Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 34 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Dlùthaichibh, a chinneacha, a‑chum èisdeachd; agus thugaibh aire, O fhineachan: èisdeadh an talamh agus a làn, an saoghal agus na h‑uile a tha a’ teachd a‑mach uaithe.

2 Oir tha fearg air an Tighearna an aghaidh nan cinneach uile; agus corraich an aghaidh an slògh uile; chuir e as dhaibh, thug e thairis iad a‑chum casgairt.

3 Agus tilgear am mairbh a‑mach; agus on cairbhean èiridh breun bholadh; agus leaghaidh na slèibhtean sìos lem fuil.

4 Agus crìonaidh feachd nèimh gu lèir air falbh, agus fillear na nèamhan air a chèile mar dhuilleig leabhair; agus tuitidh am feachd uile sìos, mar a thuiteas an duilleag sheargte on fhìonain, agus mar am meas làn-abaich on chrann-fhìge.

5 Oir tha mo chlaidheamh air a chur air mhisg anns na nèamhan; feuch, tuitidh e air Idumèa, agus air an t‑sluagh a mhallaich mise, a‑chum breitheanais.

6 Tha claidheamh an Tighearna sàsaichte le fuil; tha e biadhte le saill, le fuil uan agus ghobhar, le saill àirnean reitheachan; oir tha ìobairt aig an Tighearna ann am Bosrah, agus àr mòr ann an tìr Idumèa.

7 Agus thig na h‑aon-adharcaich a‑nuas maille riu, agus na daimh maille ris na tairbh; agus cuirear an tìr air snàmh le fuil, agus nìthear an duslach reamhar le saill.

8 Oir is e là dìoghaltas an Tighearna a tha ann, agus bliadhna an ath-dhìolaidh airson connsachadh Shioin.

9 Agus iompaichear a sruthan gu pic, agus a duslach gu pronnasg; agus fàsaidh a fearann uile na phìc loisgich.

10 Cha tèid a chur as a dh’oidhche no a là; gu sìorraidh thèid a deatach suas: o àl gu àl bidh i fàs; gu linn nan linn cha tèid aon neach troimhpe.

11 Ach sealbhaichidh am pelican agus a’ ghràineag i; agus gabhaidh a’ chailleach-oidhche agus am fitheach còmhnaidh innte; agus sìnidh e thairis oirre sreang an lèirsgrios, agus clachan na faoineachd.

12 Gairmidh iad a h‑uaislean don rìoghachd, ach cha bhi iad ann; agus thig a ceannardan uile gu neoni.

13 Agus fàsaidh an droigheann suas na lùchairtean; an fheanntagach agus an dris na daingnichean; agus bidh i na fàrdaich aig dràgonan, na h‑àros aig nigheanan na comhachaig.

14 Agus coinnichidh fiadh-bheathaichean an fhàsaich agus fiadh-bheathaichean na machrach a chèile; agus glaodhaidh am fiadh-dhuine ra chompanach; an sin fòs gabhaidh an sgreuchag-oidhche fois, agus gheibh i dhi fhèin àite-tàimh.

15 An sin nì a’ chailleach-oidhche mhòr a nead, agus beiridh i a h‑uighean; agus nì i gur, agus cruinnichidh i a h‑àlach fo a sgàil; an sin fòs cruinnichear na faing, gach aon le a chèile fhèin.

16 Fiosraichibh de leabhar an Tighearna, agus leughaibh; cha bhi aon dhiubh seo air chall, cha bhi aon as eugmhais a cèile; oir is e mo bheul-sa a thug an àithne, agus is e a spiorad a thionail iad.

17 Agus thilg e an crannchur air an son, agus roinn a làmh dhaibh e le sreing; sealbhaichidh iad e gu sìorraidh: o àl gu àl gabhaidh iad còmhnaidh ann.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan