Ieremiah 30 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Am facal a thàinig a‑chum Ieremiah on Tighearna, ag ràdh, 2 Mar seo labhair an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Sgrìobh dhut fhèin na h‑uile bhriathran a labhair mise riut, ann an leabhar. 3 Oir feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an toir mise air a h‑ais bruid mo shluaigh, Israel agus Iùdah, deir an Tighearna, agus bheir mi orra tilleadh a‑chum an fhearainn a thug mi don athraichean, agus sealbhaichidh iad e. 4 Agus seo na briathran a labhair an Tighearna, mu thimcheall Israeil, agus mu thimcheall Iùdah. 5 Oir mar seo deir an Tighearna, Guth criothnachaidh chuala sinn; eagal, agus chan e sìth. 6 Feòraichibh a‑nis, agus feuchaibh am beir fireannach leanabh? Cuime am faic mi gach duine agus a làmhan air a leasraidh, mar mhnaoi ri saothair, agus tha gach uile aghaidh air fàs bàn? 7 Mo thruaighe! oir is mòr an là sin, agus chan eil a choimeas ann: agus is aimsir teanntachd i do Iàcob; ach tèarnar aisde e. 8 Oir tàrlaidh anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh, gum bris mise a chuing bhàrr do mhuineil, agus a chuibhrichean sgaoilidh mi as a chèile; agus cha ghabh coigrich nas mò seirbhis dheth. 9 Ach bheir iad seirbhis don Tighearna an Dia, agus do Dhaibhidh an rìgh, a thogas mise suas dhaibh. 10 Uime sin na biodh eagal ort, a Iàcoib, m’òglach-sa, deir an Tighearna, agus na biodh geilt ort, O Israeil: oir feuch, bheir mise tèarainte thu o chèin, agus do shliochd o thìr an daorsa; agus tillidh Iàcob, agus gheibh e fois agus sìth, agus cha bhi aon neach a’ cur eagail air. 11 Oir tha mise maille riut, deir an Tighearna, a‑chum do thèarnadh: ged bheir mi crìoch iomlan air na h‑uile chinnich gus an d’fhògair mi thu, gidheadh cha toir mi crìoch iomlan ortsa: ach smachdaichidh mi thu ann an tomhas, agus cha leig mi as thu gu h‑iomlan o pheanas. 12 Oir mar seo deir an Tighearna, Is do‑leigheas do bhruthadh, is cràiteach do chreuchd. 13 Chan eil neach ann a nì tagradh air do shon, a‑chum gum biodh tu air do cheangal suas: ìocshlaint a‑chum leigheis chan eil agad. 14 Rinn do leannain gu lèir do dhearmad: chan eil iad gad iarraidh, oir rinn mise do lotadh le lot nàmhaid, le smachdachadh garg; a chionn gu robh do chionta mòr, do lochdan lìonmhor. 15 Cuime an glaodh thu airson d’àmhghair? Cha ghabh do bhròn leigheas; a chionn gu robh do chionta mòr, do lochdan lìonmhor, rinn mise na nithean seo ort. 16 Uime sin bidh iadsan uile a tha gad shlugadh, air an slugadh, agus thèid do naimhdean uile, gach aon dhiubh ann am braighdeanas: bidh iadsan a tha gad chreachadh nan creich, agus na h‑uile a tha a’ dèanamh cobhartaich dhìot, bheir mise gu bhith nan cobhartach. 17 Oir aisigidh mi slàinte dhut, agus lèighsidh mi do chreuchdan, deir an Tighearna; ged a thubhairt iad riut, Dìobarach, Sion, ise do nach eil aig aon neach suim. 18 Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise air a h‑ais bruid pàilleanan Iàcoib, agus air a ionadan-còmhnaidh nì mi iochd, agus togar a’ chathair air a tòrr fhèin, agus bidh an lùchairt a rèir a nòis fhèin air a daingneachadh. 19 Agus a‑mach asda thig buidheachas, agus guth na muinntir a nì gàirdeachas; agus nì mise lìonmhor iad, agus cha bhi iad tearc; nì mi fòs glòrmhor iad, agus cha bhi iad suarach. 20 Bidh a chlann fòs mar roimhe seo agus bidh a choitheanal air a dhaingneachadh ann am làthair-sa, agus nì mi peanas air gach neach a shàraicheas e. 21 Agus thig Uachdaran uaithe fhèin, agus thig a fhear-riaghlaidh a‑mach as a mheadhon; agus tàirngidh mise e, agus thig e dlùth dhomh: oir cò e seo a shocraich a chridhe air teachd am fagas dhòmhsa? deir an Tighearna. 22 Agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhuibhse. 23 Feuch, tha cuairt-ghaoth an Tighearna a’ dol a‑mach le corraich; cuairt-ghaoth bhuan, a thuiteas le dòrainn air ceann nan ciontach. 24 Cha till dian-chorraich an Tighearna air a h‑ais, gus an dèan, agus gus an coilean e, rùn a chridhe: anns na làithean deireannach bheir sibh seo fa‑near. |