa chomhair ar sùl? Aoibhneas agus luathghair o thaigh ar Dè?

17 Lobh an sìol fo a fhòidean; dh’fhàgadh fàs na h‑ionadan-tasgaidh; bhriseadh sìos na saibhlean: a chionn gun do shearg an t‑arbhar.

18 Cionnas a tha na beathaichean ag osnaich? Tha na buailtean sprèidhe ann an airc, a chionn nach eil ionaltradh aca: tha na treudan chaorach fòs air am milleadh.

19 Riutsa, O Thighearna, glaodhaidh mise; oir chaith an teine cluaintean an fhàsaich, agus loisg an lasair uile chraobhan na machrach.

20 Tha beathaichean na machrach fòs a’ glaodhaich riutsa: oir thiormaicheadh suas na h‑aibhnichean uisge, agus chaith an teine cluaintean an fhàsaich.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan