Amos 5 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Eisdibh-se am facal seo a tha mise a’ cur an cèill nur n‑aghaidh, eadhon tuireadh, O thaigh Israeil. 2 Thuit, agus chan èirich nas mò, òigh Israeil: tha i sìnte a‑mach air a fearann fhèin; chan eil neach ann ga togail suas. 3 Oir mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, A’ chathair a chaidh a‑mach na mìle, fàgaidh i ceud; agus i sin a chaidh a‑mach na ceud, fàgaidh i deichnear aig taigh Israeil. 4 Uime sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh ri taigh Israeil: Iarraibh-se mise, agus mairidh sibh beò: 5 Ach na h‑iarraibh Betel, agus na rachaibh a‑steach gu Gilgal, agus na siùbhlaibh thairis gu Beer-sèba: oir thèid Gilgal gu deimhinn ann am braighdeanas, agus thig Betel gu neoni. 6 Iarraibh an Tighearna agus mairidh sibh beò; air eagal gum bris e mar theine air taigh Iòseiph, agus gun loisg e taigh Israeil, agus nach bi aon neach ann gu a mhùchadh. 7 Sibhse a tha a’ tionndadh breitheanais gu searbhadas, agus a’ leigeadh dhibh fìreantachd air an talamh. 8 Iarraibh esan a tha a’ dèanamh nan seachd reultan agus Orion; agus a’ tionndadh sgàil a’ bhàis gu madainn, agus a nì an là dorcha mar an oidhche: a tha a’ gairm air uisgeachan na fairge, agus gan dòrtadh a‑mach air aghaidh na talmhainn; is e Iehòbhah a ainm: 9 A neartaicheas an creachte an aghaidh an trèin; air chor is gun tig an duine creachte an aghaidh an daingnich. 10 Is fuath leo esan a bheir achmhasan anns a’ gheata: agus is gràin leo esan a labhras gu h‑ionraic. 11 Air an adhbhar sin, a chionn gu bheil sibh a’ saltairt air a’ bhochd, agus a’ gabhail uaithe duaise de chruithneachd; ged thog sibh taighean de chlachan snaidhte, gidheadh chan àitich sibh iad; ged shuidhich sibh fìonliosan taitneach, gidheadh chan òl sibh fìon dhiubh. 12 Oir is aithne dhòmhsa ur lochdan lìonmhor, agus ur peacaidhean mòra; sibhse a tha a’ claoidh an fhìrein, a tha a’ gabhail duaise, agus a’ cur a’ bhochd a lethtaobh anns a’ gheata. 13 Air an adhbhar sin fanaidh an duine glic na thosd anns an àm sin; oir is aimsir olc i. 14 Iarraibh-se math, agus chan e olc, a‑chum gum mair sibh beò: agus mar sin bidh an Tighearna, Dia nan sluagh, leibh mar a labhair sibh fhèin. 15 Fuathaichibh an t‑olc, agus gràdhaichibh am math, agus daingnichibh breitheanas anns a’ gheata; theagamh gum bi an Tighearna, Dia nan sluagh, gràsmhor do iarmad Iòseiph. 16 Oir mar seo tha Iehòbhah, Dia nan sluagh, an Tighearna, ag ràdh, Bidh caoidh anns na h‑uile shràidean; agus their iad anns na h‑uile rathaidean mòra, Mo thruaighe, mo thruaighe! Agus gairmidh iad an treabhaichean gu bròn, agus iadsan a tha eòlach air caoidh gu tuireadh. 17 Agus anns a h‑uile fhìonlios bidh caoineadh: oir gabhaidh mise tro do mheadhon, deir an Tighearna. 18 Is truagh dhuibhse a tha ag iarraidh là an Tighearna. Ciod e sin dhuibhse là an Tighearna? Dorchadas agus chan e solas. 19 Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math-ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh; 20 Nach bi là an Tighearna na dhorchadas, agus chan ann na sholas? Eadhon ro‑dhorcha, agus gun soilleireachd air bith ann? 21 Is fuath leam, is beag orm ur làithean-fèille, agus cha ghabh mi tlachd ann am fàile ur n‑àrd-fhèillean. 22 Ged ìobair sibh dhomh ìobairtean-loisgte, agus tabhartasan-bìdh, cha ghabh mi iad: cha mhò a bheir mi fa‑near tabhartasan-sìthe ur beathaichean reamhar. 23 Buin uam fuaim d’òran; agus ceòl do chlàrsach chan èisd mi. 24 Ach ruitheadh breitheanas sìos mar uisgeachan, agus fìreantachd mar shruth làidir. 25 An do thairg sibh dhòmhsa ìobairtean agus tabhartasan anns an fhàsach rè dà‑fhichead bliadhna, O thaigh Israeil? 26 Chan eadh, ach ghiùlain sibh pàillean ur Moloich, reul ur dè, Ciun, ur dealbhan, a rinn sibh dhuibh fhèin. 27 Uime sin bheir mise oirbh imeachd ann am bruid taobh thall Dhamascais, tha an Tighearna, don ainm Dia nan sluagh, ag ràdh. |