2 Eachdraidh 20 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus an dèidh nan nithean seo thàinig clann Mhòaib, agus clann Amoin, agus maille riu cuid de na h‑Edomaich, an aghaidh Iehosaphait gu cath. 2 Agus thàinig teachdairean, agus dh’innis iad do Iehosaphat ag ràdh, Tha sluagh mòr a’ teachd ort a‑nall thar fairge, agus o Edom; agus, feuch, tha iad ann an Hasason-tàmar; is e sin En‑gedi. 3 Agus bha eagal air Iehosaphat, agus chuir e a aghaidh a dh’iarraidh an Tighearna, agus ghairm e trasgadh air feadh Iùdah uile. 4 Agus chruinnicheadh Iùdah an ceann a chèile a dh’iarraidh còmhnaidh on Tighearna: eadhon à uile bhailtean Iùdah thàinig iad a dh’iarraidh an Tighearna. 5 Agus sheas Iehosaphat ann an coitheanal Iùdah agus Ierusaleim, ann an taigh an Tighearna, fa chomhair na cùirte nodha. 6 Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè ar n‑athraichean, nach tusa Dia anns na nèamhan? Agus nach eil thu a’ riaghladh os cionn uile rìoghachdan nan cinneach? Agus ann ad làimh-sa nach eil neart agus cumhachd, air chor is nach eil neach air bith comasach air seasamh ad aghaidh? 7 Nach tusa ar Dia-ne, a dh’fhògair a‑mach luchd-àiteachaidh na tìre seo rod shluagh Israel, agus a thug i do shliochd Abrahàim, do charaid, gu bràth? 8 Agus ghabh iad còmhnaidh innte, agus thog iad air do shon-sa innte ionad naomh, airson d’ainme-sa, ag ràdh, 9 Ma thig olc air bith oirnn, claidheamh, breitheanas, no plàigh, no gorta, seasaidh sinn fa chomhair an taighe seo, agus ann ad fhianais-sa (oir tha d’ainm anns an taigh seo), agus glaodhaidh sinn riut nar teinn, agus èisdidh tusa, agus saoraidh tu sinn. 10 Agus a‑nis, feuch, clann Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir; cha do leig thu le Israel dol tron crìochan, nuair a thàinig iad à tìr na h‑Eiphit, ach thionndaidh iad uapa, agus cha do sgrios iad iad; 11 Feuch a‑nis, mar a tha iad a’ toirt luigheachd dhuinn, le teachd gus ar tilgeadh a‑mach as d’oighreachd, a thug thu dhuinn ra sealbhachadh. 12 O ar Dia, nach toir thu breith orra? Oir chan eil neart againne an aghaidh an t‑sluaigh mhòir seo a tha a’ teachd oirnn: agus chan eil fhios againn ciod a nì sinn; ach ortsa tha ar sùilean. 13 Agus sheas Iùdah uile am fianais an Tighearna; mar an ceudna an òigridh, am mnathan, agus an clann. 14 Agus air Iahasiel, mac Shechariah, mhic Bhenaiah, mhic Iehieil, mhic Mhataniah, Lèbhitheach de mhic Asaiph, bha spiorad an Tighearna, ann am meadhon a’ choitheanail: 15 Agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah uile, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus thusa a rìgh Iehosaphait: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh ribh, Na biodh eagal no faitcheas oirbh airson an t‑sluaigh mhòir seo; oir cha leibhse an cath, ach le Dia. 16 A‑màireach rachaibh sìos nan aghaidh: feuch, tha iad a’ teachd a‑nìos rathad uchdach Shids; agus gheibh sibh iad aig ceann an t‑srutha, fa chomhair fàsach Ierueil. 17 Cha bhi cath agaibh ra chur an seo; a‑mhàin thigibh an làthair, seasaibh, agus faicibh saorsa an Tighearna maille ribh, a Iùdah, agus a Ierusaleim: na biodh eagal no faitcheas oirbh; a‑màireach rachaibh a‑mach nan aghaidh, agus bidh an Tighearna maille ribh. 18 Agus chrom Iehosaphat a cheann, le a aghaidh gu làr; agus thuit Iùdah uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, sìos am fianais an Tighearna, a’ dèanamh adhraidh don Tighearna. 19 Agus dh’èirich na Lèbhithich de chloinn nan Cohatach, agus de chloinn nan Corhach, suas a mholadh an Tighearna Dia Israeil le guth mòr, gu h‑àrd. 20 Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh. 21 Agus nuair a thug e comhairle don t‑sluagh, dh’òrdaich e luchd-seinn don Tighearna, daoine a mholadh maise na naomhachd, nuair a thigeadh iad a‑mach ron armailt, agus a theireadh, Thugaibh buidheachas don Tighearna, oir gu bràth mairidh a thròcair. 22 Agus nuair a thòisich iad air seinn agus air moladh, chuir an Tighearna luchd feall-fhalaich an aghaidh chloinn Amoin, agus Mhòaib, agus sliabh Sheir, a thàinig an aghaidh Iùdah; agus bhuaileadh iad: 23 Oir sheas clann Amoin agus Mhòaib suas an aghaidh luchd-àiteachaidh sliabh Sheir, a‑chum am marbhadh agus an sgrios gu tur; agus nuair a chuir iad as do luchd-àiteachaidh Sheir, chuidich iad gach aon dhiubh gus a chèile a sgrios. 24 Agus nuair a thàinig Iùdah làimh ri tùr na faire anns an fhàsach, dh’amhairc iad air an t‑sluagh mhòr, agus, feuch, bha iad nan cuirp mharbha air tuiteam gu talamh, agus cha deachaidh duine as dhiubh. 25 Agus thàinig Iehosaphat agus a shluagh a thoirt leo an creiche; agus fhuair iad nam measg ann am pailteas araon beartas maille ris na cuirp mharbha, agus seudan luachmhor a thug iad dhiubh air an son fhèin, tuilleadh is a b’urrainn iad iomchar leo: agus bha iad trì làithean ann an cruinneachadh na creiche; oir bha i mòr. 26 Agus air a’ cheathramh là chruinnicheadh iad an ceann a chèile ann an gleann Bherachah; oir an sin bheannaich iad an Tighearna: uime sin thugadh mar ainm air an àite sin gleann Bherachah, gus an là‑an‑diugh. 27 An sin thill fir Iùdah agus Ierusaleim uile, agus Iehosaphat air an ceann, a dhol air an ais gu Ierusalem le gàirdeachas; oir thug an Tighearna orra gàirdeachas a dhèanamh os cionn an naimhdean. 28 Agus thàinig iad gu Ierusalem le saltairean, agus le clàrsaichean, agus le trompaidean, a dh’ionnsaigh taigh an Tighearna. 29 Agus bha eagal Dhè air uile rìoghachdan nan dùthchannan sin, nuair a chuala iad gun do chog an Tighearna an aghaidh naimhdean Israeil. 30 Agus bha rìoghachd Iehosaphait sàmhach; oir thug a Dhia fois dha air gach taobh. 31 Agus rìghich Iehosaphat os cionn Iùdah: còig-bliadhna-deug ar fhichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e còig-bliadhna-fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Asubah, nighean Shilhi. 32 Agus ghluais e ann an slighe Asa a athair, agus cha do dhealaich e rithe, a’ dèanamh an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna. 33 Ach cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda oir fhathast cha d’ullaich an sluagh an cridhe airson Dia an athraichean. 34 A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Iehosaphait, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann am briathran Iehu mhic Hanani, a chuir e sìos ann an leabhar rìghrean Israeil. 35 Agus na dhèidh seo rinn Iehosaphat rìgh Iùdah coicheangal ri Ahasiah rìgh Israeil, a bha olc na dhèanadas. 36 Agus rinn e coicheangal ris longan a dhèanamh a rachadh gu Tarsis: agus rinn iad na longan ann an Esion-geber. 37 Ach rinn Elièser, mac Dhodabhah o Mharesah, fàistneachd an aghaidh Iehosaphait, ag ràdh, A chionn gun do rinn thu coicheangal ri Ahasiah, bhris an Tighearna d’obraichean. Agus bhriseadh na longan, agus cha b’urrainn iad dol gu Tarsis. |