Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 16 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chuala mi guth mòr as an teampall, ag ràdh ris na seachd aingil, Imichibh, agus taomaibh soithichean fearg Dhè air an talamh.

2 Agus dh’imich an ciad aingeal, agus thaom e a shoitheach air an talamh; agus dh’èirich droch neasgaid nimhneach air na daoine sin aig an robh comharradh an fhiadh-bheathaich, agus orrasan a rinn adhradh da ìomhaigh.

3 Agus thaom an dara aingeal a shoitheach anns an fhairge; agus rinneadh i mar fhuil duine mhairbh: agus fhuair gach anam beò bàs anns an fhairge.

4 Agus thaom an treas aingeal a shoitheach anns na h‑aibhnichean agus anns na tobraichean uisge; agus rinneadh iad nam fuil.

5 Agus chuala mi aingeal nan uisgeachan ag ràdh, Is cothromach thusa, O Thighearna, a tha, agus a bha, agus a bhitheas, do bhrìgh gun tug thu breith air an dòigh seo:

6 Oir dhòirt iadsan fuil naomh agus fhàidhean, agus thug thusa dhaibh fuil ra h‑òl; oir is toillteanach iad.

7 Agus chuala mi neach eile on altair ag ràdh, Seadh, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich, is fìor agus cothromach do bhreitheanais.

8 Agus thaom an ceathramh aingeal a shoitheach air a’ ghrèin; agus thugadh cumhachd dha daoine a phianadh le ainteas teine.

9 Agus bha daoine air an losgadh le teas mòr, agus thug iad toibheum do ainm Dhè, aig a bheil cumhachd air na plàighean sin: agus cha do rinn iad aithreachas, a‑chum glòir a thoirt dhàsan.

10 Agus thaom an còigeamh aingeal a shoitheach air rìgh-chathair an fhiadh-bheathaich; agus rinneadh a rìoghachd dorcha; agus chagainn daoine an teangaidhean tre phèin,

11 Agus thug iad toibheum do Dhia nèimh airson am piantan agus an creuchdan, agus cha do ghabh iad aithreachas den gnìomharan.

12 Agus thaom an siathamh aingeal a shoitheach air an abhainn mhòir Euphràtes; agus thiormaicheadh a h‑uisge, a‑chum gun ullaichte slighe rìghrean na h‑àird an ear.

13 Agus chunnaic mi a’ teachd a‑mach à beul an dràgoin, agus à beul an fhiadh-bheathaich, agus à beul an fhàidh-bhrèige, trì spioradan neòghlan, cosmhail ri losgainn.

14 Oir is iad sin spioradan dheamhan, a’ dèanamh chomharraidhean, a tha a’ dol a‑mach a‑chum rìghrean na talmhainn, agus an domhain uile, gun cruinneachadh a‑chum cath là mòr sin an Dè uile-chumhachdaich.

15 Feuch, tha mi a’ teachd mar ghadaiche. Is beannaichte esan a nì faire, agus a ghleidheas a èideadh, a‑chum nach imich e lomnochd, agus nach faic daoine a nàire.

16 Agus chruinnich iad iad ri chèile a‑chum ionaid ris an abrar anns an Eabhra, Armagedon.

17 Agus thaom an seachdamh aingeal a shoitheach anns an adhar; agus thàinig guth mòr a‑mach à teampall nèimh, on rìgh-chathair, ag ràdh, Tha e dèante.

18 Agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich ann; agus bha crith-thalmhainn mhòr ann, nach robh a leithid ann o bha daoine air an talamh, a samhail de chrith-thalmhainn cho mòr.

19 Agus bha am baile mòr air a roinn na thrì earrannan, agus thuit bailtean nan cinneach: agus thàinig Bàbilon mhòr an cuimhne an làthair Dhè, a thoirt dhi cupan-fìona fraoch a fheirge.

20 Agus theich gach uile eilean as, agus cha d’fhuaireadh na beanntan.

21 Agus thàinig clachan-meallain mòra a‑nuas o nèamh air daoine, gach clach cho trom ri tàlann: agus thug daoine toibheum do Dhia, airson plàigh nan clachan-meallain; oir bha am plàigh ro‑mhòr.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan