Sechariah 12 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Fàistneachd facal an Tighearna. A‑thaobh Israeil, tha an Tighearna ag ràdh, a tha a’ sgaoileadh a‑mach nan nèamh, agus a’ suidheachadh stèidh na talmhainn, agus a’ cruthachadh spiorad duine an taobh a‑staigh dheth: 2 Feuch, nì mise Ierusalem na cupan ball-chrith do na slòigh uile mun cuairt: airson Iùdah mar an ceudna bidh e anns an fheachd an aghaidh Ierusaleim. 3 Agus anns an là sin nì mi Ierusalem na cloich chudthromaich do na slòigh uile; na h‑uile a ghabhas i mar uallach orra fhèin, gearrar iad nam bloighdean: agus na h‑aghaidh bidh uile chinnich an domhain air an cruinneachadh ri chèile. 4 Anns an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, buailidh mise gach each le uamhas, agus a mharcaich le cuthach; agus fosglaidh mi mo shùilean air taigh Iùdah, agus gach aon each aig na slòigh buailidh mi le doille. 5 Agus their uachdarain Iùdah nan cridhe, Is iad luchd-àiteachaidh Ierusaleim mo neart ann an Tighearna nan sluagh, an Dia. 6 Anns an là sin nì mise uachdarain Iùdah mar theallach teine am measg connaidh, agus mar leus teine ann an sguaib; agus loisgidh iad, air an làimh dheis, agus air an làimh chlì, na slòigh uile mun cuairt: agus àitichear Ierusalem a‑rìs, na h‑ionad fhèin, ann an Ierusalem. 7 Saoraidh an Tighearna fòs pàilleanan Iùdah, mar o shean; mun dèan glòir taigh Dhaibhidh, no glòir luchd-àiteachaidh Ierusaleim, iad fhèin àrdachadh an aghaidh Iùdah. 8 Anns an là sin dìonaidh an Tighearna luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus bidh esan a tha lag nam measg anns an là sin mar Dhaibhidh; agus taigh Dhaibhidh mar Dhia, mar aingeal an Tighearna nan làthair. 9 Agus tàrlaidh anns an là sin gun iarr mise na h‑uile chinnich a thig an aghaidh Ierusaleim a mhilleadh. 10 Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad-ghin. 11 Anns an là sin bidh cumha mhòr ann an Ierusalem, cosmhail ri cumha Hadadrimoin, ann an gleann Mhegidoin. 12 Agus nì am fearann caoidh, gach aon teaghlach air leth, agus am mnathan air leth: teaghlach taigh Nàtain air leth, agus am mnathan air leth: 13 Teaghlach taigh Lèbhi air leth, agus am mnathan air leth: teaghlach Shimei air leth, agus am mnathan air leth: 14 Na h‑uile theaghlaichean eile, gach teaghlach air leth, agus am mnathan air leth. |