Daniel 12 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar. 2 Agus dùisgidh mòran dhiubhsan a tha nan cadal ann an duslach na talmhainn, cuid gu beatha shìorraidh, agus cuid gu nàire agus masladh bith-bhuan. 3 Agus dealraichidh iadsan a tha glic mar shoilleireachd nan speur; agus iadsan a thionndaidheas mòran gu fìreantachd mar na reultan fad saoghal nan saoghal. 4 Ach thusa, O Dhanieil, druid suas na briathran, agus seulaich an leabhar, gu àm na crìche: ruithidh mòran sìos agus suas, agus bidh eòlas air a mheudachadh. 5 An sin dh’amhairc mise Daniel, agus, feuch, sheas dithis eile, aon air an taobh seo de bhruaich na h‑aibhne, agus aon air an taobh eile de bhruaich na h‑aibhne. 6 Agus thubhairt neach ris an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, Cia fhad a bhios gu crìch nan iongantas seo? 7 Agus chuala mi an duine a bha sgeadaichte le lìon-aodach, a bha air uisgeachan na h‑aibhne, nuair a thog e suas a làmh dheas agus a làmh chlì gu nèamh, agus a mhionnaich e airsan a tha beò gu sìorraidh, gum bi e gu aimsir, agus aimsirean, agus leth aimsir: agus nuair a sguireas e de sgapadh feachd an t‑sluaigh naoimh, crìochnaichear na nithean seo uile. 8 Agus chuala mi, ach cha do thuig mi: an sin thubhairt mi, O mo thighearna, ciod a’ chrìoch a bhios aig na nithean seo? 9 Agus thubhairt e, Imich romhad, a Dhanieil: oir tha na briathran air an druideadh suas, agus air an seulachadh gu àm na crìche. 10 Bidh mòran air an glanadh, agus air an dèanamh geal, agus air an dearbhadh: ach nì na h‑aingidh gu h‑olc; agus cha tuig aon neach de na h‑aingidh; ach tuigidh na daoine glice. 11 Agus on àm anns an toirear air falbh an ìobairt làitheil, agus an cuirear suas a’ ghràinealachd a nì lèirsgrios, bidh mìle, dà cheud, ceithir-fichead agus deich làithean. 12 Is beannaichte esan a dh’fheitheas, agus a thig gus am mìle, trì cheud, agus còig-deug ar fhichead là. 13 Ach imich thusa romhad gus an tig a’ chrìoch: oir gabhaidh tu fois, agus seasaidh tu ann ad chrannchur aig crìch nan làithean. |