Salm 150 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Molaibh-se an Tighearna. Molaibh Dia na ionad naomh; molaibh e ann an speuran a chumhachd. 2 Molaibh e airson a ghnìomharan treuna; molaibh e a rèir àird a mhòrachd. 3 Molaibh e le fuaim trompaid; molaibh e le saltair agus le clàrsaich. 4 Molaibh e le tiompan agus dannsa; molaibh e le innealan-ciùil nan teud agus le organ. 5 Molaibh e le ciombalan fonnmhor; molaibh e le ciombalan àrd-fhuaimneach. 6 Moladh gach nì anns a bheil anail an Tighearna. Molaibh-se an Tighearna. |