Taisbeanadh 18 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus an dèidh nan nithean seo chunnaic mi aingeal eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, aig an robh cumhachd mòr; agus dhealraich an talamh le a ghlòir. 2 Agus ghlaodh e gu làidir le guth mòr, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon mhòr, agus rinneadh i na h‑àite-còmhnaidh dheamhan, na prìosan do gach spiorad neòghlan, na h‑ionad-cumail do gach eun neòghlan agus fuathmhor. 3 Oir dh’òl na h‑uile chinnich de fhìon fearg a strìopachais, agus rinn rìghrean na talmhainn strìopachas rithe, agus rinneadh saoibhir ceannaichean na talmhainn le pailteas a sògha. 4 Agus chuala mi guth eile o nèamh, ag ràdh, Thigibh a‑mach aisde, mo phoball, a‑chum nach bi sibh com-pàirteach de a peacaidhean, agus nach faigh sibh cuid de a plàighean; 5 Oir tha a peacaidhean air ruigheachd suas gu nèamh, agus chuimhnich Dia a h‑euceartan. 6 Thugaibh ath-dhìol dhi mar a dhìol ise ribh, agus thugaibh dhi a dhà uiread, a rèir a h‑obraichean: anns a’ chupan a lìon i, lìonaibh a dhà uiread dhi. 7 A mheud is a ghlòraich i i fhèin, agus a chaith i a beatha gu sòghail, cho mòr is sin thugaibh dhi de pheanas agus de bhròn: oir tha i ag ràdh na cridhe fhèin, Tha mi am shuidhe am bhànrighinn, agus cha bhantrach mi, agus chan fhaic mi bròn. 8 Uime sin ann an aon là thig a plàighean, bàs, agus bròn, agus gorta; agus loisgear i gu tur le teine: oir is neartmhor an Tighearna Dia a bheir breith oirre. 9 Agus nì rìghrean na talmhainn, a rinn strìopachas agus a chaith am beatha gu sòghail maille rithe, gul agus caoidh air a son, nuair a chì iad deatach a losgaidh, 10 A’ seasamh fad as, tre eagal a peanais, ag ràdh. Mo thruaighe, mo thruaighe! A’ chathair mhòr sin Bàbilon, a’ chathair threun sin! Oir ann an aon uair thàinig do bhreitheanas. 11 Agus nì ceannaichean na talmhainn gul agus caoidh air a son; oir cha cheannaich neach sam bith am bathair nas mò. 12 Bathair òir, agus airgid, agus chlach luachmhor, agus neamhnaidean, agus lìon-aodaich ghrinn, agus phurpair, agus shìoda, agus sgàrlaid, agus gach uile ghnè fhiodh thine, agus gach uile ghnè shoithichean ìbhiridh, agus gach uile ghnè shoithichean de fhiodh ro‑luachmhor, agus de umha, agus de iarann, agus de mharmor, 13 Agus canal, agus nithean deagh-fhàile, agus ola-ungaidh, agus tùis, agus fìon, agus ola, agus min mhìn, agus cruithneachd, agus ainmhidhean, agus caoraich, agus eich, agus carbadan, agus tràillean, agus anaman dhaoine. 14 Agus dh’imich an toradh, air an robh mòr-dhèidh d’anama, uat, agus dh’imich na h‑uile nithean annasach agus maiseach uat, agus chan fhaigh thu iad nas mò. 15 Seasaidh ceannaichean nan nithean seo a rinneadh saoibhir leatha, am fad, air eagal a peanais, a’ gul agus a’ caoidh, 16 Agus ag ràdh, Is truagh am baile mòr sin, a bha air a sgeadachadh le lìon-aodach grinn, agus purpar, agus sgàrlaid, agus a bha air a dhèanamh brèagha le òr, agus le clachan luachmhor, agus le neamhnaidean! 17 Oir ann an aon uair thugadh saoibhreas cho mòr gu neoni. Agus sheas gach uile long-mhaighistir, agus gach uile chuideachd a thèid air longan, agus na seòladairean, agus a mheud is a nì gnothaichean air fairge, am fad, 18 Agus ghlaodh iad, nuair a chunnaic iad deatach a losgaidh, ag ràdh, Cò am baile as cosmhail ris a’ bhaile mhòr seo? 19 Agus thilg iad duslach air an cinn, agus ghlaodh iad, a’ gul agus a’ caoidh, ag ràdh, Is truagh, is truagh, am baile mòr sin, anns an do rinneadh saoibhir iadsan uile aig an robh longan air an fhairge, tre a ghreadhnachas-san! Oir ann an aon uair dh’fhàsaicheadh e. 20 Dèan gàirdeachas os a chionn, O nèamh, agus sibhse, abstoil naomha agus fhàidhean: oir dhìol Dia sibhse air. 21 Agus thog aingeal treun clach mar chloich-mhuilinn mhòir, agus thilg e anns an fhairge i, ag ràdh, Is ann mar seo le neart a thilgear sìos am baile mòr sin Bàbilon, agus chan fhaighear e nas mò. 22 Agus cha chluinnear annad nas mò fuaim chlàrsairean, agus luchd-ciùil, agus phìobairean, agus thrompadairean; agus chan fhaighear annad nas mò fear-ceàirde, de ghnè ceàirde sam bith; agus cha chluinnear fuaim cloiche-muilinn annad nas mò; 23 Agus cha soillsich solas coinnle annad nas mò; agus cha chluinnear annad nas mò guth fear-bainnse no bean-bainnse: oir b’iad do cheannaichean daoine mòra na talmhainn; agus led dhraoidheachd bha na h‑uile chinnich air am mealladh: 24 Agus fhuaireadh ann fuil fhàidhean, agus naomh, agus nan uile dhaoine a mharbhadh air an talamh. |