A charaid, tha Ìosa nad Shlànaighear. Dh'fhulaing e bàs air a' chrois air do shon-sa, a ghràidh. 'S e Mac Dhè fhèin a th' ann, agus troimhe-san tha slàinte agus beatha shìorraidh againn.
Tha Ìosa na Rìgh nan Rìghrean agus na Thighearna nan Tighearnan. Dh'fhulaing e airson do pheacaidhean, agus tha e ag iarraidh ort tighinn faisg air a h-uile latha, eòlas fhaighinn air, agus bruidhinn ris. Tha e airson a bhith nad charaid as dlùithe.
Tha gaol cho mòr aige ort 's gun do rinn e an ìobairt mhòr sin air do shon. Tha e ag ràdh ann an Lucas 19:10, "Thàinig Mac an Duine a dh'iarraidh agus a shaorachadh an nì a bha caillte." Chan eil slàinte ri fhaighinn ach troimhe-san, agus saorsa bho chuing an t-saoghail seo a tha a' dol seachad.
Mar a tha Achdan nan Abstol 4:12 ag ràdh, "Chan eil slàinte ann an neach sam bith eile; oir chan eil ainm eile fo nèamh air a thoirt do dhaoine, anns am feum sinn a bhith air ar sàbhaladh."
Seinnibh-se don Tighearna; molaibh-se an Tighearna, oir shaor e anam a’ bhochd à làimh nan aingidh.
Glaodhaidh mise ri Dia, agus saoraidh Iehòbhah mi.
Air feasgar, air madainn agus aig meadhon-là nì mi ùrnaigh, agus glaodhaidh mi gu h‑àrd; agus èisdidh esan rim ghuth.
Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa.
Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm.
Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.
A chionn gur fheàrr do choibhneas gràidh na beatha, bheir mo bhilean cliù dhut.
Mar sin beannaichidh mi thu, an cian as beò mi; ann ad ainm togaidh mi mo làmhan.
Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal.
Is e an Tighearna mo neart agus mo dhàn, agus tha e na shlàinte dhomh: is esan mo Dhia-sa, agus nì mi àite-còmhnaidh dha: Dia m’athar, agus àrdaichidh mi e.
Is math an Tighearna, is daingneach làidir e ann an là na h‑airce, agus is aithne dha iadsan a tha a’ cur an dòchais ann.
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
Beannaichidh mise an Tighearna, a thug comhairle orm; tha m’àirnean mar an ceudna gam theagasg an àm na h‑oidhche.
Chuir mi an Tighearna romham a‑ghnàth; a chionn gu bheil e air mo dheaslàimh, cha ghluaisear mi.
Agus cuiridh iadsan don aithne d’ainm an dòigh annad, oir cha trèig thusa, a Thighearna, iadsan a dh’iarras thu.
Iadsan a chuireas sìol le deòir, buainidh iad le gàirdeachas.
Esan a thèid a‑mach agus a ghuileas, ag iomchar rogha sìl, gu cinnteach thig e a‑rìs le gàirdeachas, ag iomchar a sguab.
Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn-fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn.
Agus saoraidh an Tighearna mi o gach uile dhroch obair, agus gleidhidh e mi a‑chum a rìoghachd nèamhaidh fhèin: dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.
Is dlùth an Tighearna dhaibhsan a tha briste nan cridhe, agus saoraidh e iadsan a tha brùite nan spiorad.
Is e Dia ar tèarmann agus ar neart, ar cobhair ro‑dheas ann an teanntachdan.
Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.
Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.
Air an adhbhar sin cha bhi eagal oirnn, ged ghluaisear an talamh, agus ged atharraichear na beanntan gu meadhon na fairge.
Is tùr làidir ainm an Tighearna: ruithidh am fìrean da ionnsaigh, agus bidh e tèarainte.
Tha m’anam a’ leantainn ris an ùir; beòthaich mi a rèir d’fhacail.
Chuir mi an cèill do shlighean, agus dh’èisd thu rium; teagaisg dhomh do reachdan.
Gabhaidh esan a tha na chòmhnaidh ann an ionad diamhair an Tì as àirde, tàmh fo sgàil an Uile-chumhachdaich.
Chan èirich olc air bith dhut, agus cha tig plàigh am fagas dod fhàrdaich;
Oir bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, a‑chum do ghleidheadh ann ad shlighean uile.
Nan làmhan togaidh iad suas thu, air eagal gum buail thu do chas air cloich.
Air an leòmhann agus an nathair-nimhe saltraidh tu; pronnaidh tu fod chois an leòmhann òg agus an dràgon.
A chionn gu bheil gràdh aige dhomh, saoraidh mi e; àrdaichidh mi e, a chionn gur aithne dha m’ainm.
Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.
Le fad làithean sàsaichidh mi e, agus nochdaidh mi dha mo shlàinte.
Their mi mu thimcheall an Tighearna, Is e mo thèarmann agus mo dhaingneach, mo Dhia anns an cuir mi mo dhòigh.
Thigibh a‑steach na gheatachan le buidheachas, na chùirtean le moladh; thugaibh buidheachas dha, beannaichibh a ainm;
Bithibh làidir agus bithibh misneachail, na biodh eagal agus na biodh faitcheas oirbh ro rìgh Asiria, no ron t‑sluagh mhòr seo uile a tha maille ris; oir is mò a tha leinne na leis-san.
Leis-san tha gàirdean feòla, ach leinne tha an Tighearna ar Dia, a chuideachadh leinn, agus a chur ar catha. Agus dh’earb an sluagh à briathran Heseciah rìgh Iùdah.
Oir tha dearbh-bheachd agam, nach bi bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no cumhachdan, no nithean a tha an làthair, no nithean a tha ri teachd,
No àirde, no doimhne, no creutair sam bith eile, comasach air sinne a sgaradh o ghràdh Dhè a tha ann an Iosa Crìosd ar Tighearna.
Dèan tròcair orm, a Dhè, dèan tròcair orm, oir annadsa tha m’anam a’ cur a dhòigh, agus fo sgàil do sgiathan gabhaidh mi mo thèarmann gus an tèid na h‑uilc seo uile thairis.
Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus moladh gach nì a tha an taobh a‑staigh dhìom a ainm naomh-san.
A rèir ar peacaidhean cha do rinn e oirnn, agus a rèir ar n‑euceartan cha tug e luigheachd dhuinn.
Oir mar a tha na nèamhan àrd os cionn na talmhainn, mar sin tha a thròcair mòr don taobh-san don eagal e.
Cho fad is a tha an àird an ear on àird an iar, cho fad is sin chuir e uainn ar n‑easaontais.
Mar a ghabhas athair truas da chloinn, gabhaidh an Tighearna truas dhiubhsan don eagal e;
Oir is aithne dha ar dealbh; is cuimhne leis gur duslach sinn.
An duine, mar fheur tha a làithean; mar bhlàth na machrach, mar sin fàsaidh e fo bhlàth;
Oir gabhaidh a’ ghaoth thairis, agus cha bhi e ann, agus chan aithnich a ionad fhèin e nas mò.
Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne,
Dhaibhsan a chumas a choicheangal, agus a chuimhnicheas a àitheantan a‑chum an dèanamh.
Shocraich an Tighearna a rìgh-chathair anns na nèamhan, agus tha a rìoghachd a’ riaghladh os cionn nan uile.
Beannaich an Tighearna, O m’anam, agus na dìochuimhnich a thìodhlacan uile.
Is e an Dia bithbhuan do thèarmann, agus foidhe tha na gàirdeanan sìorraidh: agus fuadaichidh e a‑mach an nàmhaid romhad, agus their e, Cuir as dha.
Falaichidh tu iad ann an diamhaireachd do làthaireachd o àilgheas dhaoine; falaichidh tu iad ann am pàillean o strì nan teanga.
Molaidh mi thu, a Thighearna, lem uile chridhe; an làthair nan diathan seinnidh mi cliù dhut.
A chionn gu robh thu ad chobhair agam, uime sin fo sgàil do sgiathan nì mi gàirdeachas.
Tha m’anam a’ dlùth-leantainn riut; cumaidh do dheaslàmh suas mi.
Is esan do chliù, agus is esan do Dhia, a rinn air do shon na nithean mòra agus uamhasach ud, a chunnaic do shùilean.
Molaibh-se an Tighearna, oir is math an nì a bhith a’ tabhairt cliù dar Dia, oir tha e taitneach, agus tha moladh ciatach.
Molaidh mi thu, a Thighearna mo Dhia, lem uile chridhe, agus bheir mi glòir dod ainm gu bràth;
Chan eil neach air bith naomh mar an Tighearna; oir chan eil neach ann ach thu, agus chan eil carraig ann mar ar Dia-ne.
A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.
Uime sin tha thu mòr, a Thighearna Dhè: oir chan eil neach ann cosmhail riut, agus chan eil Dia ann ach thusa, a rèir gach nì a chuala sinn le ar cluasan.
Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.
Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.
Agus coimheadaidh sìth Dhè, a tha thar gach uile thuigse, ur cridhe agus ur n‑inntinn ann an Iosa Crìosd.
Carson a tha thu air do leagadh sìos, O m’anam? Agus carson a tha thu fo bhuaireas an taobh a‑staigh dhìom? Earb thusa à Dia, oir fhathast molaidh mise e, slàinte mo ghnùise agus mo Dhia.
Neach air dha an àithne sin fhaotainn, a thilg iad don phrìosan a b’fhaide a‑staigh, agus a dhaingnich an casan anns a’ cheap.
Agus mu mheadhon-oidhche air do Phòl agus do Shilas ùrnaigh a dhèanamh, sheinn iad laoidh-mholaidh do Dhia; agus chuala na prìosanaich iad.
Uime sin trìdsan thugamaid suas ìobairt-bhuidheachais do Dhia a‑ghnàth, is e sin toradh ar bilean, a’ toirt molaidh da ainm.
Dèanaibh gàirdeachas a‑ghnàth.
Dèanaibh ùrnaigh gun sgur.
Anns gach uile nì thugaibh buidheachas; oir is i seo toil Dhè ann an Iosa Crìosd dur taobh.
Is e an Tighearna mo sholas agus mo shlàinte; cò a chuireas eagal orm? Is e an Tighearna neart mo bheatha; cò a chuireas geilt orm?
Bithibh-se misneachail, agus neartaichidh esan ur cridhe, sibhse uile a chuir ur dòchas anns an Tighearna.
Tilg air an Tighearna do chùram, agus cumaidh esan suas thu; cha leig e am feasd don fhìrean a bhith air a ghluasad.
Eisd, a Dhè, rim ghlaodh; thoir an aire dom ùrnaigh.
O iomall na talmhainn èighidh mi riut, nuair a bhios mo chridhe lag; a‑chum na carraig as àirde na mi fhèin, treòraich thusa mi,
Oir bha thusa ad thèarmann dhomh, ad thùr làidir an aghaidh an nàmhaid.
Togaibh iolach ait do Dhia, a thìrean uile;
Oir dhearbh thu sinn, a Dhè; ghlan thu sinn anns an teine, mar a ghlanar airgead.
Thug thu a‑steach anns an lìon sinn; chuir thu teinn air ar leasraidh.
Thug thu air daoine marcachd thar ar cinn; chaidh sinn tro theine agus tro uisge, ach thug thu a‑mach sinn gu ionad saoibhir.
Thèid mi dod thaigh le ìobairtean-loisgte; coileanaidh mi dhut mo bhòidean,
Leis an d’fhosgladh mo bhilean agus a labhair mo bheul, nuair a bha mi ann an èiginn.
Iobairtean-loisgte de fheudail reamhar ìobraidh mi dhut, maille ri tùis reitheachan; bheir mi suas buar maille ri gobhair. Selah.
Thigibh, èisdibh, sibhse uile air a bheil eagal Dhè, agus cuiridh mi an cèill na rinn e airson m’anama.
Ghlaodh mi ris lem bheul, agus dh’àrdaicheadh e lem theangaidh.
Ma bheir mi spèis do euceart am chridhe, chan èisd an Tighearna rium.
Gu dearbh dh’èisd Dia, thug e an aire do ghuth m’ùrnaigh.
Seinnibh glòir a ainme, dèanaibh a chliù glòrmhor.
Tha m’fheòil agus mo chridhe air fàilneachadh; is e Dia neart mo chridhe agus mo chuibhreann gu sìorraidh.
Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.
Ro dhroch sgeul cha bhi eagal air; tha a chridhe suidhichte, ag earbsa as an Tighearna.
Tha a chridhe air a shocrachadh; cha bhi eagal air, gus am faic e crìoch a naimhdean.
Is toigh leam an Tighearna, oir dh’èisd e ri guth m’athchuingean.
Chreid mi, uime sin labhair mi; chlaoidheadh mi gu mòr.
Thubhairt mi am dheifir, Tha gach duine breugach.
Ciod a dh’ìocas mi don Tighearna airson a uile thìodhlacan dhomh?
Glacaidh mi cupan na slàinte, agus gairmidh mi air ainm an Tighearna.
Iocaidh mi mo bhòidean don Tighearna a‑nis an làthair a shluaigh uile.
Is luachmhor ann an sealladh an Tighearna bàs a naomh.
O a Thighearna, gu deimhinn is mi d’òglach, mac do bhanoglaich; sgaoil thu mo chuibhreach.
Dhutsa ìobraidh mi ìobairt mholaidh, agus air ainm an Tighearna gairmidh mi.
Iocaidh mi mo bhòidean don Tighearna a‑nis an làthair a shluaigh uile,
Ann an cùirtean taigh an Tighearna ann ad mheadhon-sa, O Ierusalem. Molaibh-se an Tighearna.
A chionn gun d’aom e a chluas rium, uime sin rim bheò èighidh mi ris.
O na doimhneachdan ghlaodh mi riut, a Thighearna.
A Thighearna, èisd rim ghuth; thugadh do chluasan an aire do ghuth m’athchuingean.
O Thighearna is tu mo Dhia; àrdaichidh mi thu, molaidh mi d’ainm; oir rinn thu nithean iongantach; is tairisneachd agus fìrinn do chomhairlean o shean.
Oir is aithne dhomh na smuaintean a smaoinich mi dur taobh, deir an Tighearna, smuaintean sìthe, agus chan e aimhleas, a thoirt dhuibh sliochd agus dòchais.
Is ann de thròcairean an Tighearna nach eil sinn air ar caitheamh, a chionn nach eil fàiling air a thròcairean.
Tha iad nuadh gach aon mhadainn; is mòr do dhìlseachd!
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
Agus nuair a thug e comhairle don t‑sluagh, dh’òrdaich e luchd-seinn don Tighearna, daoine a mholadh maise na naomhachd, nuair a thigeadh iad a‑mach ron armailt, agus a theireadh, Thugaibh buidheachas don Tighearna, oir gu bràth mairidh a thròcair.
Agus nuair a thòisich iad air seinn agus air moladh, chuir an Tighearna luchd feall-fhalaich an aghaidh chloinn Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir, a thàinig an aghaidh Iùdah; agus bhuaileadh iad:
Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.
Gabhaibh mo chuing oirbh, agus fòghlamaibh uam, oir tha mise macanta agus iriosal ann an cridhe: agus gheibh sibh fois dur n‑anaman.
Agus thubhairt e ris, An tusa an tì ud a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?
Oir tha mo chuing-sa so‑iomchair, agus tha m’uallach aotrom.
Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.
Togaidh mi mo shùilean a‑chum nam beann, on tig mo chobhair.
Thig mo chobhair on Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.
Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn;
Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas:
Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.
Agus na sgìthicheamaid de mhath a dhèanamh: oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura fannaich sinn.
Chuir mi an Tighearna romham a‑ghnàth; a chionn gu bheil e air mo dheaslàimh, cha ghluaisear mi.
Uime sin nì mo chridhe aoibhneas, agus nì mo ghlòir gàirdeachas; gabhaidh m’fheòil mar an ceudna fois ann an dòchas.
Gidheadh chreid mise gum faicinn maitheas an Tighearna ann an tìr nam beò.
Feith air an Tighearna; glac misneach, agus neartaichidh esan do chridhe. Feith, tha mi ag ràdh, air an Tighearna.
Oir chan eil ach tiota na fheirg; tha beatha na dheagh-ghean; rè oidhche mairidh bròn, ach air madainn thig gàirdeachas.