Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Peadar 4 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Uime sin, o dh’fhuiling Crìosd air ar son-ne anns an fheòil, armaichibh-se mar an ceudna sibh fhèin leis an inntinn cheudna: oir an tì a dh’fhuiling anns an fheòil, sguir e de pheacadh;

2 A‑chum nach caitheadh e fuidheall aimsir anns an fheòil, a rèir ana-miannan dhaoine, ach a rèir toil Dhè.

3 Oir is leòr dhuinn a’ chuid a chaidh seachad de aimsir ar beatha gu toil nan Cinneach a dhèanamh, nuair a shiubhail sinn ann am macnas, ann an ana-miannan, ann an anabarr fìona, ann an geòcaireachd, ann am pòiteireachd, agus ann an iodhal-adhradh ain-dligheach:

4 Nì anns a bheil iad a’ gabhail iongantais, do bhrìgh nach eil sibhse a’ ruith maille riu anns an neò-mheasarrachd cheudna gun tomhas, a’ labhairt uilc umaibh:

5 Muinntir a bheir cunntas dhàsan, a tha ullamh gu breith a thoirt air na beòthan agus air na mairbh.

6 Oir is ann a‑chum na crìche seo a shearmonaicheadh an soisgeul dhaibhsan a tha marbh mar an ceudna, a‑chum gun tugte breith orra a rèir dhaoine anns an fheòil, ach gum biodh iad beò a rèir Dhè anns an Spiorad.

7 Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh.

8 Agus ro na h‑uile nithean biodh agaibh teas-ghràdh da chèile; oir cuiridh gràdh falach air mòran pheacaidhean.

9 Thugaibh aoidheachd da chèile gun ghearan.

10 A rèir mar a fhuair gach aon an tìodhlac, mar sin dèanaibh frithealadh da chèile, mar dheagh stiùbhardan air gràs eugsamhail Dhè.

11 Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.

12 A mhuinntir mo ghràidh, na biodh iongantas oirbh a‑thaobh na deuchainn theinntich, a thig oirbh a‑chum ur dearbhadh, mar gun tàrladh nì‑eigin neo-ghnàthach dhuibh:

13 Ach do bhrìgh gu bheil sibh nur luchd-compàirt de fhulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas; a‑chum mar an ceudna, ann an àm foillseachadh a ghlòire, gun dèan sibh gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr.

14 Ma mhaslaichear sibh airson ainm Chrìosd, is sona sibh; oir tha Spiorad na glòire agus Dhè a’ gabhail còmhnaidh oirbh; dan taobh-san gu deimhinn tha e a’ faotainn toibheim, ach dur taobh-se tha e air a ghlòrachadh.

15 Ach na fuilingeadh aon agaibh mar mhortair, no mar ghadaiche, mo mar fhear droch-bheairt, no mar neach a ghabhas gnothach ri nithean nach buin dha.

16 Gidheadh ma dh’fhuilingeas duine mar Chrìosdaidh, na biodh nàire air; ach thugadh e glòir do Dhia as a leth seo.

17 Oir thàinig an t‑àm anns an tòisich breitheanas aig taigh Dhè: agus ma thòisicheas e againne, ciod as crìoch dhaibhsan a tha eas-umhail do shoisgeul Dhè?

18 Agus mas ann air èiginn a thèarnar am fìrean, càit an taisbein an duine mì‑dhiadhaidh agus am peacach e fhèin?

19 Uime sin, an dream a dh’fhuilingeas a rèir toil Dhè, earbadh iad an anaman ris-san ann an dèanamh maith, mar ri Cruithear dìleas.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan