Salm 130 - Am Bìoball Gàidhlig 1992Laoidh nan ceum. 1 O na doimhneachdan ghlaodh mi riut, a Thighearna. 2 A Thighearna, èisd rim ghuth; thugadh do chluasan an aire do ghuth m’athchuingean. 3 Ma chomharraicheas tusa aingidheachd, a Thighearna; a Thighearna, cò a sheasas? 4 Ach maille riutsa tha maitheanas, agus uime sin bidh eagal air daoine romhad. 5 Tha mi a’ feitheamh air an Tighearna, tha m’anam a’ feitheamh, agus na fhacal tha mo dhòigh. 6 Tha m’anam a’ feitheamh air an Tighearna, nas mò na luchd-faire na maidne, seadh, na luchd-faire na maidne. 7 Earbadh Israel as an Tighearna, oir aig an Tighearna tha tròcair, agus aigesan tha mòr-shaorsa; 8 Agus saoraidh e Israel o a euceartan gu lèir. |