Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Sechariah 13 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Anns an là sin bidh tobar air fhosgladh do thaigh Dhaibhidh, agus do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, airson peacaidh agus airson neòghlaine.

2 Agus tàrlaidh air an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gun geàrr mise a‑mach ainmean nan iodhalan as an fhearann, agus cha chuimhnichear iad nas mò; agus fòs bheir mi air na fiosaichean agus na spioradan neòghlan siubhal a‑mach as an fhearann.

3 Agus tàrlaidh nuair a nì duine sam bith fàistneachd, an sin gun abair a athair agus a mhàthair, a ghin e, ris, Cha mhair thu beò; oir labhair thu breugan ann an ainm an Tighearna: agus nì a athair agus a mhàthair a ghin e, a bhualadh troimhe nuair a nì e fàistneachd.

4 Agus tàrlaidh anns an là sin gum bi nàire air na fàidhean, gach aon de a shealladh nuair a nì e fàistneachd: cha mhò a chuireas iad umpa fallaingean molach gu mealladh.

5 Ach their gach aon, Chan fhàidh mise, is treabhaiche mi; oir tha còir aig duine eile orm om òige.

6 Agus their aon ris, Ciod iad na lotan sin ann ad làmhan? An sin freagraidh esan, Iad sin leis an do lotadh mi ann an taigh mo chàirdean.

7 Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth-chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig.

8 Agus tàrlaidh anns an fhearann uile tha an Tighearna ag ràdh, gun gearrar as dà thrian ann, agus gum bàsaich iad; ach bidh an treas trian air fhàgail ann.

9 Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan