Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Sephaniah 1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Facal an Tighearna a thàinig gu Sephaniah mac Chusi, mhic Ghedaliah, mhic Amariah, mhic Hisciah, ann an làithean Iosiah, mhic Amoin, rìgh Iùdah.

2 Sgriosaidh mise gu tur na h‑uile nithean bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna.

3 Sgriosaidh mi duine agus ainmhidh, sgriosaidh mi eunlaith an adhair, agus èisg na fairge, agus na ceapan-tuislidh maille ris an h‑aingidh: agus gearraidh mi as an duine bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna.

4 Sìnidh mi fòs a‑mach mo làmh air Iùdah, agus air uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus gearraidh mi as fuidheall Bhàail on àite seo; ainm an luchd-ìobraidh maille ris na sagartan;

5 Agus iadsan a tha ag adhradh do fheachd nèimh air mullach nan taighean; agus iadsan a tha ag adhradh, agus a’ mionnachadh air an Tighearna, agus fòs a’ mionnachadh air Malcham;

6 Agus iadsan a thill air an ais on Tighearna; agus iadsan nach d’iarr an Tighearna, agus nach d’fhiosraich dheth.

7 Bithibh tosdach an làthair an Tighearna Iehòbhah, oir tha là an Tighearna dlùth; oir dh’ullaich an Tighearna ìobairt, ghairm e a aoidhean.

8 Agus tàrlaidh ann an là ìobairt an Tighearna gun smachdaich mise na prionnsachan, agus clann nan rìghrean, agus na h‑uile a tha air an èideadh le culaidh choimhich.

9 Agus air an là cheudna smachdaichidh mi iadsan uile a tha a’ leum air an stairsnich, a tha a’ lìonadh taighean am maighistirean le ainneart agus le ceilg.

10 Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gum bi fuaim èighich o gheata an èisg, agus ulartaich on dara baile, agus bruanadh mòr o na cnuic.

11 Àrd-ghuilibh, a luchd-àiteachaidh Mhacteis, oir tha an luchd-malairt gu h‑iomlan air an gearradh as; tha uile luchd-giùlain an airgid air am milleadh.

12 Agus tàrlaidh anns an àm sin gun rannsaich mise Ierusalem le coinnlean, agus smachdaichidh mi na daoine a tha socrach air an deasgainean; a tha ag ràdh nan cridhe, Cha dèan an Tighearna math, cha mhò a nì e olc.

13 Air an adhbhar sin bidh am maoin na chobhartach, agus an taighean nam fàsach: agus togaidh iad taighean, ach chan àitich iad iad; agus suidhichidh iad fìonliosan, ach chan òl iad am fìon.

14 Tha là mòr an Tighearna dlùth, tha e dlùth, agus a’ deifreachadh gu mòr: tha guth là an Tighearna searbh: guilidh an sin an cumhachdach.

15 Is là feirge an là sin, là trioblaid agus teanntachd; là fàsalachd agus lèirsgrios; là dorchadais agus oglaidheachd; là neul agus tiugh-dhorchadais;

16 Là trompaid agus iolaich an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus an aghaidh nan tùr àrda.

17 Agus bheir mise airc air daoine, ionnas gun siubhail iad mar dhoill; a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna; agus dòirtear a‑mach am fuil mar dhuslach, agus am feòil mar aolach.

18 Cha mhò a dh’fhaodas an airgead no an òr an saoradh ann an là fearg an Tighearna; ach le teine a eud-san loisgear am fearann uile: oir bheir e gu deimhinn lèirsgrios obann air uile luchd-àiteachaidh na tìre.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan