1 Samuel 2 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus rinn Hanah ùrnaigh, agus thubhairt i, Tha mo chridhe a’ dèanamh gàirdeachais anns an Tighearna; dh’àrdaicheadh m’adharc anns an Tighearna; rinneadh mo bheul farsaing os cionn mo naimhdean, do bhrìgh gu bheil mi aoibhneach ann ad shlàinte-sa. 2 Chan eil neach air bith naomh mar an Tighearna; oir chan eil neach ann ach thu, agus chan eil carraig ann mar ar Dia-ne. 3 Na labhraibh nas mò cho ro‑uaibhreach; na tigeadh àrdan a‑mach as ur beul; oir is Dia eòlais an Tighearna, agus leis-san tha gnìomharan air an cothromachadh. 4 Tha boghannan nan daoine treuna air am briseadh agus tha iadsan a thuislich air an crioslachadh le neart. 5 Iadsan a bha làn, airson arain thuarasdalaich iad iad fhèin; agus iadsan a bha acrach, sguir iad de bhith mar sin: ise a bha roimhe neo-thorrach, rug i seachdnar; agus ise aig an robh mòran cloinne, dh’fhàs i fann. 6 Is e an Tighearna a mharbhas agus a bheothaicheas: bheir e sìos a dh’ionnsaigh na h‑uaighe, agus bheir e a‑nìos. 7 Is e an Tighearna a nì bochd, agus a nì beartach: leagaidh e sìos, agus togaidh e suas. 8 Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra. 9 Casan a naomh gleidhidh e, agus bidh na h‑aingidh tosdach ann an dorchadas; oir le neart cha bhuadhaich duine sam bith. 10 Brisear nam bloighdean eascairdean an Tighearna: as na nèamhan nì e tàirneanach orra: bheir an Tighearna breith air crìochan na talmhainn; agus bheir e neart da rìgh, agus àrdaichidh e adharc a Aoin ungte fhèin. 11 Agus dh’imich Elcanah gu Ramah da thaigh; agus fhritheil an leanabh don Tighearna am fianais Eli, an sagart. 12 A‑nis bu mhic do Bhelial mic Eli; cha b’aithne dhaibh an Tighearna. 13 Agus b’e gnàth nan sagart leis an t‑sluagh, nuair a dh’ìobradh duine sam bith ìobairt, gun tigeadh òglach an t‑sagairt, nuair a bha an fheòil ga bruith, agus greimiche-feòla thrì meur na làimh; 14 Agus bhuaileadh e anns an aghann e, no anns a’ choire bheag, no anns a’ choire mhòr, no anns a’ phoit; gach nì a bheireadh an greimiche-feòla suas, ghabhadh an sagart air a shon fhèin: mar sin rinn iad ann an Siloh, ris na h‑Israelich uile a thàinig an sin. 15 Mar an ceudna mun loisgeadh iad an t‑saill, thigeadh òglach an t‑sagairt, agus theireadh e ris an duine a dh’ìobair, Thoir feòil ga ròstadh don t‑sagart: oir cha ghabh e uat feòil bhruith, ach amh. 16 Agus nan abradh duine sam bith ris, Na dearmadadh iad an t‑saill a losgadh air ball, agus an sin gabh dhut fhèin mar as miann led anam; an sin fhreagradh e, Chan eadh, ach bheir thu dhomh a‑nis; agus mura tabhair, gabhaidh mi a dh’aindeoin. 17 Uime sin bha peacadh nan òganach ro‑mhòr am fianais an Tighearna; oir rinn daoine tarcais air ìobairt an Tighearna. 18 Ach fhritheil Samuel an làthair an Tighearna, agus e na leanabh, air a chrioslachadh le èphod de lìon-aodach. 19 Agus rinn a mhàthair dha còta beag, agus thug i da ionnsaigh e o bhliadhna gu bliadhna, nuair a chaidh i suas maille ra fear a dh’ìobradh na h‑ìobairt bhliadhnail. 20 Agus bheannaich Eli Elcanah agus a bhean, agus thubhairt e, Gun tugadh an Tighearna dhut sliochd on mhnaoi seo, airson an tìodhlaic a thug i seachad don Tighearna. Agus chaidh iad dan àite fhèin. 21 Agus dh’amhairc an Tighearna air Hanah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i trì mic, agus dà nighinn. Agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas am fianais an Tighearna. 22 A‑nis bha Eli ro‑shean, agus chuala e gach nì a rinn a mhic ri Israel uile, agus cionnas a laigh iad leis na mnathan a chruinnich aig doras pàillean a’ choitheanail. 23 Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ dèanamh a leithid seo de nithean? Oir tha mi a’ cluinntinn a‑thaobh ur droch ghnìomharan on t‑sluagh seo uile. 24 Na dèanaibh mar seo, mo mhic: oir cha sgeul math a tha mi a’ cluinntinn, gu bheil sibh a’ toirt air sluagh an Tighearna dol air seachran. 25 Ma pheacaicheas duine an aghaidh duine eile, bheir am britheamh breith air: ach ma pheacaicheas duine an aghaidh an Tighearna, cò a ghuidheas air a shon? Gidheadh cha d’èisd iadsan ri guth an athar, do bhrìgh gum bu toigh leis an Tighearna am marbhadh. 26 (Agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas, agus bha e taitneach araon don Tighearna agus do dhaoine.) 27 Agus thàinig duine le Dia a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An d’fhoillsich mise gu soilleir mi fhèin do thaigh d’athar, nuair a bha iad anns an Eiphit, ann an taigh Phàraoh? 28 Agus an do thagh mi e à treubhan Israeil uile gu bhith na shagart agam, a dh’ìobradh air m’altair, a losgadh tùis, a dh’iomchar èphoid am fhianais? Agus an tug mi do thaigh d’athar na tabhartasan uile a bheirear suas le teine le cloinn Israeil? 29 Carson a tha sibh a’ dèanamh tàir air m’ìobairt, agus air mo thabhartas a dh’àithn mi ann am àite-còmhnaidh, agus a tha thu a’ toirt urraim dod mhic os mo chionn-sa, gu sibh fhèin a dhèanamh reamhar le rogha uile thabhartasan mo shluaigh Israel? 30 Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh. 31 Feuch, tha na làithean a’ teachd anns an geàrr mi dhìot do ghàirdean, agus gàirdean taigh d’athar, air chor is nach bi seann duine ad thaigh. 32 Agus chì thu nàmhaid ann am àite-còmhnaidh-sa anns an uile shaoibhreas a bheir Dia do Israel: agus cha bhi seann duine ad thaigh-sa gu bràth. 33 Agus an duine sin agad nach geàrr mi as om altair, bidh e a chlaoidh do shùl, agus a chràdh do chridhe: agus bàsaichidh uile ghineal do thaighe ann an trèine an neirt. 34 Agus bidh seo na chomharradh dhut, a thig air do dhithis mhac, air Hophni agus Phinehas ann an aon là bàsaichidh iad le chèile. 35 Agus togaidh mi suas dhomh fhèin sagart dìleas, a nì mar a tha e ann am chridhe, agus ann am inntinn; agus togaidh mi dha taigh seasmhach, agus imichidh e am fianais m ’aoin ungte gu bràth. 36 Agus tàrlaidh gun tig gach neach a dh’fhàgar ad thaigh a chromadh sìos dha airson mìr airgid, agus greim arain; agus their e, Cuir mi, guidheam ort, ann an aon de dhreuchdan nan sagart, a‑chum gun ith mi greim arain. |