Taisbeanadh 6 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chunnaic mi, nuair a dh’fhosgail an t‑Uan aon de na seulachan, agus chuala mi aon de na ceithir beò-chreutairean ag ràdh, mar le fuaim tàirneanaich, Thig, agus faic. 2 Agus chunnaic mi, agus, feuch, each geal; agus bha aig an tì a shuidh air, bogha: agus thugadh dha crùn, agus chaidh e a‑mach a’ buadhachadh, agus a‑chum gum buadhaicheadh e. 3 Agus nuair a dh’fhosgail e an dara seula, chuala mi an dara beò-chreutair ag ràdh, Thig, agus faic. 4 Agus chaidh each eile a‑mach, a bha dearg; agus thugadh cumhachd dhàsan a shuidh air, a‑chum sìth a thoirt on talamh, ionnas gum marbhadh iad a chèile: agus thugadh claidheamh mòr dha. 5 Agus nuair a dh’fhosgail e an treas seula, chuala mi an treas beò-chreutair ag ràdh, Thig, agus faic. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each dubh, agus bha aig an tì a shuidh air, meidh na làimh. 6 Agus chuala mi guth ann am meadhon nan ceithir beò-chreutairean ag ràdh, Tomhas cruithneachd airson pèighinn, agus trì tomhaisean eòrna air phèighinn; agus na dèan cron air an ola, no air an fhìon. 7 Agus nuair a dh’fhosgail e an ceathramh seula, chuala mi guth a’ cheathramh beò-chreutair ag ràdh, Thig, agus faic. 8 Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh-san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh-bheathaichean na talmhainn. 9 Agus nuair a dh’fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anaman na muinntir sin a mharbhadh airson facal Dhè, agus airson na fianais a thug iad: 10 Agus ghlaodh iad le guth mòr, ag ràdh, Cia fhad, O Thighearna naoimh agus fhìrinnich, gus an dèan thu breitheanas, agus an dìol thu ar fuil-ne orrasan a tha nan còmhnaidh air an talamh? 11 Agus thugadh do gach aon dhiubh trusganan fada geala, agus chaidh a ràdh riu, iad a ghabhail fois fhathast rè ùine bhig, gus am biodh an co‑sheirbhisich mar an ceudna, agus am bràithrean a rachadh a mharbhadh mar a chaidh iadsan, air an coileanadh. 12 Agus dh’amhairc mi nuair a dh’fhosgail e an siathamh seula, agus, feuch, bha crith-thalmhainn mhòr ann; agus dh’fhàs a’ ghrian dubh mar shac-aodach de fhionna, agus dh’fhàs a’ ghealach mar fhuil; 13 Agus thuit reultan nèimh air an talamh, mar a thilgeas craobh-fhìge a fìgean an‑abaich, nuair a chrathar i le gaoith mhòir: 14 Agus chaidh nèamh thairis mar ròla leabhair air fhilleadh air a chèile; agus dh’atharraicheadh gach beinn agus eilean as an ionadan fhèin: 15 Agus dh’fhalaich rìghrean na talmhainn, agus na daoine mòra, agus na daoine saoibhir, agus na h‑àrd-cheannardan, agus na daoine cumhachdach, agus gach tràill, agus gach duine saor, iad fhèin ann an uaimhean agus ann an creagan nam beann; 16 Agus thubhairt iad ris na slèibhtean agus ris na creagan, Tuitibh oirnn, agus falaichibh sinn o ghnùis an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus o fheirg an Uain: 17 Oir thàinig là mòr a fheirge-san; agus cò a dh’fhaodas seasamh? |